Gàidhlig / English
Manadh

Manadh

Air a sgrìobhadh le Calum air 5th September 2018
Bha, agus tha, cuid de na Gàidheilean fhathast dèidheil air geusagan, tha seo follaiseach leis a’ bhrath-bhloga againn mar-thà, agus tha iomadh sgeul, naidheachd agus eile mu shaobh-chràbhadh ann am beul-aithris nan Gàidheal. Tha manadh a’ ciallachadh sealladh agus lèirsinn tachartais, rud a tha a’ dol a thachras anns an àm ri teachd, a dh’fhaodadh a thachras san ath mhionaid no fiùs san ath linn. Tha an comas seo gu math ainmeil agus bha e aig a leithid mar Nostrodamus às an Fhraing agus Coinneach Odhar Fiosaiche, à Sgìre Ùige, ma dh’fhaodte, anns an Eilean Leòdhais. 
Ag èisteachd ri clàraidhean-seanchais às na Hearadh agus Uibhist a Deas, tha sinn air beagan rannsachaidh agus clàradh a dhèanamh mar-thà air manadh agus ath-fradharc. Tha ath-fradharc gu math còltach ris an dà-shealladh agus tha iomadh ciall aig manadh: anns na h-Eileanan Siar tha e a’ ciallachadh fàidhearachd agus ath-fradharc san aon dòigh ach ann an Ìle, Diùra, Colonsaigh agus Scalpaigh tha e a’ ciallachadh bòcan, taibhse, spiorad neo-ghlan no olc.
 
Tha faclan eile againn air manadh no ath-fradharc; bha taibhs air a chlàradh anns an Eilean Sgitheanach agus taibhsearachd ann an Tiriodh. Chaidh “tuaileas an ath-fradharc” a chlàradh ann an Ùig, ach ’s dòcha gum b’ e droch mhanadh nithean mì-mhodhail no drabasta a bh’ ann!
 
Bha cuid de na Gàidheil ag iarraidh an fhiosrachaidh an lùib a’ chomais seo a sheachnadh agus bhite a’ dèanamh seo le nasg, agus bhite a’ seachnadh a’ mhanaidh le adhlachadh agus a’ toirt dèirce.
 
Tha grunn sgeul againn air manaidhean, seo dhuibh naideachd no dhà:
 
Thachair fear de na sgeulachdan faisg air Beinn nam Faoghla air Eilean Rònaigh, far an robh sgioba bhoireannaich agus fhireannaich an dùil feamainn a thrusadh ach air an siubhal chun an eilein thuit boireannach san uisge agus chaidh a bàthadh. Chaidh an sgioba ga lorg ach cha do lorg iad  a corp no lorg dhi. Oidhche no dhà às dèidh sin, thàinig an tè a chaidh a bhàthadh chun a bana-charaid ann am manadh agus dh’iarr an tè a bha marbh oirre a dhol gu Lòn Cait air an eilean fhèin. Dhùisg an tè sa bhad agus dh’innse i na chunnaic i sa mhanadh don duine aice ’s gum bu chòir dhaibh a dhol air ais gu Lòn Cait agus, às dèidh beagan dheasbaid, chaidh iad ann agus ann an Lòn Cait, lorg iad a corp anns an lòn.
 
Tha fear eile mu mhanadh ann am Manais, na Hearadh: gu ruige 1900 cha robh banaltram no bean-glùine air taobh an ear na Hearadh riamh ann roimhe sin. B’ àbhaist dhaibh cuideachadh a thoirt a-measg a chèile, agus nuair a bha muinntir Mhanais a’ togail thaigh ann b’ àbhaist feadhainn aig an robh manadh tè fhaicinn ann an trusgan-obrach no aon-fhoirmeach taobh a-miugh, ach cha robh fios aca air an adhbhar. Iomadh mhìos às dèidh sin, nuair a chaidh an taigh seo a thogail, thàinig banaltram òg à tìr-mòr a dh’fhuireach anns an taigh a bha seo agus b’ e ise tè a’ mhanaidh a bha daoine air fhaicinn. Dh’fhuirich am banaltram ann airson deich air fhichead bliadhna às dèidh sin.
 
Ma tha sgeulachd, fiosrachadh eile agus faclan ùra agaibh còltach ri seo, nach innsibh air facebook agus twitter.
 
Facebook:https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter:https://twitter.com/DASG_Glaschu

 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo