- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Sgeulachdan Dhonaidh MhicRuairidh
Air a sgrìobhadh le Eilidh air 28mh An Gearran 2019
Anns na beagan làithean mu dheireadh, tha mi air a bhith ag obair air clàr ann an Tasglann Mhòthain air a bheil Stories and Poems from Carinish. Tha trì clàraidhean aig Donaidh MacRuairidh fon tiotal a tha seo: fear à 1996, fear às a’ bhliadhna 2000 agus bha na sgeulachdan is na dàin fhathast a’ taomadh às nuair a bhruidhinn Tracy ris mu dheireadh ann an 2004. Gu mì-fhortanach, chan eil mòran fiosrachaidh againn idir mun fhear shònraichte a tha seo agus a bheatha a bharrachd air na tha ri chluinntinn anns na clàraidhean.Dhèanadh e na dàin aige fhèin sa Bheurla: feadhainn mu na sìthichean, feadhainn mu phlèanaichean agus fear a ghlac m’ aire-sa gu h-àraid mu laogh air an robh ‘Bambi’ a bh’ air a’ chroit aige fhèin ’s e na bhalach òg. Fhuair Bambi bhochd am bàs nuair a shluig i peant ’s a chaidh a puinnseanachadh. Ach b’ iad na sgeulachdan a bh’ aige mu dhaoine na choimhearsnachd fhèin a bu mhotha a chòrd riumsa. B’ ann air iomadh cuspair a tha iad: manaidhean, muinntir an àite fhèin, uilebheistean agus cleachdaidhean a thaobh na gealaich ’s a thaobh na grèine, mar eisimpleir.
A’ bruidhinn air an dàrna sealladh, dh’inns e gun robh cumhachdan sònraichte aig a mhàthair sa leithid bhon a chìtheadh i manaidhean: seallaidhean de rudan mus tachradh iad. Tha sgeulachd aige mu thè ris an canar ‘Bean Shandaidh’ aig an robh nighean a bha gu math bochd. Cheannaich Bean Shandaidh stocainnean agus lèine-bhàis bho athair Dhonaidh mus caochladh an nighean. Chan àbhaist deasachadh a dhèanamh airson bàs cuideigin eile agus dh’fhaodadh tu bhith cinnteach às nach tigeadh dad math às aig a’ cheann thall. Greiseag an dèidh sin, chunnaic màthair Dhonaidh tìodhlacadh a’ dèanamh air a’ chladh à taigh Shandaidh, ach bha Beileag, an nighean a bha bochd, a’ coiseachd còmhla ris an teaghlach. Agus càit an robh a màthair? Tha e coltach gun do chaochail Bean Shandaidh beagan làithean às dèidh do mhàthair Dhonaidh am manadh seo fhaicinn, agus thug e rabhadh dhuinn gun a bhith a’ deasachadh airson bàs cuideigin eile!
Anmoch feasgar eile, nuair a bha Donaidh beagan na bu shine, bha a bhràthair Iain a-muigh air an ‘ran-dan’ agus bha e fhèin a’ dèanamh air an leabaidh. Dh’fhaighnich e dha mhàthair an robh i fhèin am beachd a dhol innte a dh’aithghearr. Fhreagair ise, a’ coimhead a-mach air an uinneig, gun robh i a’ feitheamh gus an tigeadh Iain dhachaigh. Shaoil Donaidh gun robh seo annasach, ach bha a mhàthair cinnteach às nach gluaiseadh i. Bha Donaidh an dùil gun robh i air manadh air choreigin fhaicinn, agus leis a sin, cha do charaich e fhèin gus an do thill a bhràthair. Nuair a nochd e, bha e còmhdaichte ann am fuil – bho mhullach a chinn gu bonn a chasan – agus cuideigin air a dhochann le botal. Bha deagh fhios aig a mhàthair gun robh rudeigin air tachairt agus cha ghluaiseadh i gus am faiceadh i gun robh a mac ceart gu leòr.
Mholainn èisteachd ris na sgeulachdan a th’ aige an-seo. Gheibh sibh deagh bheachd air pearsa an duine a bha cho glic, eirmseach agus air a’ choimhearsnachd san robh e a’ tighinn beò. Coma leibh a bheil ùidh agaibh ann an uilebheistean, taibhsean de bhàird ainmeile, sìthichean neo sgeulachdan mu mhuinntir a’ bhaile fhèin, tha rudeigin air a’ chlàr seo dhan a h-uile duine.
An robh sibh eòlach air Donaidh MacRuairidh? Cuiribh fios thugainn aig mail@dasg.ac.uk, air Facebook neo air Twitter!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo