- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Aoirean nan Radan
Air a sgrìobhadh le Calum air 12mh an t-Samhainn, 2020
Chan eil creutair air an domhain nach toil leis na Gàidheil nas motha na an radan fhèin. A dh’aindheoin am meud agus gu bheil feadhainn dhuibh air an cumail mar pheataichean an-diugh tha eachraidh fuilteach agus foinnearteach aig na Gàidheil air na rodain. Dh’fheuchte am fuadachadh a-mach on taigh le innealan, beairtean agus buill-chòmhraige mar an ceudha ach an robh fios agaibhse mu cumhachd na h-aoire an aghaidh nan rodan?Tha e air a ràdh nach robh nì cho cronail air cliù neach-eigin na aoir air a sgrìobhadh le bàrd; tha deagh eisimpleir ann an “Táin Bó Culaigne” far an do bhagairt Meadhbh, Banrigh Chonnacht, Fer Diad, dlùth-chàraid Chù Chulainn, ri corraid an aghaidh Chù Chulainn agus mur a corraideadh e theidheadh aoir a sgìobhadh m’a dheidhinn! Bhiodh an aoir cho cronail ris gum fàsadh trì builgean air ’aghaidh – “Nàire,” “tàmailt” agus “caim.” Tha seo air a shoilleireachadh anns an t-seanfhacal “Is beò duine an dèidh a shàrachadh ach cha bheò e an dèidh a nàrachadh.” Tha cumhachd na h-aoire air a thighinn o bhalgam air teanga a’ bhàrd a chleachdadh e no i air neach sam bith a thogras iad. Ann an “Irish Superstitions,” le Dáithí Ó hÓgáin, tha iomradh ann gum b’ àbhaist do daoine a ràdh gun robh dà bhalgam air teanga a’ bhàird fear air a lìonadh le milis airson molaidhean agus fear eile le puinnsean airson aoirean. Tha feum aig a h-uile duine an aire a thoirt mu na chanas iad no a dhèanadh iad ri bàrd.
A thaobh càs nan rodan ged-tha bha an an gnìomh cumhachdail airson rodain fhuadachadh, no am bròsnachadh ri imrich gu àite eile, mar an ceudna. Tha iomadh eisimpleir ann de aoir sgrìobhte air rodain, tha deagh eisimpleir air a sgrìobhadh ann an Slèite, an t-Eilean Sgitheanach [Lorgar an seo e le Seanchas Shlèite]. Chaidh a sgrìobhadh le Neill Camshron à Thòcabhaig aig deireadh an naoidheamh linn deug. Seo dhuibh rann às:
“Luchd nan drumanan glasa is nam fad’ earball
Nam fiaclan stòrach is nan srò[i]n[e]an cocte.
Tha sibh a’ lo[i]dgeadh aig Sabhal Dhòmhnaill
O chionn còrr is seachdain.
Chan eil mìon no ponar nach eil air a mhil[l]eadh is air a spòileadh.
Is chan ith mi grèim le cuid nan trustar.”
Tha eisimpleir eile ri lorg ann an Leòdhas, Aoir an Rodain, air a sgrìobhadh le Aonghas “Am Puillean” Caimbeul à Nis. Chaidh an eisimpleir seo fhoillseachadh le Fuaran, an sàs le Fèisean nan Gàidheal. Lorgar an seo e le Fuaran agus Bliadhna nan Òran:
“O hò rò rodain ’s na hò hò rò èile
O hò rò rodain ’s na hò hò rò èile
O hò rò rodain ’s na hò hò rò èile
Is gòrach an t-astar gun tàinig tu chèilidh;
O hò rò rodain.
A rodain mhic ghobaich tha crostadh san arbhar,
Is dubh ga do chorp ma thèid ‘Topsy’ [a’ chat] a shealg ort;
Cha teàrn do luath chas thu, no idir toll balla,
Gum bi e air d’ amhaich gu grad ga do mharbhadh;
O hò rò rodain.”
Tha pàilteas de h-aoirean rin lorg air Tobar an Dualchais. Seo dhuibh liosta a mholainn oirbh ri chlaistinn: “Aoir do Radan” le Donnchadh MacFhearghuis; “Dh’fhalbh an Radan Binneach” le An t-Urr. Uilleam MacMhathain; “Òran an Radain” le Seònaidh Park; “Òran nan Radan” le Dòmhnall MacAonghais; “Radain a tha shuas” le B-Mhr. NicLeòid; “Òran nan Radan” agus “Òran an Radain” le Dòmhnaill Alasdair Dòmhnallach; “Radan a tha Shuas” le Raonaid NicLeòid; “Òran an Radain” Mairead NicIllEathain; “Òran an Radain” le Tormad MacLeòid; “Òran an Radain” le Eachann MacCuaraig.
Tha sgeulachd ann an Gàidheal, earrann 33, d.52, leis a’ Chomunn Ghàidhealach, le MacLachlann Rathuaithe, air lorg gu bheil ’iodhlann air a sgrìos le rodain, thionnd e ris a charaid, a bha na mhaighstear-sgoile agus mar sin na bhàrd, agus dh’iarr e air aoir a sgrìobhadh. Gheall MacLachlann gun toireadh e each is diollaid dhan mhaighstear-sgoile a shiùbhlas do àite sam bith a thogras e fhad ’s a bhios e ann an ceàrnaidh na dùthcha sin. Sgrìobh am maighstear-sgoile aoir agus lìbhrig e aig oisinn na h-iodhlann e. Gu grad às dèidh ’aithris dh’fhuadaich na rodain agus ’isean-rodain às an iodhlann agus à Raththuaithe mar an ceudna! Ged bu fhuadaichte o rodain a bha a’ Mhorbhairne aig an àm lorgadh gun robh iad lìonmhor a-nis ann an Suaineart agus bu feumach iad air aoir aca fhèin!
Chaidh Aoir-Rodain a chlàradh le Alasdair MacGhilleMhicheal bho thuathanach leis an ainm MacDhuinnShlèibhe à Lios Mòr, leis a’ chiadamh rann mar seo:
“Mìle marbhaisg ort, a radain!
A shlaideare nam badan arbhair;
Cha leòr leat sop ach an làn sguab dheth,
Dh’fhàg thu ’m bualadh dhomh neo-tharbhach.
Rinn thu gradan de’m chuid eòrna,
A mhèirlich gur mòr do chàil dheth;
Na’n robh do cheann agam air innean,
’S mise nach tilleadh mo làmh dhìot!”
Tha sgeulachd ann nach eil radan sam bith ri lorg air Tarasaigh, a rèir seanchas na sgìre. ’S e ’s nach gabh an t-eilean iad idir is nach mair iad airson adbhar air choireigin. Tha e a’ cur cuimhne air Gleann Tìr Fhearghais ann an Cinn-Tìre a tha beannacihte an aghaidh nathrach [Lorgar an sgeulachd air fear de na blogaichean againn: “Là Fhèill Phàdraig (2)”]. [Chìthibh tuilleadh mun sgeul seo bho “Carmichael Watson Project Blog.”]
Ann an "Bàrdachd Bhàideanach," leis an Urramach Tòmas Sinton, tha dà òran sgrìobhte a tha nan Aoir Rodain agus bheir mi dhuibh a' chiad rann de "Aoireadh, le Alasdair Catanach, an Saor Ruadh, anns a' Chreagan, 'n uair a bha e fuadach nan luch bho Shabhal Bhiallaid":
"Ma ghabhas sibh mo c[h]omhairl' luchan!
Truisidh sibh oirbh 's bidh sinn falbh.
Ma thèid mise 'ga n-ur aoireadh,
Cha bhi aon agaibh gun chearb.
Cha'n 'eil cat eadar Ruathainn,
'S bràigh Chluainidh nach bi sealg.
'S ann an sabhal Sandy Bàn,
Gheàrr sibh an snàth as a' bhalg."
Nis tha mi an dòchas gu bheil sibh “Cho eòlach ri rodan eaglais” a-nis mu aoirean nan radan agus gu bheil sibh ullaichte ma nochdas fear sam bith dhuibh nur rathaidean, le toil Dhè guma nach tachair an latha sin! A bheil facal, abairt no bàrdachd agaibh fhèin mu aoir air radan? Leigibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo