Gàidhlig / English
Feàrna

Feàrna

Air a sgrìobhadh le Kate air Diardaoin 22mh den Mhart
A’ leantainn air aghaidh bhon chraoibh bheithe, chuir mi romham dualchas nan craobh a thoirt dhuibh sna bhrathan-bloga a leanas.
 
Chan eil craobh anns nach deach dualchas air choireigin a chur na cois. Ann an seann bhàrdachd nan Gàidheal, chaidh nàdar dhaoine a dhealbhachadh a rèir nan craobh mallaichte neo beannaichte. Mar eisimpleir, ann an Alasdair à Gleanna-Garadh, tha Sìleas na Ceapaich ga mholadh mar seo:
 
‘Bu tu ’n t-iubhar thar gach coillidh,
Bu tu ’n darach daingean làidir,
Bu tu ’n cuileann ’s bu tu ’n draigheann,
Bu tu ’n t-abhall molach blàthmhor,
Cha robh do dhàimh ris a’ chritheann
Na do dhligheadh ris an fheàrna;
Cha robh bheag ionnadh de ’n leamhan;
Bu tu leannan nam ban àlainn.’
 
Ann an Òran don Ollamh MacIain, le Seumas Mac an t-Saoir, chaidh iomradh a dhèanadh air cuid de na craobhan mallaichte, ann a bhith a’ càineadh an duine:
 
‘….Tha ’chuid as motha dhìot de chritheann,
Ìnean sgithich ’s làmhan feàrna –
Tha do cheann gu lèir de leamhan,
Gu h-àraidh do theanga ’s do chàirein.’
 
Sgrìobhaidh mi mun fheàrna an t-seachdain-sa.
 
A bheil cuimhne agaibh air an t-seanfhacal bhon bhrath-bhloga-sa chaidh?
 
‘’S geal gach nodha, gun nuig snothach an fheàrna,’
 
Bidh fiodh na feàrna geal nuair a thèid a ghearradh, ach bidh dath dearg air gu math luath nuair a bhios e fosgailte don adhar. Bidh an rùsg ga ùisneachadh airson dathadh.
 
Bidh e a’ fàs ann an àiteachan bog fliuch, agus leugh mi air làrach-lìn Trees For Life, gu robhar ag ràdh leis na h-Eireannaich gur e deagh àite a bhiodh anns na coilltean feàrna, do dhearg-mhèirleach a bhith a’ cumail am falach.
 
Tha Trees for Life a’ dèanadh sàr obair ann a bhith a’ cur choilltean dùthchasach as ùr air a’ Ghàidhealtachd. Mholainnsa gu mòr sùil a thoirt air an fhiosrachadh air gach craobh is ainmhidh, agus air na duilleagan beòil-aithris a th’ aca mu gach rud dheth.
 
Chan eil i idir math gu losgadh. Bhathar ag ràdh seo mun fhèarna ann am Folklore and Folksongs of South Uist:
 
“…Diùghaidh connaidh, feàrna fliuch.”
 
Bhithte ag ràdh seo mun fheàrna ann an Gaelic Proverbs:
 
“Is olc an cabar fearna nach dean ràidhl’ air tigh,”
 
agus, “Sniomhaidh tighearna fearna tuathnach daraich.”
 
’S e rud olc is carach a th’ anns an fheàrna ma-tha! Tha seo a’ dealbhachadh mar a bhios an fhèarna a’ faotainn làmh an uachdair air an darach nuair a bhios na ràithean neo-riaghailteach. Tha an leithid de sheanfhacal ann mu Chlann Mhic Artair à Srath Churr Comhghall:
 
“Mac Artair Srath-churra o bhun an stoc fhearna.”
 
Dè idir a bha an cliù Chloinn Mhic Artair orra? Èistibh ris a' chlàradh, airson cuid den na rannan is na seanfhaclan a chluinntinn:


 
Ma tha barrachd fiosrachaidh agaibh air Clann Mhic Artair, nach cuir sibh fios thugainn air Facebook neo air Twitter.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo