- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Seanfhaclan na Fèinne (Pàirt 2)
Air a sgrìobhadh le Calum air 18mh an t-Sàmhainn, 2021
Tha sinn air ais le tuilleadh Sheanfhaclan na Fèinne am-mìos-sa. Leanaidh sinn oirnn le tuilleadh dhiubh ach mur eil sibh air fear sam bith dhiubh a leughadh lorgar iad anns a’ bhrath-bhloga “Seanfhaclan na Fèinne.”
- “Na sia buadhan a bha cumail suas na Fèinne –
- Àgh Fhinn
- Làmh Ghuill
- Bras-bhuillean Oscair
- Iomairt ealamh Oisein
- Ruith chraoidh Chaoilte
- Suidheachaidh Chonain air a chath."
- "An Fhèinn air an uillinn."
- "Bha doras Fhinn dhan ànrach fial."
- "Beatha Chonain am measg nan deamhan, Mas olc dha, chan fheàrr dhaibh."
- "Cha d’ thug Fionn riamh blàr gun chumhan."
- "Cothrom na Fèinne."
- "Cho làidir ri Cù Chulainn/Garbh Mac Stairn." - Tha “Cho làidir ri Samson,” no “Cho làidir ris an leòmhainn.”
- "Cho cuimseach làimhe ri Connlach."
- "Cha do thrèig Fionn riamh caraid a làimh deise."
- "Cia faisg clach don làr, Is fhaisge na sin cobhair Choibhidh."
- "Fear nach do chuir cùl ri caraid no ri nàmhaid."
- "Fuil mo nàmh cha d’ fhuair mi riamh, Nam bu mhiann leis falbh an sìth."
- "Ine son ine, a Chonain."
- "Is buaine dùthchas na oilean."
- "Is fhad an èigh o Loch Odha, Is cobhair o Chloinn Duibhne."
- "Na sir is na seachain ann an cath."
- "Na tarraing mi gun aobhar, is na pill mi gun chliù."
- "Theab is cha do rinn,’ Cù a bu mhiosa bha riamh aig an Fhinn."
- "Bha Fionn na thosd ’s na chuimhne."
- "Gaoth tron aiteamh, ’s gaoth tro tholl agus gaoth nan long a’ dol fo sheòl; na trì gaothan a b’ fhuaire a dh’fhairich Fionn riamh."
- "Mar Fionn nam buadh, na fhasgadh do shluagh na Fèinne."
- "Siud mar thaghadh Fionn a chù; Sùil mar àirneig, cluas mar dhuilleig, uchd mar ghearran, speir mar chorran, ’S an t-alt-lùthaidh fad’ o’n cheann."
- "Rughadh shuas an àm laidhe, Dh’èireadh Fionn moch sa mhadainn: Ruadhah suas sa mhoch-mhadainn, Dhèanadh Fionn an ath-chadal." – ’S e seo a chanar airson speuran dearg san fheasgar agus sa mhadainn, tionndadh na Gàidhlig airson “Red skye at night...”
- "Cha robh cron air ach an cron a bh’ air Fionn."
- "Trì coilceadha na Fèinne; bàrr gheal chrann, coinneach, ’us ùr luachair." – Seo an trì nithein gun chleachdadh an Fhinn airson leabaidh a dhèanamh.
- "Cha d’ fhag claidheamh Fhinn riamh fuigheall beuma."
- "Cha do dhìrich Fionn bruthach riamh, ’s cha d’ fhàg e bruthach gun dìreadh." – B’ e famhairean a bh’ annta uile, mar sin dhìrich iad gach bruthach gun a bhith gan dìreadh gu fìor mar a bhios mic an duine gu fìor.
- "Eadar an t-euradh ’us aimbeairt."
- "Gun mheas gun mhiadh, mar Mhànus." – Tha seo ceangailte ri “Laoidh Mhànuis,” far an do thug Mànus, rìgh Lochlann, ionnsaidh air an Fhinn. Fhuair an Fhinn buaidh air Mànus aig a cheann eile dheth.
- "Lean gu dlùth ri cliù do shinnsre."
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo