- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Gnàthasan-cainnt ann an Dùthaich MhicAoidh
Air a sgrìobhadh le Calum air 20mh An Dàmhair, 2022
Tha ùidh againn aig DASG ann an dualchainntean na Gàidhlig. Gabhaidh dualchainnt a-steach blas-cainnt, fuaimneachadh agus briathrachas eadar-dhealaichte dhaoine nan sgìre, a’ dearbhadh cò a th’ annta (no cò nach eil iad-san)! Tha sin dìreach cho fìor ann an Dùthaich MhicAoidh, ann ceann a tuath Chataibh, leis an cuid abairtean agus gnàthasan-cainnt. Anns a’ bhrath-bhloga seo bheir sinn sùil air na h-abairtean agus gnàthasan-cainnt aca los “sealladh a-steach” smuaintean agus dòigh-smuaineachaidh nan Caoidheach fhaicinn rud beag.Chaidh na gnàthasan-cainnt gu h-ìosal a chlàradh bhon fhaclair “Faclair Gàidhlig Dhùthaich Mhic Aoidh”, le Seumas Grannd, leabhar iontach làn-fhiosrachail. Airson barrachd fhiosrachadh nach toir sibh sùil air “Faclan na Gàidhlig ann an Albanais Chatach agus Gallach” agus “Faclan na Gàidhlig ann an Albanais Chatach agus Gallach (2)” (air a sgrìobhadh le mòran chuideachadh agus fhiosrachadh bho Dhr Alasdair MacMhaoirn), brath-bhloga a rinneadh leinn mu bhuaidh Gàidhlig na sgìre air beurla na sgìre sna làithean an-diugh.
A
[Advice] “Am fear nach gobh comhairle gobhas e cam-lorg.”
[Affectionate] “Cho dàimheil ri seann chù.”
[Age] “Cha chrèid an òig’ gun tig an aois is cha chreid an aois gun tig am bàs.”
[Age] “’S iomadh rud a thig an lorg na h-aoise.”
B
[Badger, cadal/srianach, cadal] “Cadal na srianaich dhut.”
[Healthy food, barley-bread/Biadh fallain, aran-eòrna] “Aran-eòrn’ a’ bhràthainn is iasg na cìlig.”
[Ben, Mountain/Beanntan] “Thuirt beinn Shìth ri Beinn Hób,
‘Nach e tha mór Beinn Laghail?
Nam faighinn às am paiseanadh mór,
Chuirinn sgòrr deh Beinn Laghail.’”
[Black/Dubh] “Cho dubh ri màs na pait’.”
[Black/Dubh] “Cho dubh ris an danas.”
[Blessing/Beannachadh] “Gum beannaich Dia an lìon is gum beannaich Dia sibh ach an tig sibh dhachaigh.”
[Blessing/Beannachadh] “Gum beannaich Dia sibh agus gum beannaich e a’ chulaidh is na bhios innt’!”
[Boy, Memory/Giullan, Cuimhne] “’S fhad’ cuimhn’ ghiullain.”
[Business/Gnothaichean] “’S e gnothaich a th’ ann!”
C
[Christmas/Nollaig] “’S e an Ullaig dhubh a dh’fhàgas an cladh mèith.”
[Cold/Fuar] “Tha e cho fuar ri Greenland.”
[Cormarant/Sgarbh] “Irimidh na h-uile fear sgarbh a thoir à a chreag fhèin.”
[Cowpat/Buachar] “Nead na cearca bleoghannaidh.”
[Cunning/Starach] “Cho starach ris a’ mhadadh-ruadh.”
D
[Days, better/Làithean nas fheàrr] “Bha sinn air latha-fèill’ a b’ fheàrr.”
[Toast/Beannachadh] “A h-uile là a chì is nach fhaic is là òrdugh Eireabuill.”
[Dying/Eug] “Tha e air slighe na fìrinn.”
[Deaf/Bodhar] “Cho bodhar ri clach.”
[Devil/Donas] “Tha am fear-millidh math da chuid fhèin.”
[Devil/Donas] “Chan eil ann ach bliadhnach leis an diabhal.”
[Devil/Donas] “’S e an diabhal a thug dha srian”
[Difference/Diubhras] “Tha diubhar mòr eadar a bhith a’ fàs sean agus a bhith sean.”
[Distemper/Diubhras] “Galar nan con.”
[Dog/Cù] “Dar a thèid an cù dubh is an cù geal don aon pholl bios aid a’ cheart cho dubh a’ tighinn às.”
[Drove/Dròbh] “’S e seann chìobair is seann choin as fheàrr a nì dròbh.”
Leanaidh sinn oirnn le pàirt a dhà an ath-sheachdain. An aithne dhuibh fear sam bith de na ghnàthasan-cainnt fos cionn? A bheil dreach eile agaibh de dh’fhear dhiubh? Nach leig sibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo