- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Cainnt nan Eun: Pàirt 2
Air a sgrìobhadh le Calum air 25mh An Gearran, 2021
Tha sinn air ais, mu dheireadh thall le pàirt a dhà de "Chainnt nan Eun" agus bheir sinn sùil air gairmean eòin eile sa bhrath-bhloga seo. Tha mi air mòran dhiubh a lorg anns an leabhar "Aithris is Oideas" agus molaidh mi oirbh a leughadh gu mòr!Tha an t-aon gairm aige an t-Adharcan (no "A' Churrachag") is a tha aig a' Bhrù-Dhearg:
“Till, till, till, till,
Na creach mo nead, na creach mo nead;
Imeachd gun teachd dhut,
Imeachd gun teachd dhut,
A Bhraidein, a bhraidein!”
(Lorgar dealbh dheth air làrach-lìn an RSPB an seo.)
Chan eil an Lon-dubh cho dèidheil air eòin eile a rèir coltais:
"Bun a' ghuib, oir a' ghuib, bàrr a' ghuib,
Eun dubh air a nead," Sheinn an lon-dubh.
"Eun dubh hó ró,
Gràin air na feannagan."
Tha an fheannag aiteal oillteil, gu h-àraidh nuair a bhios i a' bruidhinn le portan:
1) “Thig a-mach” ars an fheannag ris a’ phortan
“Gun cumainn còt’, gun cumainn còt’”
“Gu dè an còt’, gu dè an còt’?” ars a’ phortan.
“Còt’ dearg, còta dearg” ars an fheannag.”
2) “Gòmhag, gòmhag” ars an Fheannag
“’S e mo mhac an garrach gorm.”
(Cluinnear aithris guth an eòin air làrach-lìn "Cultural Equity" an seo.)
3) "Sùgh cridhe, sùgh colainn,
Robachan Dubh," ars an fheannag;
"Sùgh cridhe, sùgh colainn,
Dhòmhnaill, gur bòidheach thu," ars an fheannag.
4) (Mar a thuirt an Fheannag ri a h-Iseanan)
"Is greannach sibh, is greannach sibh,
'S cha b' annasach, Cha b' annasach."
Tha an Fhitheach dìreach cho oillteil ris an fheannaig air an tràigh:
“Cròg cròg cròg,
’S e mo mhac a’ spìonadh an fhèoil.”
Tha còmhradh ann eadar an fhitheach agus an fheannag a' mòladh an cuid àl (mar a bhios gach pàrant moiteil!):
"Gròg, gròg, gròg,
Is e mo mhac a spioladh an fheòil'";
"Gàg, gàg," ars an fheannag,
"Is e mo mhac an garrach gorm."
Tha an Calman car amharasach na nàdar agus na chainnt, tha sin cho soilleir na ghairm:
“Chan ann de m' chuideachd thu.”
“Gurr-ù, gurr-ù, gurr-ù,
Chan ann de m’ chuideachd thu (X2)
Tha mo chùl riut (X2)
Chan ann de m’ chuideachd thu (X2)
Chan itheadh tu sud gun mo chuid a thoirt dhòmhsa,
Nam b’ ann de m’ chuideachd thu."
Tha a’ chearc-fhraoich dìreach cho briathrach ri eòin eile ach gu math geur-shùileach air a nead:
1) “Laidhibh, laidhibh, laidhibh,
Caomhn thu, caomhn thu bàrr an fhraoich
Cha’n fhaigh sibh gu latha ach na fhuair sibh!
Cha’n fhaigh sibh gu latha ach na fhuair sibh!
Caomhn thu, caomhn thu bàrr an fhraoich
Laidhibh, laidhibh, laidhibh.”
(Cluinnear aithris guth an eòin air làrach-lìn "Cultural Equity" an seo.)
Tha an t-iomradh seo air a thoirt anns an leabhar "Sgeálta Mhuintir Luimhnigh" a' sealltainn còmhradh eadar Coileach-Fraoich agus Cearc-Fhraoich air a' mhonadh:
2) An Coileach Fraoigh: “A Mhraed, A Mhraed, a Mhraed! Tá an fraoch ag goil go h-Albain, Tá an fraoch ag goil go h-Albain.”
An chearc fhraoigh: “Caomhain e, caomhain e, caomhain. Buin sop, buin sop, buin sop.”
Coileach Fraoigh: “Goidé gheanfa tú leis? Goidé a dheanfa tú leis?”
Cearc-Fhraoigh: “Go ndeanfa me nead, Go ndeanfa me nead.”
Coileach Fraoigh: “Buachaill bocht, buachaill bocht, Ó thor go tor, ó thor go tor.”
Cearc-Fhraoigh: “Aig iarraidh mo neid! Aig iarraidh mo neid! Aig iarraidh mo neid!”
Coileach Fraoigh: “Nar theana se a leas, nar theana se a leas.”
Tha iomradh eile ann a chanas an Coilleach-fraoich nuair a bhios e fhèin, no a' chearc-fhraoich, ann an cunnart:
3) “A Mhraed, gabh i bhfolach, gabh i bhfolacht!
(Lorgar dealbh dheth air làrach-lìn an "RSPB" an seo.)
A bharrachd air na tha sinn air a sgrìobhadh nar brath-bhlogaichean mar-thà mun Dreathan-duinn, tha gairm aig an dreathan-donn cuideachd:
“Thig, thig, thig a dhiol-déirce,
Thig, thig, thig, a ghille-frìde
Ach mise leam fhìn,
Ach mise leam fhìn,
Gillean-frìde, gillean-frìde.”
(Lorgar dealbh dheth air làrach-lìn an "RSPB" an seo.)
A dh'aindheoin gu dè cho stampa is a tha an Tunnag tha i fada nas oillteil na bha sinn an dùil:
“Fà-ug, fà-ug, fà-ug
Fà-ug a phartain ghlais
Mura tàrr thu às,
Brisidh mi do chas.
Fà-ug, fà-ug, fà-ug.”
(Lorgar dealbh dheth air làrach-lìn an "RSPB" an seo.)
Tha an Traon (no "an Garra-gart," "Ràc an Fheòir," neo "Trian-ri-Trian") car socair agus sìthichte cho fhad 's gum faigh e biadh:
1) "A Dhia nam feart, a Dhia nam feart,
Cuir biadh sa ghart, cuir biadh sa ghart."
2) "Gràn air déis, Min air mhéis,
Gràn air déis, Min air mhéis."
Tha sinn uile eòlach air gairm na Cuthaige ach cha robh fios againn air na bhios i ag ràdh:
"Gug-gùg," thuirt a' chuthag air géig,
Chan fhaca mi 'n diugh thu no 'n dé!
Gug-gùg," thuirt a' chuthag 's i falbh,
"Tha sealgair an fhirich so searbh!"
Tha an Fhaoileag fèithte an coimeas ri eòin-mara eile:
1) “Guile guile grùthan”
2) “Glì-eag, glì-eag” ars an Fhaoileag
“’S e mo mhac an t-aodh-geal thonn.”
Lorgar ann an Béaloideas Iml. 1, Uimh. 1 aid, duilleig 27 an iris beag mu “Caint na bhFaoileann” (“Cainnt na Faoileig”) ann an Gàidhlig na h-Èireann;
3) “Tá gam, tá ga, tá gam.”
“Cad tá, cad tá, cad tá?” Adeir an fhaoileann eile.
“Portán, portán, portán!” adeir an chéad cheann.
“Cinnibh, cinnibh, cinnibh!” adeir an tarna ceann.”
“D’imig, d’imig, d’imig!” adeir an fhaoileann go raibh an breac aici.
“Lá amhghair ort!” adair an ceann eile, “tá an Samhra chùinn.”
Tha còmhradh ann eadar an Fharspag agus an fhaoileach, a' bruidhinn mun bhiadh nach eil ri fhaighinn, leis an fharspag ag innse don fhaoilleach na tha ri fhaighinn:
“(An) Dubh-bhlian, dubh-bhlian ann” – An Fharspag.
“’S math ann e, 's math ann e.” – An Fhitheach.
(Cluinnear aithris guth an eòin air làrach-lìn "Cultural Equity" an seo.)
Tha an Trìlleachan (no "Brìdean," "Gille-Bhrìghde," "Guilpeanach," "Pioghaid-mara") na eun briathrach is labhartach a rèir an t-uiread de ghairmean aca:
1) Eòin bhig, eòin bhig,
Bi glic, bi glic,
Fo dhìon, fo dhìon,
Fo dhìon, fo dhìon.”
(Lorgar dealbh dheth air làrach-lìn an "RSPB" an seo.)
2) “Trìlleachan, trìlleachan
Gob dearg, gob dearg.”
(Cluinnear aithris guth an eòin air làrach-lìn "Cultural Equity" an seo.)
3) “Och, is och, is och mo dhunaidh,
Mis an so an cois na tuinne,
Is mi gun bhuille de’n t-snàmh.”
(Cluinnear aithris guth an eòin air làrach-lìn "Cultural Equity" an seo.)
Tha sgeul ann an air a' Chomraich, Ros an Iar, gun robh poiteag ann, air a chante "Fiona Fionn" rithe, a b' àbhaist ri òl gu trom air sgàth àithne an Smeòraich dhi:
4) "Fiona Fionn, Fiona Fionn, deòch eil', deòch eil'!"
Chan eil mòran aig “A' Pheadar Ruadh” (no "Bugaid," "Buthaid," "Bùigire," "Eun-Breac," "Eun-Dubh a' Sgàdain," "Eun-giùirne," agus "Ian Dubh an Sgàdain") ri ràdh a rèir coltais. Tha e fada nas cosaile gu bheil ainmean a bharrachd aige na faclan a rèir a' chlàir a chuala mi:
“Bhù u ù u ùuuuu (x)4
Gog gog gog (x2)”
(Lorgar dealbh dheth air làrach-lìn an "RSPB" an seo agus cluinnear aithris guth an eòin air làrach-lìn "Cultural Equity" an seo.)
Tha rann ealanta ann a tha lòma-làn le gairmean eòin, feadhainn dhiubh a tha mi air a sgrìobhadh mar-thà anns a' bhrath-bhloga:
"Guile, guile," ars an fhaoileag,
"Is e mo mhac-sa aoigh geal thonn."
"Gà-ug, gà-ug," ars an fheannag,
"Is e mo mhac-sa an garrach gorm."
"Gròg, gròg," ars am fitheach,
"Is e mo mhac-sa a chriomadh an fheòil."
"Guile, guile," ars an fharspag,
"Is e mo mhac-sa a spiolladh an t-siùil."
"Glì-ug, glì-ug," ars an iolaire,
"Is e mo mhac-sa as tighearna oirbh."
Tha mi an dòchas gun do chòrd am brath-bhloga leibh! An robh sibh eòlach air gairm no cainnt nan eun fos cionn? A bheil gairm no guth agaibh nach do sgrìobh sinn mar-thà? Leig fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo