Gàidhlig / English
Ainmean an Diabhail

Ainmean an Diabhail

Air a sgrìobhadh le Calum air 24mh an t-Sàmhain, 2022
Tha sinn a’ tuigeil gu bheil faclan ann a tha dìreach mì-cheadaichte ri cantainn ann an còmhradh àbhaisteach, no anns an àite-obrach, ged a bhiodh feum glan aig neach ri ana-cainnt no mionnan uaireanan! Nam measg tha ainmean (far-ainmean agus frith-ainmean) airson an “Fhir-mhilidh”, “An Diabhail” no “An Donais” air leth cudromach nam measg. Cha mhòr nach eil ainm aig gach Gàidheal riamh air an “Fhear Dona” agus, mar sin, rinn sinn liosta dhe ghach ainm ann am “Faclan bhon t-Sluagh” a th’ againn air a shon-sa. Bi faiceallach air mar a chleachdas sibh ainmean ged-thà, chan eil sinn a’ moladh gum bu chòir dhuibh gan labhairt gach cothrom a bhios agaibh, air eagal gum faighear cliù dìreach cho olcmhor ris an dearbh-fhear fhèin!
 
Àrainn
Sàtan
An Diobhal
An Dolas
An Donas
 
Àsainnte
Diobhal
Donas
 
Barraigh
Am Buaireadair
Am Fear Dubh
Am Fear Millidh
Am Fear nach tig an cobhair Criosdaidh
Am Mac Mollachd
Am fear nach can mi
Am fear tha air an t-slabhraidh
An Deamhan
An Donas
An Droch Fhear
An Riabhach
An t-Arsair
Sàtan
 
An t-Eilean Sgitheanach
Braman
Dòmhnull Dubh
Sàtan
An Diabhul
An Donas
An Riabhach
 
Na Hearadh
An Droch-Aon
Braidean
Drochfhear
 
Leòdhas

An Diabhol/Diobhall
An Droch Spiorad
An Nàmhaid
An Sàtan
Am piullidh
 
Sin againn e a thaobh ainmean “an Fhir Riabhaich”! Tha fios againn nach eil sinn air gach ainm aige a chlàradh an-seo ach bu chaomh leinn ur n-ainmean dheth a chlaistinn agus a’ leughadh air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo