Gàidhlig / English
Cainnt nan Eun: Pàirt 1

Cainnt nan Eun: Pàirt 1

Air a sgrìobhadh le Calum air 26mh an t-Samhainn, 2020
Tha na Gàidheil uile, ann an gach ceàrn an t-saoghail, den chreideamh gu bheil cànain aig fheadhainn bheathaichean mar a tha againn nar mic-daoine. Tha beartas agus saoibhreas ann de chainnt nan Eun agus na tha iad a’ cantainn dhuinn no ri chèile, feadhainn dhuibh snòg, feadhainn dhuibh nach eil cho snog! Bheir sinn uile air mòran dhuibh anns a’ bhrath-bhloga seo.

Tha an leabhar “Aithris is Oideas” a’ speadhadh le aithrisean, cànan, cainnt agus guthan nan eun. Tha an leabhar fhèin loma-làn le seanchas, rannan, cleasan, toimhseachain, m.s.a.a. ach b’ ann leis a’ a’ chearc agus a cainnt a thòisich an leabhar. ’S e eun gu math bruidhneach a th’ innte a rèir coltais oir tha trì abairtean aice:

(1) “Tog, tog, tog, tog,
Tog an rud a dh’fhàg mi,
Ge beag an t-ugh, ge beag an t-ugh,
Tha stà ann, tha stà ann.”

(2) “Rug, rug rug a dhà
Rug, rug, tug a dhà.”[Cluinnear am fear seo air Cultural Equity, tasglann fuaim aig Alan Lomax.]

(3) “Gog gog gog gog gog gog gù
Beiridh mise a h-uile là agus cha bheir an crodh-laoigh.” [Cultural Equity.]
 
Airson a mheud tha cainnt na broinn-deirg nas bagairtiche na bhithear an dùil:
“Big big bigean,
Cò chreach mo neadan?
Mas e duine mòr e,
Bogaidh mi san lòn e:
Mas e duine beag e,
Cuiridh mi ri creig e:
Mas e duine beag bìodach, bìodach, gun chiall, gun nàire e
Gun glèidheadh Dia mhath dha athair is dha mhàthair fhèin e.”

Tha an aon gairm aig an ann an Aithris is Oideas agus air Tobar an Dualchais – anns a’ chlàr seo – mar an ceudna airson na h-uiseige ach tha gairm eile ann:
“Is minig, minig, minig
A thig Crìosd ann an riochd a’ choigrich.”
 
Tha sgeul innteanach mu ghairm na Comhachaige anns “An Rubha,” earrann 13 àireamh 1, mu dhithis nighean an Rìghe a chaidh fo gheusaibh nan cruth chomhachaig le bana-bhuidhseachd fhad ’s a bha iad a’ sireadh an cuid cruidh. Chun an latha an-diugh bidh iad a’ sireadh an cuid cruidh fhathast a’ faighneachd air a chèile;
“Am faca tu an crodh maol odhar?”
“Chan fhaca ’s chan fhaigh.”

Chan e deagh shealbh a th’ ann guth tiamhaidh na comhachaige a chluinntinn a rèir coltais. B’e manadh a th’ ann gun tigeadh am bàs thugaibh a dh’aithghearr. Theagamh ’s gur e buaidh na bana-bhuidseachd a th’ ann ach ge b’e a th’ ann bithibh faiceallach!
 
Tha òran na h-eala a tha air leth àlainn, tha deagh chàr ann a’ tòiseachadh le “Pilililiu” agus a’ dol gu “Òran na h-Eala”:
“Gu-bhig-ì, gu-bhig-ò
Gu-bhig-ì, gu-bhig-ò
Gu-bhig-ì, gu-bhig-ò
Gu-bhig-ò, gu-bhig-eile.
 
Mo chasan dubh,
Mo chasan dubh,
Mo chasan dubh,
’S mi fhèin ’glè gheal.
 
Rachainn o’m nead,
Rachainn o’m nead,
Rachainn o’m nead.
Is mi fhèin an’ Èireann.”

Tha iomadh òran eile leis an eala ach nochdaidh am facal “guileag” no “Gu-bhi-g(ì)” anns a’ mhor-chuid dhuibh, a’ riochdachadh gairm na h-eala. Tha tionndadh eile den òran fos cionn ri lorg air "Tobar an Dualchais" an seo mar an ceudna. Tha an t-òran “Pilililiu” air leth cliùiteach agus cudromach dhuinn ann an Alba agus saoghal nan Gàidhlig oir is e fear de na h-òrain as sìne a th’ againn, ag aithris guth a’ cham-ghlas no an fhinninich a thilleas do dh’Alba air a’ chladadh.

Tha gairm inntinneach agus ainmeil aig an Smeòrach, tha a gairm a’ tachairt eadar màthair agus a h-isean:
“Iain Ic’ Ille Mhoire Mhic, Thig Dhachaidh Thig Dhachaidh.”
“Ciod a thuige, ciod a thuige?”
“Gu’d dhìnnear, gu’d dhìnnear.”
“Gu dè ’n dìnnear, gu dè ’n dìnnear?”
“Aran cruidh cuilce, aran coirc is miùg leis, is miùg leis.”

Tha sgeulachd ann an Ros an Ear anns an leabhar "Saoghal Bana-Mharaiche," le Seòsamh Watson, aig a bheil cainnt eile air an smeòrach:
"Bha Ùistean dol dachaidh aon oidhche, làn liquor. Shuidh e anns an ditch is bha smeòrach seinn. Bha an smeòrach ràdh is seinn,
'Òl uile e, òl uile e, òl uile e, òl uile e!'
'Chan eil mise amaideach [thuirt Ùistean.] Tha thusa ag iarraidh mi òl uile e, ach chan òl! Tha mi cumail glainneag airson am madainn.'"

Chan eil gairm na Corra-ghrithich cho inntinneach an coimeas ri eòin eile ach tha e inntinneach gu bheil a gairm air ainmeachadh cheana na h-ainm, ’s e “Corra-Sgreuch” (no “Corra-sgritheach”) an t-seann ainm oirre, mar sin cha dèan i ach sgreuch. Theagamh ’s nach eil e cho càilear ri eòin eile ach is fada nas fhasa e ri cuimhneachadh.

Cha do chuala mi dùrd airson a’ gharra-ghairt ged-thà. Tha fios agam nach e eun ainmeil no clùiteach a th’ann ann an saoghal nan eun Albannach ach tha gairm àraid aca. Air sgàth ’s gur e an dual dhaibh an cumail falaichte bho dhaoine bidh an cainnt car coltach rium mar “Ò ò. Ist, bi clis! Is’, bi clis!”

Leanaidh sinn oirnn le tuilleadh mu Chainnt nan Eun ann am brath-bhloga eile ach nach leig sibh fios mu chainnt nan eun air a bheil sibhse eòlach. Am bheil sibh eòlach air na tha againn mar-thà? A bheil cainnt eile agaibhse airson gairm eun air choireigin? Leigibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo