- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
A’ Chàisg
Air a sgrìobhadh le Niall air 5mh den Ghiblean
Leis gur e Seachdainn na Càisge a th’ ann bha mi an dùil gum biodh e freagarrachadh beagan meòrachadh a dheanamh air àite na fèille seo ann an dualchas nan Gàidheal.A-measg chruinnichidhean DASG agus iomairtean eile mar Phròiseact MhicGilleMhìcheil MhicBhatair gheibhear pìosan fiosrachaidh eadar-dhealaichte a tha a’ toirt sealladh air mar a tha a’ Chàisg air cruthachadh tuigsinn shaoghalta coimhearsnachdan Ghàidhealach. Ann an cumanta le cultaran eile, tha a’ Chàisg a’ samhlachadh ri toiseach an Earraich agus mar sin ath-bheòthachadh bliadhnail agus toiseach beatha ùra. Airson coimhearsnachdan Chrìosdaidh tha seo an uair sin air a chuir an luib modhaidhean a’ chreidimh ud, agus gu h-àraid bàs agus Aiseirigh Ìosa. Chì sinn seo anns am freumhachd a tha aig na faclan leis a bheil sinn a’ comharrachadh an t-àm seo den bhliadhna. Tha a’ Chàisg co-cheangailte ris an Laideann pascha - facal a tha a’ tighinn bhon Eabhrach Pesah air an neo Passover. ’S e ainm eile Gàidhlig airson àm na Càisge Seachdainn na Ceusda air an neo the Week of the Crucifixion.
Tha a’ bhun-stèidh Dhiadhaidh seo soilleir ann an earrann bhon dàrna leabhar aig Carmina Gadelica. Tha an earrann seo a’ deanamh iomradh air a’ chreideamh a bha ann gum biodh a’ ghrian a’ dannsa air Là na Càisge mar chuimhneachan air an Aiseirigh aig Crìosd:
The people say that the sun dances on this day in joy for a risen Saviour. Old Barbara Macphie at Dreimsdale saw this once, but only once, during her long life. And the good woman, of high natural intelligence, described in poetic language and with religious fervour what she saw or believed she saw from the summit of Benmore:- ‘Bha-ghrian or-ghil an deigh eirigh air sgeith nam beann mora agus i a caochladh dath – uaine, purpaidh, dearg, cra-dhearg, geal, gile-gheal, agus oir-gheal, mar ghloir Dhe nan dul do chlanna dhaona. Bha i a dannsadh a sios agus a suas ann an gairdeachas ri ais-eirigh aigh Slanuighear gradhach nam buadh.’
Bha tarraingeachd shaoghalta cuideachd aig àm na Càisge agus na creideamhan ris an robh ì a’ samhlachadh is bhiodh bàird a’ cuir car air modhaidhean is ìomhaigheachd na ràithe nan saothair. Chìthear seo anns an dàn ‘Ciadain na Creach’ le Ruaidhri Mac Mhuirich, An Clàrsair Dall. Tha an t-òran seo na mharbhrann gu Iain Breac Mac Leòid, ceann-cinnidh Mhic Leòid Dhùin Bheagain. B’ e easan pàtran Mhic Mhuirich agus chaochail e, mar a tha am bàird ag innse dhuinn, “an deireadh a’ Charghais…ann an seachdain na Ceusda”. Tha Mac Mhuirich a’ tarraing air ìomhaigheachd thraidiseanta na Càisge – an t-ath-bheòthachadh bliadhnail air na rinn mi iomradh – agus ga cuir bun-os-cionn airson dealbhachadh na tha easan agus sgìre MhicLeòid air call le bàs an duine.
An àite bhith a’ faighinn spionnadh as ùr airson a bheatha tha e a’ cantainn “fhuair mi dìnneir là Càisge, is cha b’fheairrde mo ghean i” agus “an diu gur buan dhomh ri aithris/gun d’ bhuail an t-earrach seo bròg orm.” Tha an truas aige a’ tighinn gu ceann leis an rann far a bheil e ag radh:
dh’fhalbh mo lathaichean éibhinn
on a thréig sibh Clàr Sgìthe:
tha mo thaice ’sna Hearadh
an déidh fhalach ’na aonar.
Tha Ruaidhri Mac Mhuirich a’ faireachdainn mar gu bheil e air pàrant a chall agus tha e a’ glacadh seo tro ìomhaigh Chrìosdaidh an uain:
an diu a dh’fhaodas mi ràitinn
gur uan gun mhàthair ’san treud mi;
’s ann as gnàth dhomh bhith tursach,
gun bhrath furtachd as t’eugmhais;
Ach, ro crìoch na cumha, tha Mac Mhuirich a’ cuir car eile air an ìomhaigheachd aige agus e a’ bruidhinn air Ruaidhri Mac Leòid, mac agus oighre Iain Bhric. Tha aire a’ bhàird a-nis a’ tilleadh ri beatha thairis bàis agus mar a tha an ath ghinealach a’ fàs agus a’ gabhal àite an fheadhainn a chaidh romhpa. Anns an rann mu dheireadh aige tha e a’ cleachdadh ìomhaigh chraoibhe airson a bhith a’ mìneachadh air na dleasdanasan a bhios aig Ruaidhri òg ma tha e gus leantainn eismplear athair agus an deagh bhuaidh a bha aigeasan air bheatha a’ chinnidh. ’S e ìomhaigheachd na craoibhe rud a tha cumant an dà chuid mar phàirt de ìomhaigheachd thraidiseanta an Earraich agus ann an còd molaidh nam bàrd Gàidhealach:
Maide dh’fhàs ’na chraoibh thoraidh
fo bhlàth onarach àlainn
ann an lios nan crann euchdadh –
bha tlachd nan ceud anns gach àit air:
lean an dùthchas bu chathair,
a mhic an athar a chràidh sinn;
na bi ad chrìonaich gun duilleach
anns an ionad ’n do thàmh thu.
Leis an sin, ma tha, chì sinn gun do thòisch Mac Mhuirich le bhith a’ cuir ìomhaigheachd na Càisge air char airson a dhòrainn mu bhàs Iain MhicLeòid a lìbhrigeadh. Ach aig a’ cheann-thall tha e a’ crìochnachadh le bhith a’ tilleadh gu modhaidhean traidiseanta na ràithe airson a bhith a' conaltradh gu mac Mhic Leòid – a’ bheatha ùr a tha a’ tighinn dhan sgìre – dè na dòchasan a tha aca air a shon. ('S e seo dòchasan ris nach coinneachadh Ruaidhri MacLeòid, mar a chithear ann an dàn eile le Mac Mhuirich, ‘Òran do Mhac Leòid Dhùn Bheagain’).
Mar a sheallas na h-eisimplearan seo dhuinn, bha na atharrachaidhean farsaing a thigeadh aig a’ Chàisge na’n spionnadh do Ghàidheil a bhith a’ meòrachadh air iomadach chùisean, agus bha roinn de chreideamhan Diadhaidh agus saoghalta air an glacadh tro ìomhaigheachd na ràithe. Chithear seo ann an cùisean phoileataiceach ionadail ’s a cheart uiread ’s a chi ann an sgeul na h-Aiseirigh.
Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo