Gàidhlig / English
Orthannan na Buana

Orthannan na Buana

Air a sgrìobhadh le Calum air 19mh an Lùnastal, 2021
’S e an Lunastal a th’ ann agus chan fhada gus am bi a’ Bhuan ann agus tha mòran rann agus abairt aig na Gàidheil air a son cuideachd, le feadhainn dhuibh air a chlàradh ann an “Ortha nan Gàidheal: Earrann 1” le Alasdair MacGilleMhìcheil. Cha toireadh an leabhar sùil air ùrnaighean cràbhaidh a-mhàin, bheir e sùil air orthannan is ubagan aimsire, oibre agus measgachadh de rannan eile. Anns an fheadhainn oibre – agus leis a’ bhuain a’ teannachadh oirnn – shaoil mi gum biodh e math feadhainn a tha ceangailte leis a’ bhuain a thaghadh. Tòisichidh sinn le “Coisrigeadh Sìol,” a thachair mìosan air ais, agus leanaidh sinn oirnn le “Beannachaidhean Buana” fhèin agus “Fuiridh Buana” às an dèidh.
 
An Coisrigeadh Sìol
Thèid mi ’mach a chur an t-sìl
An ainm an Ti a thug da fàs,
Cuirim m’ aghaidh anns a’ ghaoith,
Is tilgim baslach caon an àird.
Ma thuiteas silc air lic luim,
Cha bhi fuinn aige gu fàs;
Mheud ’s a thuiteas anns an ùir,
Bheir an dreuchd dha a bhi’ làn.
 
Di-Aoine nam buadh,
Thig dealt a-nuas a chur fàilt’
Aig gach pòr a bha ’n an suain
Bho na thàinig fuachd gun bhaigh;
Friamhaichidh gach pòr ’s an ùir,
Mar a mhiannaich Rìgh nan dul,
Thig am fochann leis an drùchd,
Gheobh e beatha bhon ’n ghaoith chiùin.
 
Thig mi mu ’n cuairt le m’ cheum,
Thèid mi deiseil leis a' ghrèin,
An ainm Airil ’s nan aingeal naodh,
An ainm Ghaibril ’s nan ostal caomh.
Athair is Mac is Spiorad Naomh,
Bhi’ toir fàs is toradh maoth
Do gach càil a tà ’n ’am raon,
Gon tar an latha caon.
 
Là Fhèill Mìcheil, là nam buadh,
Cuiridh mi mo chorran cuart
Bun an arbhair mar bu dual,
Togam an ceud bheum gu luath;
Cuirim e trì char mu ’n cuairt
Mo cheann, ’s mo rann ga luadh,
Mo chùlaibh ris an àirde tuath;
’S mo ghnùis ri grèin ghil nam buadh.
 
Tilgim am beum fada bhuam,
Dùinim mo dhà shùil dà uair,
Ma thuiteas e na aon dual
Bithidh mo chruachan biochar buan;
Cha tig Cailleach ri an-uair
Dh’iarraidh bonnach boise bhuainn,
Duair thig gaillionn garbh na gruaim
Cha bhi gainne oirnn no cruas.
 
Beannachadh Buana
Dhè beannaich fèin mo bhuain,
Gach imir, cluan, agus raon,
Gach corran cama, cuimir, cruaidh,
Gach dias is dual a thèid ’s an raoid.
 
Beannaich gach murn agus mac,
Gach mnaoi agus miuchainn maoth,
Tiuir iad fo sgiath do neairt,
Is tearmaid ann an teach nan naomh,
Tearmaid ann an teach nan naomh.
 
Cuimrich gach minns, cìob agus uan,
Gach nì, agus mearc, is maon,
Cuairtich fèin an treuid ’s am buar,
Is cuallaich a chon buailidh chaon,
Cuallaich a chon buaillidh chaon.
 
Air sgàth Mhìcheil mhil nam feachd,
Mhoire chneas-ghil leac nam buadh,
Bhrìde mhìn-ghil ciabh nan cleachd,
Chaluim-chillle nam feart ’s nan tuam.
 
Beannachadh Buana
Di-màirt fèille ri èirigh grèin,
Is cùl na deise ’s an àird an ear,
Thèid mi ’mach le m’ chorran fo m’ sgeith,
Is buainidh mi am beum an ceud char.
 
Leigidh mi mo chorran sìos
’S an dias biadhchar fo mo ghlac,
Togam suas mo shùil an-àird,
Tionndam air mo shàil gu grad.
 
Deiseil mar thriallas a’ ghrian
Bho ’n àirde ’n ear gu ruig an iar,
Bho ’n àirde tuath le gluasadh rèidh,
Gu fìor chrè na h-àirde deas.
 
Bheir mi cliù do Rìgh nan gràs
Airson cinneas bàrr na h-ùir,
Bheir e lòn dhuinn fèin ’s dh’ an àl
Mar a bhairigeas e dhuinn.
 
Seumas is Eòin, Peadail is Pàl,
Moire ghràidh-gheal làn soluis,
...
...
Oidhch’ Fhèill-Mìcheil agus Nollaig,
Blasaidh sinn uile dhe ’n bhonnach.
 
Beannachadh Fuiridh
Lasair leith, chaol, chrom,
Tighinn a toll mhullach nam fòd,
A lasair leumrach, leathann, theith,
Na tèid le do chleid da m’ chòir.
 
Gabhail rèidh, shèimh, shuairce,
Tighinn mu ’n cuairt mo theitheann,
Teine cùbhr’, caon, cuana,
Nach dèan smùr, no smuar, no reubann.
 
Teasraich, cruadhaich mo shìol miamh,
Chon biadh dha mo leunabh-beag,
An ainm Chrìosda, Rìgh nan Sian,
Thug dhuinn iodh, is iadh, is beannachd leis,
An ainm Chrìosda, Rìgh nan sian,
Thug dhuinn iodh, is iadh, is beannachd leis.
 
Tha tuilleadh orthannan agus rannan oibre airson na buana, agus mu obair eile mu àm na bliadhna seo, ach bidh agam ri brath-bhloga eile a sgrìobhadh man deidhinn turas eile. A bheil sibh eòlach air na ubagan agus rannan fos cionn? A bheil tionndadh eile agaibhse dhiubh? Leigibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo