- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Gnàthasan-cainnt ann an Dùthaich MhicAoidh (Pàirt 3)
Air a sgrìobhadh le Calum air 10mh an t-Sàmhainn, 2022
Fàilte air air gu pàirt a trì, agus am pàirt mu dheireadh, de Ghnàthasan-cainnt ann an Dùthaich MhicAoidh! Tha sinn a' leantail oirnn bho M gu crìoch a' bhraid a-nis.M
[Man] “Bodach air a’ bhodach, bodach air MacNéill, Bodach air fear an taigh ’s bodach orm fhèin. Co meud bodach a tha sin? Aon.” [Tòimhseachan]
[Many] 1. “’S iomadh rud eadar a’ chreathail ’s an uaigh”
2. “’Nach iomadh rud a thig air an laogh nach saobhal a mhàthair”
[Midge] 1. “’S e cìobair math a tha sa mheanbh-chuileig” [Los na caoraich a shuadachadh gu pàirtean eile an achaidh]
2. “A ghaoth a tuath, trobhad is cuir air falbh na cuileagan!”
[Mill] “An t-Asainnteach, An t-Asainnteach, Nach beir sinn air, nach beir sinn air” [Fuaim a’ chuibhil-mhuilne a rèir na Caoidhich]
[Molehill]
“A’ dèanamh beinn à ùir an ath-mhùgaich”
[Moon] “Gealach bhuidh’ buain a’ chorc’” [“September Moon”]
N
[Need] “Dh’fhaodadh feumas crochair a dhèanamh de dhuine onarach”
P
[Penny] “Ged a bhiodh am boll’ air an sgilling, dé tha sin nuair nach eil an sgilling ann?”
[Possessions] “Cuid an fhear mharbh don fhear beò”
[Prayer] 1. “Guma beannaich Dia mo shùil, Gum’ beannaich mo shùil na chì, Gum’ beannaich mise mo nàbaidh, ’S gum beannaich mo nàbaidh mi.”
2. ”Gum’ beannaich Thu na tha sa chrò-as, Gun cùm Thu aid às na h-uile trioblaid, Gum beannaich Thu na ’s aithn’ dhuinn timcheall oirnn Is gum’ beannaich èad sinn.”
S
[Shinty-ball] “Cho cruaidh ris a’ chnaig”
[Skullomie] “Sgulamaidh chreagach nam bealach ’s nam beàrn”
[Sly]
“Cho starrach ris a’ mhadadh-ruadh”
[Snore] “Bha srann aig’ a chuireadh ruaig air na Frangaich” [Bho àm nan cogadh Napoleanach]
[Sowens] “’S e lit’ is làghan biadh duin’ làidir; ’s e aran is brochan biadh a’ chrochair”
[Sparrow] “Pigidh na h-Òcraich”
[Spring] “Mìos Fhaoilleach, Naodh latha Gearraidh, Trì latha Sguabag; Siod suas an t-Earrach”
[Strath Point] “Rubh’ Shrathaidh bho thuath, an rubh’ as fhaid’ a-muigh; eadar teamhair-suipearach agus meadhan na h-oidhch’, cha mis’ a bhàthadh air an rinn a-muigh”
T
[Talon] “Tha spuirean air na h-Àisirich” [Gnàthas-cainnt air a chanadh mu mhuinntir Àisir]
[Tea] “Tha an teatha cho làidir ri cairt”
[Thin] “Cho caol ri crodh caol na h-Èipheit”
[Thrush] “Cho son’ ris na smeòraich”
[Tough] “Cho righinn ri gad seilich”
[Trouble] “Tha a chuid trioblaidean aig na h-uile neach”
W
[Way] 1. “Tha a rian fhèin aig na h-uile gin”
2. “Tha rathadan neònach aig seann bhodaich”
[Wet]
“Cho fliuch is ged a bhiodh e a’s Poll Ruairidh” [Làrach na mara eadar Dubh-sgeir bheag is Dubh-sgeir mhòr]
[White] “Cho geal ri sneachd na h-aon oidhch’”
[Wind]
“Gaoth fo sheòl, gaoth tre tholl is gaoth fhuar aitimh bàrr bheann – trì gaothan as fhuair’ a dh’fhairich mi ann riamh”
[Wish] “Na h-uile rud as fheàrr no a chéil’ dhut!”
[Whatever you wish] “Do thoil dhut a thaitneas!”
Y
[Yawn] “Farmad a’ mhéanain”
Seo sinne deiseil! An aithne dhiubh fear de na gnàthasan-cainnt fos cionn? A bheil feadhainn eile agaibhse? Leig fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo