- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Clisgeadh, Briosgadh agus Sgal
Air a sgrìobhadh le Calum air 27mh an t-Ògmhios, 2020
“Chlisg mi leis an fheagal;” “Ghabh mi an t-eagal”; “Chuir e am feagal orm!” Tha sinn air ar feagal a ghabhail turas nar beathaichean (na bi ri breugan!) agus cha robh muinntir tìr nan beann, nan gleann ’s nan gaisgeach rèidh den phuing seo. Tha e inntinneach gu bheil faclan eadar-dhealaichte againn uile leis a’ Ghàidhlig à iomadh sgìrean agus bheir sinn sùil orra sa’ bhrath-bhloga seo.
Air na h-eileanan siar, a’ tòiseachadh ann an Leòdhas tha “Broigheadh” ann an Nis, leis an rosgrann “Chuir mi broigheadh air an each” ri leughadh ann am faclan bhon t-sluaigh. Cha mholainn oirbh “broigheadh” a chur air each sa chiad dol-a-mach, ach feumaidh gu bheil toinisg agaibh! Gu deas air Nis tha “Briosgadh” agus “Miapadh” ri cluinntinn ann am Barabhas. Canar “Chaidh e air ’mhiapadh” airson duine air eagal a ghabhail. Nas fhaide deas air sin cluinnear “Priosgadh” ann an Cradhlastadh.
Tha roghainn inntineach ri lorg ann an Sgalpaigh le “Sgaoim” nuair a thogar tarraing air neach gus am feagal a chur orra, agus “Sgeannach”, buadhair air leth math airson fiamh an fheagail a mhìneachadh air aghaidh neach-eigin.
Thairis a’ Chaolais gu Uibhist a Tuath cluinnear “Clisgeadh,” anns an rosgrann “Fhuair mi clisgeadh.” Gu h-inntinneach chaidh an aon fhacal seo a lorg ann an Ìle ann am Bun Othan mar an ceudna.
Thairis a’ chuain sgìth dhan Eilean Sgitheannach tha “Farbhas” ann am Breacais airson feagail agus maim mar an ceudna.
A’ cromadh gu deas dhan tìr-mhòr tha “Bò” agus “Sgal” ri cluinntinn ann an Cill-Fhinn, siorrachd Pheairt. Canar “Chuir e sgal orm” agus, a rèir coltais, canar “Tha bò ann” airson “chuir e sgal air!” Leis an fhìrinn innse nan robh mi fhìn a’ dol mun cuairt tron taigh agam agus lorg mi gun robh bò agam air mo chùl chuireadh sin sgal orm gu dearbh! Ma bhios bà no crodh agaibh theagamh ’s gu bheil sibh ceart gu leòr le bà air seachran gur leantainn!
Tha mi an dòchas gun do chòrd am brath-bhloga seo leibh agus bu chaomh leinn na faclan ionadail eile a th’ agaibhse ionnsachadh no ur cuid eòlas mu na faclan fos cionn a chluinntinn! Leigibh fios thugainn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo