Gàidhlig / English
Caorann

Caorann

Air a sgrìobhadh le Kate air Diardaoin 29mh den Mhart
’S e an caorann an treas craobh anns an t-sreath againn. Tha seo bunasach ann an dualchas nan Gàidheal. Tha iomadach sgeulachd is saobh-chreideamh ann ceangailte ris a’ chraoibh sin. Bhathar ga ùisneachadh airson cleasachd nan sìthichean a chumail air falbh, air neo mar dhìon an aghaidh gonadh sam bith a thigeadh san rathad agaibh. Ann a bhith a’ dìon ur cuid chrodh, tha ciall eile ann airson gonadh. Leughaidh sinn ann am Bàrdachd Ghàidhlig, gum b’ fheàrr leis na draoidhean e.

Tha cleachdaidhean a’ chaorainn cho pailt is farsaing ann an saoghal nan Gàidheal, agus bidh e an inntinn daoine mar rud buadhmhor is rathadach fhathast, airson adhbhar air choireigin nach eil daonnant’ cho follaiseach dhaibh.

Bhiodh e na bhuannachd dhuibh craobh chaorainn a chumail faisg air an taigh agaibh, agus feuch nach dèan sibh cron sam bith air! Leis a sin a ràdh ge-tà, dh’fheumadh sibh rudeigin a ghearradh bhuaithe airson an deagh fhortuin a thoirt còmhla ribh. Feumaidh sibh a bhuain gun sgian ùisneachadh! Bhiodh craobh gharabhaigs a’ dèanadh an gnothaich gus leigheas a thoirt air tinneas na sùla is greim cluaise. Bhiodh e cuideachd a’ toirt dìon do chrodh an aghaidh na droch-shùla is gonaidhean den leithid sin. Seo mar a theirte ris ann an Scalpaigh, na Hearadh, agus theireadh iad caraibhiag airson smeur chaorainn.

An cuala sibh riamh mu shnaidhmean-dearg? Thèid iad a dhèanadh le dà bhad caorainn air an ceangal le sreang dhearg, ann an cumadh na croise. O chionn corra bhliadhna, ghabh mi pàirt anns a’ phròiseact, Stories in the Land. Mar phàirt de dhùbhlain Diùc Dhùn Èideann, chaidh nigheanan a’ Chaoil (faisg air a’ Ghearasdan) air turas sìos rathad nan Dròbhairean ann an Loch Àlainn air muin eich. Mun do dh’fhalbh iad, chuir sinn snaidhmean-dearg air earball nan each. Theagamh gu robh e na bhuannachd dhaibh!

’S e lorgag a bhiodh iad a’ toirt gu leanabh a bha fo fhiabhras nam fiaclan air a’ Chomraich.

Ann an Carmina Gadelica Vol 1, 2, tha iomadach iomradh air a’ chaorann agus mar a dh’ùisnicheas sinn e. Is cinnteach gu faigh sibh tuilleadh ann an gach iris den Charmina Gadelica. Losgaidh sibh e aig stairsich a’ bhàthaich air Latha Buidhe Bealltainn, agus air Oidhche Shamhna. Ma dh’fhaoidte gum biodh dìon a dhìth, gu h-àraidh aig na h-amannan siud den bhliadhna nuair a bhios na ràithean a’ tionndadh. Bhiodh taibhsean is droch spioraidean a’ siubhal na dùthcha nam pailteas!

Seo rann mu chaorainn, ri lorg ann an Collected Poems, le Deòras Mac Iain Dheòrsa:

“Thà na caorainn geal is bidh na caorainn dearg . 
 Tha ’m blas leamh is searbh,
’S is searbh an sgàrlaid leinn mar èibhlean air slatagan
Is smuain dhiubh mu shneachd,
Agus beachd bìth mu fhalbhan aig na h - eòin a tha ’seinn.” 

A bheil craobh chaorainn sa ghàrradh agaibh? A bheil saobh-chreideamh neo sgeulachd agaibh ceangailte ris? Cuiribh fios thugainn air Facebook neo Twitter.
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo