Gàidhlig / English
Far-ainmean Bhailtean Ionadail (Pàirt 4): Àird MhicShimidh

Far-ainmean Bhailtean Ionadail (Pàirt 4): Àird MhicShimidh

Air a sgrìobhadh le Calum air 17mh Am Màirt, 2022
Tha sinn air ais am-bliadhna le brath-bhloga eile mu fhar-ainmean ionadail eile. Bheir sinn sùil air sgìre Àird MhicShimidh, ann an teas-meadhon na Gàidhealtachd! Bheir sinn sùil air gach far-ainm agus frith-ainm a tha ri lorg ann an obraichean Ùisdean Barran, “Some Gaelic Verse from the Aird”, “Notes on the Aird”, “Verse Story and Fragments from Various Districts” agus “Verse, Fragments, Etc., From Various Districts”, gu h-àraidh an fheadhainn a tha a’ buntainn ri “Bràigh na h-Àirde” no “A’ Mhormhaich” mar a chanas càch.
Tha sean-fhaclan againn mu na h-Àirde fhèin:
  1. “MacShimidh Mhòr na Mormhaiche”.
  2. “Is mòr stà na h-àirde do MacShimidh” – Tha an sgìre air leth torrach.
  3. “Buntata pronn is bainne leo’ – biadh bodaich na h-àird”.
  4. “An dà rud a gheobh na caoraich urchadain – a’ ghaoth is a’ chuip” – Tha beachd ann gun robh, no gu bheil(?), muinntir Ghleann Urchadain car mosach no garg leis an sprèidh.
  5. “Muinntir Urchadan le cead na cuideachd” – Chanadh seo nan d’ fhuaradh Urchadanach falbh bhon chuideachd aca, “tachartas ainneamh”!
  6. “Cràbhadh a’ ghlinne – malairt nam muc”.
  7. “Na gabh bean à Gleann Urchadain no mart à Oriathaichean”.
  8. “Muinntir sgìre Mhoire ’s an droll ri dorus”.
 
Sloinneadhan
  1. Na Friseilich: Tha far-ainmean againn mu chloinn Fhriseil fhèin: Tha “Frisealaich a’ mhine” agus “Frisealaich a’ pheic mine” ann cuideachd. Tha fios agam gu bheil e air leth cumanta do dhaoine agus cinnidhan Gàidhealach far-ainm a chur air càch a chèile a thaobh am bìdh a bhios iad ag ithe gu tric. Tha an rann na leanas an-seo againn, às dèidh do dhuine tilleadh bho Shrath Spè, Tìr nan Granndach:  “Thèid sinn dhachaidh tiugainn dhachaidh, Thèid sinn dhachaidh Suas an Aird; Fàgaidh sinn Granndaich na lite, Is sinne Frisealaich a’ chàil.”
  2. MacFhearachair – “Poc Buidseachd ic Fhearchair”.
  3. MacGhilleChaluim – “Ceann tairbh Chalumaich” – B’ e teaghlach a bh’anns na Calumaich, den sloinneadh “MacGilleChaluim” a thuinich anns an sgìre.
 
Àird MhicShimidh
  1. Obar Itheachain: “Bodaich bheag’ a’ bhail’ ud thall, Bodaich bheag’ Obriathaichean; Nuair a dh’òlas iad an liunn ’S mòr a bhios de bhruidhinn ann.”
  2. Allt Speic (Dalnamine, Belladrum): Bodachan Allt Spec”.
  3. Milifiach: Fithich dubha Milifiach”.
  4. Knockbain: Piatan Cnoc bhàn”.
  5. Clune: Faoileagan a’ Chluain”.
  6. Achvaich: Is tuath Achd a’ Bhàthaiche”.
  7. Balintore: Ruadh cearcan Bail’ an tòdhair”.
  8. Convinth: Cabar fad’ a’ Chonmhaich”.
  9. Ardendrain: Conmhair Aird an Dreathainn”.
  10. Balconish, Taenuilt: “Gearran beaga Baile a’ chonais”.
  11. Inchberry: Is donas innis a’ bhàiridh”.
  12. Srath Glas:“Srath-ghlais a’ chruidh chinn fhonn, Cha robh mi ‘nam aineol, Is ro-mhath b’ eòl dhomh Gleann Canach an fheòir”.
  13. Culburnie: “Pioghaidean a’ Bhlàir”.
  14. Teanacoil: “Làraichean Tigh na Coill’”.
  15. Bruiach: “Crodh seasg Bruitheach”.
  16. Achnacloich, Ardendrain: “Crodh laoigh Ach’ na Cloich”.
  17. Lòn ’ic Shim: “Croitearan Lòn ’ic Shim”.
  18. Camuilt: “Tuath grinn Choire Chamuilt”.
  19. Clune: “Faoileagan na Cluanach”.
  20. Balmacaan: “Guanagan Baile MacCathan”.
  21. Strone: “Fithich dubha na sròine”.
  22. The Braes of Glen Urquhart: “Taorbagan Bail’ an t-Srathain”.
  23. Muinntir an t-Sratha – “Clàbarachd an t-sratha”.
 
Sgìrean eile
  1. “Seangan Mhallaig”.
  2. “Màgan Mhòrar”.
  3. “Crodh bhreac Bracara”.
  4. “Na Gròigeanan Tulach an Ear”.
Seo na tha agam de fhar-ainmean agus frith-ainmean muinntir Àird MhicShimidh agus an còrr, an aithne dhuibh fear de na far no frith-ainmean fos cionn? A bheil ainmean eile agaibhse? Nach leig sibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo