Gàidhlig / English
A' Chorra-sgreuch

A' Chorra-sgreuch

Air a sgrìobhadh le Calum air 8mh An Gearran, 2024
Ann am baile Ghlaschu thèid mi gu tric air cuairt seachad air an abhainn Cheilbhinn. Tha i anabarrach brèagha fad na bliadhna air sgàth a nàdar agus na beathaichean a bhios a’ tighinn a thadhail air an abhainn. ’S e “corra-sgreuch” a chì mi gu tric air an abhainn (saoil an e an aon fhear gach turas, ged-thà?) agus bheir sin orm smuaineachadh air seanchas an eòin àlainn seo. Le teachd an earraich romhainn bu chaomh leam na dh’ionnsaich agus na lorg mise a thoirt fa chomhair an t-sluaigh dhuinn ann am brath-bhloga.

Tha iomadh ainm againn airson a’ chorra-sgreuch ann an Gàidhlig na h-Alba: Ann an “The Gaelic Otherworld”, leis an Urr. Iain MacGhriogair Caimbeul, tha na h-ainmean “Corra-Liogain; corra-léigein; corra-lòigein” rin lorg agus tha “Corra-ghlas” ri fhaicinn ann am “Faclan is Abairtean à Ros an Iar” le Roy Wentworth, a bharrachd air “Bonnan-buidhe” agus “Bunnan-buidhe” ann am Faclair Dwelly.

Ged a tha mòran ainm againn airson a’ chorra-sgreuch ann an Alba tha nas motha dhiubh ann an Èirinn. Tha mòran dhiubh car coltach ri ainmean a th’ againn ann an Alba - mar “Corra-réisc”, “corr-mhónadh” agus “Corr-sgréachóg” – tha ainmean pearsanta aca ann an Èireann airson feadhnach dhiubh:
  • Máire fhada
  • Siobhán fhada
  • Siobhán na gcosaí fada
  • Ceataí fhada
  • Sile an ragaidh
  • Joanie an Scrogaill
  • Nóra an ragaidh
  • Sile na bportaithe, m.s.a.a.
Canar nach eil adhbhar a bharrachd air ainm leis gur e “corra” a th’ ann agus gun dèan e “sgreuch”. A rèir coltais chan eil an “còrr” ri ràdh aig a’ chorra-sgreuch an taca ri eòin eile! Ma tha ùidh agaibh ann an cainnt agus gairmean nan eun nach toir sibh sùil air na brath-bhlogaichean “Cainnt nan Eun: Pàirt 1” agus “Pàirt 2” a th’ againn.

Tha grunn mhath sheanfhaclan agus abairtean againn mun chorra-chrithich mar an ceudna:
  • “Aon eun aig a’ chòrr is e gu doitheamh, doirbh; dà eun deug aig an dreòlan is iad gu soitheamh, soirbh.”
Tha an seanfhacal seo a’ taisbeanadh nàdar isean a’ chorra-sgreuch an coimeas ris an dreathan-donn. Obraichidh e airson teaghlaichean aig a bheil fear no tè cloinne a-mhàin (uaireannan ged-thà)! Ach ma dh’fhaoidte ’s gur e sin “fàth mun goir a’ chorr.”

Tha comhairle ann do sealagairean a’ moladh orra na bu chòir dhaibh a leagail fhad ’s a bhios iad a’ sealg:
  • “Cha shealgair thu gus an leag thu corra-ghritheach, fitheach agus fiadh.”
  • “Is sealgair thu nuair a mharbhas tu gèadh, is corr is crotach.”
 
Canar air fear sanntach an seanfhacal a leanas (a tha ri fhaicinn ann an “Gaelic Proverbs” le Alasdair MacNeacail):
  • “Mhealladh e an t-ugh bhon chorra-ghlais, ged bhiodh a dhà shùil a’ coimhead air”.
Ach mur eil sin na ioghnadh dhuibh faodaidh sibh na leanas a labhairt:  
Tha gnàth-cainnt air leth inntinneach (agus connspaideach) ann ma dh’iarrar fhaighinn cuidhteas fear; canar tro toll-iuchrach gu fear air am bu leotha bàs fhaighinn:
  • “An dig thu no an tèid thu, No an d’ ith thu feòil churra-(ghritheach)”.
’S e fear de na mìneachaidhean dheth nach b’ e dìot sheasmhach no brìghmhor a bh’ ann am feòil-chorra. A dh’aindeoin aighear a bhuineas ri sealladh fhaighinn air a’ chorra ’s e eun mì-shealbhach a th’ innte, às a seo an an t-adhbhar airson a’ ghnàthais-cainnt roimhe. Tha sealladh den chorra cho mì-shealbhach gun cleachdar a h-ainm los ball-fanaid a dhèanamh air chuideigin.
 
Airson argamaid fhiadhaich, le maoidheadh air mhaoidheadh, eadar dhithis canar na leanas:
  • “Aithris an darna curra air a’ churra eile”.
Sin agaibh e airson ainmean agus seanchas na Corra-ghrithich. A bheil eòlas no seanchas agaibh nach eil againn an-seo? A bheil ainm eile agaibh air a son? Leigibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo