- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Similidhean na Gàidhlig (Pàirt 2)
Air a sgrìobhadh le Calum air 15mh An t-Sultain, 2022
Fàilte air ais gu pàirt a dhà Simlidhean na Gàidhlig! Tha sinn a' leantainn oirnn le similidhean a bharrachd às na leabhraichean “Gaelic Proverbs and Proverbial Sayings (With English Translations)”, le T. D. MacDonald; “Campbells Collection of Proverbs”; “Gaelic Proverbs” le Alasdair MacNeacail agus à fhaclan bhon t-sluagh againn.L
- Cho labhar ris a’ ghaoith
- Cho làdarna ri madadh coin gun mhaighstir
- Cho làidir ri Cù Chulainn
- Cho làidir ri Garbh Mac Stairn
- Cho lag ris a’ cheothaidh
- Cho lag ris a’ chuileig
- Cho làn ’s a tha an t-ugh den bhiadh
- Cho làn ri muc - [air mhisg]
- Cho làidir ri Leòmhainn
- Cho làidir ri Samson
- Cho leathann ri ròin, tòn air dà thigh – [Duine sanntach a dh’itheas ann ‘taigh an càraid is an taigh-se]
- Cho leòmach ri dà-bhliadhnach cait
- Cho leòmach ris an aon fhaoileig air taobh Chaol Mhuile
- Cho lìonmhor ri muinntir Fhionnlaigh – [Na Sìthichean]
- Cho lìonmhor ris na gathan dubha
- Cho lom ris na deargan
- Cho luath ri aigne nan ban baoth
- Cho luath ri iteachan cuibhle - [ruidhle]
- Cho luath ri sgonnan
- Cho luath ris a’ ghaoith
- Cho luath ris an fhèidh
- Cho luath ris an luinn
- Cho luath ris an teine bhiorrach
- Cho luath ris na dìobartan
- Cho luath ri gath-dubha
- Cho luath ris na loin
M
- Cho marbh ri sgadan
- Cho math dheth ri mart-làmhaig – [fattening cow]
- Cho math ’s an fhiach am mèirleach a’ chroich
- Cho mear ri ceann siamain ri latha gaoithe
- Cho measail air ’s a tha an Leòdach air a’ chait – chan ann idir
- Cho mòr aig a chèile ri dà cheann eich
- Cho mòr às fhèin is ged a gheibheadh e mart air adhairc
- Cho mòr às fhèin ris a’ mhac-mhollachd
- Cho mosach ris na glasan
- Cho mùigeach ri cù le cnàimh
N
- Cho nimheil ris an nathair
O
R
- Cho reamhar ri ròn
- Cho rèidh ri glainne
- Cho rèidh ris na ceannaichean
- Cho righinn ri càc à plangaid
- Cho righinn ri gad seilich
- Cho righinn ri na goid
- Cho righinn ris a’ bhìth amh
- Cho righinn ris a’ chatapurca
- Cho righinn ris a’ mhaide-prop
- Cho righinn ris an agaphort
- Cho righinn ris an teàrr
- Cho ruighinn ris an dollaig - [dallag]
S
- Cho saillt ri muir an dà rudha
- Cho saillte ris a’ mhearal
- Cho saor ri bùrn
- Cho sean ri bratach nan Abrach
- Cho sean ri ceò nam beann
- Cho sean ris an iolaire riapaich
- Cho seann ris na bruthaichen
- Cho searbh mar sùgh nan sealbhach
- Cho searbh ris an dom - [bladder]
- Cho searbh ris an duinealas(?)
- Cho soilleir ris a’ ghrèin
- Cho seòlta ri lamhar
- Cho seòlta ris an t-sionnach
- Cho sgìth dheth ’s a bha an losgann den chlèith-chliata
- Cho sgìth ’s a bha an gobha da mhàthair, nuair a thiodhlaic e seachd uairean i
- Cho sgìth ri cù
- Cho sleamhuinn ri easgainn
- Cho sona ’s a tha an là fada
- Cho sona ri bò ann an loch
- Cho sona ri caibeannach ann an sruth – [breac bheag]
- Cho sona ri radan ann am muileann
- Cho sona ris an rìgh
- Cho sùbailte ri easgainn
- Cho suidhichte ri breitheamh [stuamach]
- Cho sunndach ris an fhiadh
T
- Cho teòma ri Coibhi Druidh
- Cho teth ri gaol seòladair
- Cho tiamhaidh ri gaoir a’ Chuain-an-Iar - [mournful]
- Cho tioram ri cruaidh-chonnlach na h-àthadh
- Cho tioram ris a’ mhìn
- Cho tioram ris an spìon
- Cho tioram ris a’ spùinn
- Cho tioram ris an t-srad
- Cho tioram ris an tràsg/t-sràbhasg
- Cho tioram ris an t-sreathainn – [kiln-straw]
- Cho tioram ris an tràthach
- Cho tiugh ri peasair [ann] am poc – [poke]
- Cho tric ’s a tha fiacail ad cheann
- Cho trom ris an talamh
U
An aithne dhuibh fear sam bith de na simildhean fos cionn? A bheil similidhean eile agaibhse? Leigibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo