Mu Thasglann Mhòthain
Anns a’ Mhàirt 2018, bha DASG ann an conaltradh ri Tracy Chipman mu bhith a’ foillseachadh nan clàraidhean-fuaim a rinn i ’s i ag obair air an Hebridean Folklore Project. ’S iad seo Tasglann Mòthain, a chaidh ainmeachadh às dèidh cuairt-litir a bhiodh Tracy a sgaoileadh do a luchd-taice tron phròiseact. Shiubhail Tracy dha na h-Eileanan an Iar gus ùine a chur seachad le còrr is dà fhichead fiosraichean agus gus an sgeulachdan, an òrain, an dàin agus an eòlais a chlàradh.
’S ann air eachdraidh teaghlaich a tha cuid de na sgeulachdan, ach tha cuid eile ann a tha ceudan de bhliadhnaichean a dh’aois agus a tha ainmeil air feadh nan eilean. Tha mòran dhe na fiosraichean air caochladh bhon uairsin, agus cha deach a’ mhòr-chuid de na sgeulachdan a bh’ aca a sgrìobhadh sìos. Tha e na thlachd dhuinne a bhith a’ deasachadh na clàraidhean seo airson an cur air-loidhne, agus tha sinn gu mòr an comain Tracy fhèin airson cead a thoirt dhuinn a clàraidhean a chleachdadh, agus Ghillebrìde Mac ’illeMhaoil airson fios a thoirt gu Tracy mu ar deidhinn sa chiad dol a-mach.
Chan eil tàr-sgrìobhaidhean ri fhaotainn air Tasglann Mòthain aig an ìre-sa, ach thèid agaibh air fiosrachadh mu na clàraidhean fhèin a rùrachadh (m.e., fiosraichean, neach-clàraidh, bliadhna msaa) neo èisteachd ri gach clàr slàn.
Chaidh cead fhaotainn bhon fheadhainn a rinn na clàraidhean seo airson an cur suas air-loidhne gus an deidheadh aig a’ mhòr-shluagh am faotainn saor an-asgaidh. Tha DASG air an cur suas air an eadar-lìon air sgàth ’s gu bheil sinn gu làidir den bheachd gu bheil luach iongantach anns na clàraidhean seo agus gum bi iad a’ cur ri rannsachadh a’ chànain, cànanachas agus a h-eachdraidh. Tha sinn mothachail, ge-tà, gum bi fiosrachadh pearsanta uaireannan a’ nochdadh, neo gum bi stuth ann a tha drabastach neo cliù-mhillteach. Ma tha càil ann a tha buntainneach ribh fhèin air ar làrach-lìn ’s nach tug sibh seachad ur cead air a shon, neo ma tha càil ann a tha drabastach, cliù-mhillteach, neo a bhios a’ dol an aghaidh laghan prìobhaideachd ann an dòigh sam bith, cuiribh fios thugainn an-seo. Ma tha an t-iarrtas dligheach, bheir sinn an stuth far na làraich-lìn rè ùine gus an dèanar fuasgladh air a’ chùis.