Gàidhlig / English
Beithe

Beithe

Air a sgrìobhadh le Kate air Diardaoin 1d dhen Mhart
Bha e na thlachd dhomh, o chionn mìos, tuilleadh rannsachaidh a dhèanadh air a’ chraoibh bheithe còmhla ri èic-eòlaichean, agus chuir mi eòlas oirre mar a chuir an t-seann Ghàidheal o thùs. A chàirdean, ’s e craobh iongantach a th’ innte!

Nuair a bhios sibh sa choille, seallaibh mun cuairt oirbh air an àrainneachd agus cuimhnichibh:

Seileach nan allt is calltuinn nan creag, Fèarna a’ lòin , beithe nan eas, Uinnseann an dubhair, darach na grèine, Leamhan a’ bhruthaich is Iubhar an lèana.

Chaidh an rann seo a lorg ann an Campbell’s Collection of Gaelic Proverbs.

Bidh craobhan seilich agus craobhan fèarna feumach air àiteachan fliuch. Air an aon ràmh le sin, bidh craobhan caltainne a’ cur sìos am freumhan ann an àiteachan creagach. Is ann mar sin a bhios iad a’ cur bacadh air na fèidh a bhios a’ feuchainn ri an spìonadh.

Ach tha am beithe cho sùbailte, seasmhach, gum fàsadh i ann an àite sam bith: boglach, lag, cnoc… fiù ’s ann an àiteachan a tha air an trèigsinn as dèidh gnìomhachas. Dh’fhàs i fad is farsaing bho dheireadh Linn na Deigh. Bidh iad beò cho fada ri ceithir fichead bliadhna’s deich.
 
Tha e cumanta gu leòr, leis cho seang ’s a tha na stuic bheithe, a bhith a’ bruidhinn air cluaintean barraich, ged is e slatan beithe a bhios daoine a’ ciallachadh leis an fhacal cuideachd. Mar a sheinn Mac Mhaighstir Alasdair ann am Moladh Mhòraig:
 
“Gach duine, tha’n Uidhist a Muideart, ’S an Arasaig dhù-ghorm a bharraich;”
 
Bhruidhinn Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair air an dà chuid barraich agus am beithe ann an Òran an t-Samhraidh:

“Bi’dh am beithe deagh-bholtrach,
Urail dosrach nan càrn,
Ri maoth-bhlàs driùchd céitean,
Mar ri caoin-dhearsadh gréine,
Brùchdadh barraich tro gheugan,
’S an mhios cheutach sa Mhàigh;
Am mìos breac-laoghach, buailteach,
Bhainneach, bhuaghach,
gu dàir.
 
’S e na barraich (slatan beithe) a bhithte ag ùisneachadh ann an iomadach dòigh leis na Gàidheil. Chaidh ròpa a dhèanadh, air neo gad beithe, ceileag (ann an Ceap Breatainn) neo siaman-barraich, a-mach à barraich ann an Toirbheartan is ann an Gèarr-loch, airson tughadh a cheangal ri mullach an taighe. ’S e beileag a theirte ri rùsg beithe san Eilean Sgitheanach.
 
Èistibh an-seo ri Lexy Caimbeul, cho beòthail ’s bha i, ag innse mu ghad a cheangladh seicheannan a bha rin reic. Dhèanadh iad fùdar le fiodha beithe, mar a dh’innis Eairdsidh MacIllEathain à Muile.
 
’S e gad-èisg a theirte ri èisg a’ snàmh am measg fhreumhan beithe. Co-dhiù, ’s e sin a shaoilinn, ach ’s e meang am facal a dh’ùisnich an neach-aithris seach freumh; abair e! An e dual-chainnt a tha sin?
 
Tha an t-earrach a’ teannadh oirnn a-nise, agus bidh an snothach ag èirigh anns a’ chraoibh. Cluinnidh sibh e ma chuireas sibh cluas ri stoc beithe. Nì sin deoch fionnar, nach eil cho eu-coltach ri uisge cnò choco. Tha seanfhacal àraid an seo bho Gaelic Proverbs, ach mu snothach an fhèarna. Seo craobh a tha mallaichte ann an dualchas nan Gàidheal:
 
“’s geal gach nodha gu ’n nuig snothach an fhearna”
 
Èistibh ris na rannan, air an aithris le sgioba DASG.

Dè mar a tha sibhse eòlach air a’ bheithe? Innis dhuinn air Facebook neo Twitter.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo