- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Geasagan
Air a sgrìobhadh le Caitlin air Diardaoin 19mh den Ghiblean 2018
’S e geasagan, ‘superstitions’ facal an t-seachdain-sa a th’ agam dhuibh an-diugh. Lorg mi am facal air Faclan bhon t-Sluagh agus smaoinich mi gum biodh e freagarrach sgrìobhadh ma dheidhinn seach gum b’ e Dihaoine 13mh a bh’ ann an t-seachdain sa chaidh.
’S ann à Breacais anns an Eilean Sgitheanach a thàinig am facal seo a chaidh a chlàradh ann an 1970. Lorgar geaslagan ann an Geirinish ann an Uibhist a Deas leis an aon chiall, agus geaslagach airson ‘superstitious’, an dà chuid a bha clàraichte le Ailig O’Henley ann an 1987-88. Tha géillinnean againn cuideachd a’ tighinn às an Allt Bheithe ann an Siorrachd Rois.
Ann an Dwelly, tha saobh-chràbhadh (Uibhist a Deas) no saobh-chreideamh, ’s dòcha na faclan air a bhios cuid dhuibh nas eòlaiche, géillidhean agus geasalanachd a’ nochdadh airson ‘superstition’. Tha tòrr gheasagan inntineach rim faighinn ann an Corpus DASG; seo cuid den fheadhainn as inntinniche a lorg mi fhìn:
Sgrìobh Cameron ann an The Gaelic Names for Plants gun deach smaoineachadh le bàird gum b’ ann às a’ challtainn a thàinig a beachdan as fheàrr ann am bàrdachd: Bha e air a chreidsinn gun do dh’fhàs calltainn ri taobh nam fuaran às a thàinig gach abhainn a bha ann, agus na cnùthan brèagha a thuit bho na craobhan seo a chaidh ithe le bradain. ’S e na cnùthan seo a chuir na spotan dearga air bradain, agus bhiodh beachdan bàrdachd air leth aig duine sam bith a dh’ith na bradain. Thachair dìreach seo ri Fionn MacCumhail, agus ’s ann às an sgeul seo a thàinig an abairt ‘Bradan an Eòlais’ – ‘The Salmon of Knowledge’. Sgrìobh J. MacDougall mu seo anns an leabhar Folk Tales and Fairy Lore in Gaelic and English Collected from Oral Tradition.
Tha geasag eile againn ann am Faclan bhon t-Sluagh ceangailte ri crois-iarna, ‘distaff’. ’S ann à Barraigh a tha an neach-bratha, ach chaidh an geasagan a lorg ann an Dùn Obhainn. Tha e ag ràdh Gun robh creideamh ann nam biodh balach a’ fàs ro luath, b’ urrainn dhuibh a bhualadh le crois iarna agus chuireadh sin stad air – chan eil mi cinnteach ge-tà dè cho èifeachdach ’s a bha sin!
’S e ‘Geaslanachd na Gealaich’ a’ gheasag mu dheireadh a lorg mi. Chaidh a sgrìobhadh ann an Carmina Gadelica agus ’s ann à Eige a tha an creideamh seo a’ tighinn. A rèir an leabhair. Thuirt seann bhodach:
‘Cha mharbhadh na seann daoine muc no caora, gobhar no bó làmhaig anns an earra-dhubh
Tha feòil beothaich gun bhlas gun bhrìgh, gun sult gun saill, anns an earra-dhubh.
Cha mhó a bhuaineadh iad caol cuill no caol seilich a chon chliabh no chraoileag no craobh
ghiuthais chon daraich ann an earra-dhubh na gealaiche.
Tha brìgh an fhiodha a' dol dh'an fhriamh agus am fiodh a' fàs bruanach brisg, gun bhladh gun
mhath.
Bha na seann daoine ris a h-uile seo ri lìonadh no ri airde na gealaiche.
Bha na seannraidh beachdail anns na nithean nàdarra, mar nach bheil ògraidh an latha an diugh.’
— ‘The men of old would not kill a pig nor sheep nor goat nor axe-cow at the wane of the moon.
The flesh of an animal is then without taste, without sap, without plumpness.’
Ma tha sibh ag iarraidh barrachd gheasagan a lorg, èistibh an seo i Nan NicFhionghain a’ bruidhinn air iasgairean a chreid nach glacadh iad rud sam bith ma chunnaic iad rabaid neo ma dh’ith iad ugh mus deach iad a-mach air a’ mhuir.
Tha mi cinnteach gum bi mòran tuilleadh gheasagan ann nach eil an seo - nach cuir sibh fios thugainn ma tha sibh eòlach air rud sam bith inntinneach ri lorg neo a tha fhathast a’ dol sa latha an-diugh air Facebook no Twitter.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo