Gàidhlig / English
Brògan-Sheòmair agus Faclan Coltach

Brògan-Sheòmair agus Faclan Coltach

Air a sgrìobhadh le Calum air 14mh An Dùbhlachd, 2022
Tha am fuachd a’ gheamhraidh ann a-nis agus feumaidh sinn cùmail blàth rè a’ gheamhraidh. Dè an a’ chiad rud a chuireamaid oirnn às dèidh dhuinn tighinn a-steach los cùmail blàth? “Slippers”! Ach dè chanas sibh airson “bròg-sheòmair” nur sgìrean fhèin? ’S e seo na th’ againn ann am “Faclan bhon t-Sluagh” agus tùsan eile.
A-mach à “Fhaclan bhon t-Sluagh” ’s e na seo na th’ againn: Ann am faclair Roy Wentworth, Faclan is Abairtean à Ros an Iar, tha “slifeag” ann, no “sloifeag” anns a’ Bhoilc,  “sloifeag” le seann bhròg. Lorgar “bonnag” anns an fhaclair mar an ceudna airson bròg air fhighe ri cleachadh mun cuairt an taighe.
Ann am Faclair Dwelly tha na leanas rin lorg: Tha fios againn a-nis dè bhios sinn a’ cur oirnn nuair a thilleamaid dhachaigh a-nochd! An aithne dhuibh fear de na faclan fos cionn? A bheil facal eile agaibhse? Leigibh fios thugainn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo