Gàidhlig / English
Gnàthasan-cainnt ann an Dùthaich MhicAoidh (Pàirt 2)

Gnàthasan-cainnt ann an Dùthaich MhicAoidh (Pàirt 2)

Air a sgrìobhadh le Calum air 27mh an Dàmhair, 2022
Fàilte air ais gu pàirt a dhà de Gnàthasan-cainnt ann an Dùthaich MhicAoidh. Tha sinn a' leantail oirnn leotha bho E gu L.

E

[Easier] “’S ann as tric’ a nì thu e ’s ann as fheas’ e”

[Eat] “Ithidh an t-acras dad sam bith”

[Endearment]
  1. "M’ eudail
  2. "M’ ulaidh
  3. "Mo ruar
[Evening] “Mar chlach a’ dul an aghaidh ùir, feasgar dùr earraich; Mar chlach a’ ruith le gleann, feasgar fann foghar”

[Evil] “Cho olc ris an danas”

[Evil woman] “Gheobh badh a h-achanaich, ach chan fhaigh a h-anam tròcair”

F

[Face] “Tha aghaidh air airson na h-uile uile cadha às an tig a’ ghaoth”

[Father] “Chual’ mis’ m’ athair ag ràdh, gun do chual èis’ ’athair ag ràdh, gum fac’ ’athair ’athair-as, fear a chunnaig am muir”

[Fire] “’S e rud math a tha san tin’ fad’ ’s nach fhaigh e buaidh”

[Flexible] “Cho sùbailte ri easgainn”

[Food] “Is fheàrr sgur no sgàineadh, ach is fheàrr sgàineadh na biadh math fhàgail”

[Forgiveness]
  1. “Mur toir thu mathanas, chan fhaigh thu mathanas”
  2. “Is mi a tha taingeil nach tu mo Shlànaighear, bheireadh e mathanas aig aon uair deug”
[Fraser] “Frisealach mi an Dòrnoch, ’S Tòiseach mi a’s a’ Mhachair, Caladalach mi a’s Frìth, Ach ’s e MacAoidh mi dar a thig mi dhachaigh.” (Abairt sgrìobhte le Rob Donn MacAoidh mu shloinneadhan eadar-dhealaichte rin lorg ann an sgìrean eadar-dhealaichte Cataibh.)

G
  1. [Go] “Siubhail do thaobh thall taigh na bids’!”
  2. “Siubhail do dh’Iutharn!”
[Goodbye] “Beannachd leat, gum bi an Cruithear cuide riut na h-uile àit’ don tèid thu!”

[Grace] “Oltachadh sa cheàrn, Oltachadh sa chùl, Am fear a chruthaich Sàtan, d[h]o na gobhail uil’.”

[Grip] “Tha greim na seann-aois’ aig’ air an airgead”

[Ground] “Bheireadh an eadhainn bheag' rud às an talamh mus toireadh an eadhainn mhòr' rud às na rionnagan.”

[Gunn] “Guinnich chruaidh’ lom’ chruaidh, is olc an uair a thàinig iad.”

 
H

[Halloween] “Oidhch’ Shamhn’ theirear gamhna ris na laoigh”

[Hammer] “Dè a dhèanadh tu orm-as dar a rinn thu sin ort fhèin?” (Air a labhairt do chuideigin nam bualadh iad an òrdag fhèin le òrd.)

[Happy]
  1. “Cho sona ris na smeòraich”
  2. “Cho son’ ris an rìgh air a chathair”
[Hardy] “Tha e cho cruaidh ri cù ceàird”

[Hatch] “Nan dèanadh bruidhinn sighinn, cha bhiodh sinn latha gun eòin”

[Health] “Do dheagh shlàint’!”

[Hear] “Cluinnidh tu air do chluais bhodhar e!”

[Hero] “Trì seòid a’ chuainein – an giomach, an rionnach agus an ròn”

[Herring] “Seachd sgadan’n, sàth bradain; seachd bradan’n, sàth ròin; seachd ròin, sàth na muice-mara mòir; seachd muca-mara mòr’, sàth fear nach còir”

[Hogmanay]
Thànaig mi le mo dhuan
’N oidhche mus do ghluais A’ Chollainn –
Carson a leiginn dhe mo chuimhne
Rud a bh’ ann ri linn mo sheanair?
Ithidh mi na mìrean bruith,
Bruithidh mi na mìrean iamh,
Òlaidh mi an deoch fuar,
Fuar’idh mi an deoch theth:
Neach nach toir dhòmhs am bonnach
Cuiridh mi an caolan aig’ a-mach air an fhàirleus.


[Honest] “Cho onarach ris na seachd glasan”

I

[Interjections]
Dear! Dear! / A rìgh a rìgh!
Ow! / Oich!
Goodness gracious! O bhithbhuan!
Oh dear! / Obh obh!
Take it easy! / Ais! Ais!
Tut, tut! / Thud ud!
Well then. / Uill ma-tà
Well! Well! / Bhuil, o bhuil!
Stop! / Fòghnaidh! Fòghnaidh!

 
K

[Kiln] “Dèan àth no muileann dheth!”

L

[Lapwing] “Sgrios! Sgrios! air an fhear a chreach mo nead – fear tha mòr no leanabh beag.”

[Lazy] “Cho leisg ris a’ chuthaig”

[Live] “Bha iad beò air smuaintean”

[Love] “Is lùgh’ e no an drothan-donn, is mèils’ e no a’ mheil. Gaol”

Tha sinn deiseil le pàirt a dhà ach bidh pàirt a trì againn an ath-mhìos. An aithne dhiubh na gnàthasan-cainnt no abairtean fos cionn? A bheil dreachan eile dhuibh? Nach leig thu fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo