- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Mìosachan nan Gàidheal: Am Foghar (Pàirt 2)
Air a sgrìobhadh le Calum air 2mh an t-Sultain, 2021
Tha sinn air meadhan an fhoghair a ruigsinn agus tha àm na buana romhainn. Bheir sinn sùil air làithean naomha, fèilltean agus comharraidhean-aimsire cuideachd.An t-Sultain /Mee-veanagh yn-ouyr
14/09 - 26/09 - Fèill Ròid.
Comharraichidh an là seo an Ròid Naomh, an crann-cheusaidh air an deach Iosa a cheusadh. ’S ann mu àm na bliadhna seo a bhios “An Dàmhair,” anns an t-seagh nas sine den fhacal far an tòisich na fèidh ri rùcail. Cluinnear langanaich agus bùireadh na fèidh anns na h-oidhcheannan mun ama seo. Tha e air a chantainn air “Oidhche na Fèille Ròid” mu fhiadh, “Ma bheir e cheann fliuch san Dàmhair,” bidh mìos tioram againn às a dhèidh.
15/09- 27/09 – “Oidhche nan Cnò, an Cnò Naomh.”
’S ann air an oidhche dìreach às dèidh Fèille Ròid a bhios an là seo. Tha teagamh ann air ciod is ciall do “Oidhche nan Cnò,” ach tha feadhainn den bheachd gum bu dual do dhaoine cnòthan a chàthadh air an là seo leis a’ bhuain. Tha dà rann againn sa bheurla a bheireas fianais dhuinn mu sin:
1. “This day, they say, is called Holy-rood Day,And all the youth are now a-nutting gone.”
2. “The Devil, as the common people say,
Doth go a-nutting on Holy-rood day;
And sure such leachery in some doth lurk,
Going a-nutting do the Devil’s work.”
16/09 – St Ninian’s Day.
Bha an là seo air a chomharrachadh ann an Galldachd na h-Alba seach Gàidhealtachd na h-Alba.
A’ Bhuain/Yn Mheillea/YnMeailley.
B' e tìm na bliadhna glè thrang a bh’ ann, le cha mhòr a h-uile duine ag obair air na raointean, no dripeil co-dhiù, ag obair air nithean mun cuairt na buana fhèin. Oir bha daoine ag obair bha cleachdadh inntinneach ann a dhèante leis an sguaib mu dheireadh: Dèante “Cailleach-bhuaineadh” leatha, far an dèante crois leatha agus gun faste le ribeanan i gus a chrochadh anns an taigh fhèin air tàirnean. Aig àm an Earraich ged-tha chuireadh a’ Chailleach-bhuaineadh leth-phàirt dhith air gach dà each a bhios ann airson a’ chiadamh treabhaidh. ’S e seo a rachadh a dhèanamh ann an Ìle agus tha iomradh den chleachdadh anns an leabhar “Seanchas Ìle” le Comann na Gàidhlig Ìle.
Tha cleachdadh againn a tha co-roinnte ann an Alba agus ann am Manainn far an cruthaichear “Cailleach,” no mar a chanas iad ann am Manainn “Baban ny Mheillea.” Lorgar cleachdaidhean Mhanainneach a bharrachd air “As Manx as the Hills” leis an duilleig mu “Harvest Customs.”
Tha cleachdadh eile againn ann an Alba far an cuireadh ann an cuid sgìrean cailleach-ròcais air an duine mu dheireadh nach do rinn a bhuain fhèin an coimeas ris a nàbaidhean. B’ e ball-fachaid a bh’ ann sa’ Chailleach-sa agus mar sin ’s e sin an t-adhbhar gun canar “Cuiridh mi a’ Chailleach ort!” ma tha cuideigin deiseil le nitheigin ro chàich. A thaobh ball-fachaid a dhèanamh de chuideigin nach eil deiseil leis am buain sgrìobh an t-òranaiche Anndra Alasdair ’ic Anndra (Andrew “Linc” Laing), às a’ Bhaile Mhòir ann an sgìre Phàibil, Uibhist a Tuath, ann t-òran “Òran na Caillich” mun ghnothaich seo.
Tha sinn air brath-bhloga a sgrìobhadh mu na Cailliche mar-thà an-seo ma dh’iarras sibh tuilleadh ionnsachadh ma deidhinn.
22/09 – CO-FHAD-THRÀTH AN FHOGHAIR – [Autumn Equinox.]
29/09 – Là Fhéill Mìcheil/Féill Mìcheil/Laa’l Vaayl/Là na Marcachd/Là na Struthain.
’S e là sònraichte a th’ ann air feadh na Gàidhealtachd, canar “Latha na Marcachd” air an là seo. Tha iomadh ortha agus duan ann mu Naoimh Mìcheil, “Mìcheal nam Buadh”.
Comhraichear an là le iomadh chleachdadh air an là seo: Frithealar Aifreann ann sa mhadainn; marbhar uan gus 'fheòil a cho-roinneadh; goidear eich (airson na h-oidhche a-mhàin) agus dèanar struthan. Marbhar fear uan le smàl no ball-craicinn den ainm “Uan Mìcheil,” agus gabhar e leis an t-sruthan cuideachd. Dèanar Sruthan, den ainm “Struthan Mìcheil,” le coirce, seagal agus bainne-chaoraich. Canar an ortha seo fhad ’s gun cuirear am bainne ris an t-sruthan:
“Ruth agus ràth an treo, Rùn Mhìcheil, dìon an Treòir.”
A thaobh mèirle nan each canar “Meirle eich na Fèill Mìcheil, Meirle nach do dhìteadh ’riamh.” ’S e sin an t-adhbhar gun canar an leithid air oidhche Fhèill Mìcheil: “Feasgar Faire nan Steud;” “Feasgar Fuarachaidh nan Each;” “Oidhche Cròthaidh nan Capall;” “Oidhche Glasadh nan Each;” “Glasadh na Fèille Mìcheil.” ’S e dùil nam mèirleach na h-eich a ghoid iad, no a thug iad air iasaid, bho na daoine-eich na h-eich a philleadh mu deireadh an latha. B’ ann air Mhachair Bhorg air Barraigh, a chumadh cùrsain mòra de a h-uile seòrsa, às dèidh do dhaoine cuairt a ghabhail dhan eaglais. Tha am meud de sheanchas mun là seo faodar tuilleadh mu Là Fhèill Mìcheil a leughadh air làrach-lìn Tairis agus ann an Leabhar “Ortha nam Buadh 1.”
Leanaidh sinn oirnn le pàirt a thrì an ath-mhìos far an cur sinn crìoch air làithean naomha agus fèilltean deireadh an Fhoghair. A bheil sibh eòlach air gin de na làithean no cleachdaidhean fos cionn? A bheil là no cleachdadh agaibhse a bhios sibh a’ comharrachadh? Leigibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo