- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Tàcharan
An t-seachdain seo, is e tàcharan am facal a tha sinn air a thaghadh (a chaidh chruinneachadh ann an Uibhist a Deas agus Barraigh) anns an dà sheagh ‘a sprite’ agus ‘a small mischievous person’.
Tha am facal tàcharan / tàchran a’ nochdadh ann an Carmina Gadelica, ann an dà ainmean-àite: ‘Clachan an Tàcharain’ ann an Ìle, agus ‘Poll an Tàcharain’ ann am Peairt.
Tha tàcharan air a chleachdadh anns an dàrna seagh ann an òran le Dòmhnall Gobha à Strath Glas, a rinn eilthireachd gu Alba Nuadh ann an 1801, ann an Comhchruinneachadh Ghlinn-a-Bhaird.
Tha Dòmhnall Gobha a’ toirt sùil air na Fuadaichean anns an òran:
Ged a tha mo choiseachd tromTogaidh mi m’aigneadh le fonn;
’Nuair a theid mi air an luing,
Co chuireas rium geall-reise?
’N tàcharan so th’air ar ceann
Sgiot e ’dhaoine ’s tha iad gann;
’S fearr leis caoraich ann am fang
Na fir an camp fo fheileadh.
Is e Uilleam Chisolm, uachdaran Srath Ghlais, an tàcharan air an robh Dòmhnall a’ bruidhinn.
A bheil thu eòlach air cleachdaidhean eile airson an fhacail tàcharan? Ma tha, nach leig thu fios thugainn air @DASG_Glaschu / facebook.com/DasgGlaschu.
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo