Gàidhlig / English
Ìoc-Lusan

Ìoc-Lusan

Air a sgrìobhadh le Eoghann air Diardaoin 12mh den Giblean 2018
A chionn 's gun do chòrd gu mòr rium an t-sreath craobhan a rinn Ceit, leugh na brathan-bloga Beithe, Feàrna, agus Caorann, sgrìobh mi am brath-bloga seo air ìoc-lusan a bha air an cleachdadh leis na Gàidheil.

Sgrìobh Iain MacCoinnich anns a’ cho-chruinneachadh Sar-obair nam bard Gaelach, “The belief was common among the Caledonians that for all the diseases to which mankind is liable, there grows a herb somewhere, and not so far from the locality where the particular disease prevails, the proper application of which would cure it.” Air an adhbhar sin, ’s beag an t-iongnadh a chleachdadh mòran lusan cumanta ’s ionadail airson leigheas, mar chreamh. A rèir coltais, chleachdadh creamh air feadh nan dùthchannan Ceilteach son nan sochairean slàinnte co-choitcheann aige. Tha e gu math follaiseach gun robh cliù mòr aig creamh bhon duan a fhuair mi ann an The Gaelic Names for Plants le Iain Camshron — “Is leigheas air gach tinn, Creamh ’us ìm a’ Mhaigh.” Thug Camshron anns an leabhar ceudna iomradh air ‘Feisd Chreamh’ a bha anabarrach cudromach son “gathering and social enjoyment to the ancient Celts,” ach cha do lorg mi tùs eadar-dhealaichte ma dheidhinn. A rèir coltais, gheibheadh tu blas uinnein ann am bainne bà nan itheadh an crodh creamh. Ach a bheil fèill air latte-uinnein?

Thog an lus carran no maraich m’ aire. ’S e seo flùr beag a tha a’ fàs air a’ chosta (mar a bhiodh dùil) agus air a’ bheinn cuideachd. Air sgàth ’s gu bheil e làn Beòthaman C, dh'itheadh e mar leigheas air iomadh galar coltach ri tachas agus an galar-fuilteach. Cuideachd, fhuair mi a-mach gun cleachdar e san latha an-diugh mar tàthchuid ann an leann-ciùird.

Nam biodh tu seachd tinn idir air sgàth ’s gum biodh an carghas ort airson duiligheadas: anns nad fhuil; air do chraicinn mar niosgaidean; no anns nad àirnean, ’s math dh’fhaoidte gum feum thu lus nan laogh fheuchainn! Tha na freumhan air an goil ann an uisge gus deoch dhubh ’s shearbh mar teatha a dhèanamh a tha air a h-òl ann am balgaman mean air mhean. Faodar clòimh dhubh a dhathachadh leatha cuideachd. Ach tha iomadh lus air ainmeachadh lus nan laogh, mar eisimpleir thuirt neach-fiosrachaidh à Uibhist a Deas gu bheil lus nan laogh na lus aig a bheil duilleagan uaine a bha air an goil airson deoch a bha a’ toirt faochadh do laoigh aig a bheil teanntachd-cùim ach faodar a chleachdadh airson duilgheadasan sgòrnain cuideachd. A bharrachd air sin, fhuair mi clàr ann an stòr-dàta Tobar an Dualchais anns an robh neach-fiosrachaidh à Cataibh a’ bruidhinn air lus nan laogh mar leigheas air duilgheadasan àirnean. Anns a’ chlàr seo, cha lughaid gu bheilear a’ bruidhinn mun trì-bhileach a chleachdadh gus teatha a dhèanamh a bha a’ leigheas dhuilgheadasan maghain. A rèir coltais, bhathar a’ smocadh nan duilleag an àite tombaca.

Anns an ath-bhrath-bhloga, bruidhnidh mi air ìoc-lusan eile agus lusan aig a bheil cumhachd. Mar eisimpleir, leughaidh tu mu dheidhinn na cumhachd iongantach aig a’ bhuntàta . A bheil sgeul no saobh-chreideamh no sgeul agad air lus? Cuir thugainn e tro Facebook no Twitter.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo