Gàidhlig / English
Far-ainmean Bhailtean Ionadail (Pàirt 3): A' Mhachair Rois agus a' Mhachair Chait

Far-ainmean Bhailtean Ionadail (Pàirt 3): A' Mhachair Rois agus a' Mhachair Chait

Air a sgrìobhadh le Calum air 21mh An Dàmhair, 2021
Mu dheireadh thall, tha sinn air ais! Tha sinn air pilleadh gu Far-ainmean Bhailtean Ionadail à Ros an Ear an turas-sa. An do leugh sibh Pàirt 1 no Pàirt 2 fhathast?

Tha sinn a’ dol gu tìr mo dhùthchais an turas-sa, a’ dol gu Ros agus Cataibh an Ear (A’ Mhachair Rois agus a’ Mhachair Chataibh) agus bheir sinn sùil air na far (agus frith)-ainmean mu gach baile ann leis am mìneachadh! Fhuaradh na far-ainmean (frith-ainmean nam measg cuideachd) nam baile anns an dà leabhar “Saoghal Bana-mharaiche,” le Seòsamh Watson, agus “Scottish Gaelic Studies, Vol. XXIX.”
 
A’ Mhachair Rois
1. Baile a’ Chnuic, Baile an Todhair agus Seannduig – “Na Trì Puirt-mora [mara].” Tha gnàth-cainnt ann leis an fhar-ainm seo orra: “An leanabh as fheàrr a rugadh anns na Trì Port-Mara.” 

2. Baile a’ Chnuic – “Na ‘Thilgean is na Pilgean’” agus “Na Dubhain”. Tha cruth a’ bhaile car lùbach agus fad às an coimeas ris na bailtean eile mar sin ’s e sin an t-adhbhar ’s gun canar gu bheil am baile car “Higgeldy-Piggledy!” Tha Baile a’ Chnuic cuideachd gu tuath air na Trì Puirt-mara dìreach mar a bhios dubhan air slat-iasgaich [faicear gu h-ìosal tuilleadh mun ìomhaigheachd sin.] 

3. Baile an Todhair – “Sgalltairean” agus “Abaich.” B’ àbhaist seann Abaid Fheàrna a bhith anns a’ bhaile seo, mus deach Abaid Fheàrna fhèin a thogail, mar sin dh’fhan an t-ainm. ’S e “Sgalltair” am facal ionadail airson “muir-teachd.” 

4. Seannduig – “Na Seanndlairean” agus “Na Slaiteirean.” – Mas e “na h-àbaich” a tha muinntir Bhaile an Todhair feumaidh gun tàinig an seanndlairean à Sheannduig. Chan eil seo na ionghnadh le “Baile-chèiridh” [“Pitkerrie”] air iomrall nam baile a dhèanadh cainnleanan dhaibh cuideachd! Mas e “na dubhain” a tha muinntir Bhaile a’ Chnuic feumaidh gur e “na slaiteirean” a tha muinntir Sheannduig mar an ceudna! 

5. Am Bàrd (sreath thaighean eadar Baile an Todhair agus Seannduig) – “Na Bàrdanaich.” 

6. Gàsa – “Gàsa.” Fhuaradh muinntir a’ bhaile seo, gu deas air Port Mo Chòlmaig, am far-ainm seo oir ’s gun canadh gun robh ministear anns a’ bhaile agus thug e am frith-ainm seo air muinntir a’ bhaileachain oir nach frithealadh iad na seirbhisean aige. 

7. Baile Dhubhthaich – “Na Bodaich.” Tha rann aoireil ann air roinn dhe dhaoine a’ bhaile “Na gòrach! Sìor òl, ’s ag iarraidh tuille!” 

8. Ros an Ear fhèin(?) – “An Èipheit.” Tha deagh choltas nach canadh duine sam bith “An Èipheit” air a’ Mhachair Rois a-riamh, ach tha deagh rann a bheireadh air duine sin a smaoineachadh ged-thà: 
“Creid thu mis’, chan eil e faras,
Creid thu mis’, chan eil e faras,
Creid thu mis’, chan eil e faras,
Dul a chapadh an Èiphit.”
’S e sgìre car gainmheach agus torrach a tha a’ Mhachair Rois, mar sin bheireadh sin air duine ri smaoineachadh gur e an Èiphit an t-àite anns a bheil iad a' saothrachadh.
 
A’ Mhachair Chait
 1. Dòrnach – “Na Mogan” – Tha am frith-ainm seo aig muinntir Euraboil air muinntir Dhòrnach a bha anns a’ phrògram “Mar a chunnaic mise,” mu a’ Ghàidhlig anns a’ Mhachair Chait. A rèir coltais bha rann ann anns a’ bheurla air a shon cuideachd:
“Embo lassies are bonnie lassies
And so are the Golspies too;
But before we would marry a Dornoch mog
We would travel the whole world through.”


Gu bhith cothromach dha muinntir Dhòrnach ged-thà tha droch aithris air na Rosaich anns an tàr-sgrìobhadh “Verse, Story and Fragments from various districts” le Ùisdean Barran ann an Tàr-Gnìomhan; “Cleas na Rosaich aig an dannsa...” Chan eil mi fhìn dèidheil air an rosgrann ach theagamh gum b’ ann air clann “Rose” a bha iad?.. Tha mi an dòchas gur e sin an càs co-dhiù!

Tha rann-cloinne ann a tha car inntinneach ri sgrìobhadh cuideachd:
“Thèid sinn, thèid sinn thairis air an t-sruth,
Thèid sinn, thèid sinn gu Dòrnach.
Chì sinn na beanntaichean ’glèidheadh sneachd an geamhraidh
Chì sinn na caileagan bòidheach.”
Tha an rann seo ceangailte ri “Òran do Chataibh,” le Iain Rothach à sgìre Chrìche, Cataibh an Ear. Cluinnear e an-seo air làrach-lìn "Fuaran", am pròiseact dualchais.

2. “Dòrnach a’ bheach, Goillspidh an gort.”

3. “Baile Dhuthaich bòidheach, Dòrnach na gort’,
Eunabhal na h-adagan, Goillspidh na’ sligean dubh,
’s Brùra mìn-choirc’.”

4.“Goillspidh goirt, ’g ith a’ mhin a’ choirc’,
Eunabol dhubh ’g ith na sligean dubh.”

5. “Baile Dhuthaich bhòidheach, ’s Dornoch nan gorta,
Sgiobal nan Ubhlan, ’s Bil an arain choirce.
Eribol nan adagan, Dunrobain a’ chàil,
Goillspidh nan sligean dubha, ’us Druim-uidh an t-sàil."

6. “Goillspidh goirt ’g ith a’ mhin-choirc’,Eunabal dhubh, ’g ith na sligean dubh;
Baile Dhubhthaich bòidheach, Dòrnach na goirt,
Goillspidh na sligean dubh, Brùra min choirce.” 

Gallaibh
1. Gallaibh – “Na Gollachan.”

Bidh cothrom eile againn Far-ainmean Bhailtean Ionadail a chlàradh turas eile. A bheil sibh eòlach air fear de na far-ainmean fos cionn? A bheil far-ainmean, no frith-ainmean eile agaibhse? Leig fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo