- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Mìosachan nan Gàidheal: Am Foghar (Pàirt 3)
Air a sgrìobhadh le Calum air 7mh An Dàmhair, 2021
Fàilte air ais gu brath-bhloga mu dheireadh anns an t-sreath bhrath-bhlogaichean mu Mìosachan nan Gàidheal. Anns a’ bhrath-bhloga seo bheir sinn sùil air laithean naomha, fèilltean agus caochlaidhean aimsire anns a’ mhìos mu dheireadh den Fhoghar: An Dàmhair.Mee s’jerree yn our/An Dàmhair
Tha e air a chantainn gum faod an aimsir a bhith car garbh mu àm na bliadhna seo. Chaidh “Gaoth gu bhi uamhasach mòr, àrd is tioram – tuath, an iar-thuath” a ràdh agus bidh a’ ghaoth garbh ann mu dheireadh an t-Sultain agus Tòiseach an Dàmhair.
01/10 – Air an là seo air Manainn feumar am bacan-mòna a thoirt dhen bhlàr-mòna ron là seo.
Buainear Cìob, mu àm na bliadhna seo, tha e uamhasach mhath na thodhar air raointean.
10/10 – “Sheen Laa’l Vaayl.” Comhraichear an là seo air Manainn a-mhàin.
Bidh “Sacanaich na Samhna” ann uaireigin far am bi an aimsir bhlàth an coimeas ris an aimsir a thathar an dùil a lorg anns an Dàmhair.
18/10 – “Laa Noo Luke.” Comhraichear an là seo air Manainn a-mhàin.
Ann an Sòrasdal, Colla, dhèanadh flagais, clais far an cuirear saoidhean beaga, nan robh iad car pàilt mun àma seo, a-steach air am measgachadh le smùireach mòna gus todhar a chruthachadh. Thèid am flagais a sgaoileadh an uair sin anns an Earrach.
Bidh Gealach an Abachaidh ann mu mheadhan na mìosa. Feumaidh gu bheil e math airson abachaidh agus a’ bhuain.
28/10 – Feoill Simon. Às dèidh an latha seo cha buainear smeuran tuilleadh airson na bliadhna. Comhraichear an là seo air Manainn a-mhàin.
29/10 – Laa’l Mael Beg. [St Maghal the Less.] ’S e seo an dàrna Fèill anns a’ bhliadhna airson Naoimh Maghal. Comhraichear an là seo air Manainn a-mhàin.
A-nis, sin againn e, Mìosachan nan Gàidheal leis na laithean naomha, fèiltean agus caochlaidhean-aimsire air fad air an clàradh! A bheil sibh fhèin eòlach air fear de na laithean fos cionn? A bheil là ann nach d’ chlàraich sinn? Leigibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo