- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Òrain Breugach
Air a sgrìobhadh le Calum air 23mh An t-Sultain, 2021
Tha dà seanfhacal anns a’ Ghàidhlig a tha air leth fìor “Cha robh sgeulaiche nach robh breugach” agus “Cha robh ceileach nach robh breugach,” oir ged is coltach dhuinn gu bheil an sgeulachd fhèin fìor cuirear breug no leth-bhreug ann co-dhiù. Ach saoil a bheil sin an suidheachadh airson Òranaiche, agus òrain fiù? Tha grunn thursan far a bheil “Òran Breugach” ri lorg, a chluinntinn agus air a sgrìobhadh ach carson a chaidh an sgrìobhadh ma-thà? Tha coltas ann gun deach an sgrìobhadh airson iomadh adhbhar. Bheir sinn sùil air grunn dhiubh anns a’ bhrath-bhloga an-seo.Anns gach òran tha ìomhaigheachd de dh'eòin, cluich innealan-ciùil agus sgeadachadh de aodaichean de chlòthan measgaichte. Tha seo soilleir ann an “Òran Breugach” anns an leabhar “Tales of Highland Perthshire” leis a' Bhan-Thighearna Evelyn Stiùbhart Mhoireach. A rèir coltais tha sgeul ceangailte ris; Bha fear ann agus bha e a’ dol a phòsadh tè, ach chaidh a ràdh ris gun rachadh a chrochadh le athair an tè mur dèanadh e òran gun fhacal fìrinn ann. Rinn e an t-òran ach thuirt e aon fhacal den fhìrinn anns an deireadh. Mar sin cha deach a chrochadh agus phòs iad:
“Tha cù an dèidh mo ghaoil orm,
’S cha bhi mi beò às t’ aoghmhais.
A’ mhuc a’ dèanamh an t-sìd dhuinn,
’S an cat a’ dèanamh phrìneachan,
Am broc a’ cur ri pìobaireachd
’S a’ chearc a’ dol a chìreadh.
Gu faca mise na feadagan
’S iad ’fighe air beairt a’ breabadairean,
’S na bh’ ann do eòin bheaga ann
’Fighe air bheairt gun aodach.
Gu faca mise na lachagan
’S iad a’ cur ri clachaireachd,
An dreadhan-donn ’s barr’ aige
’S e tarraing clachan ’s aol dhaibh...”
Tha tionndadh eile ann den aon òran don ainm “Òran an Dreathain-Duinn,” air a sheinn le Alasdair Stiùbhairt, air Tobar an Dualchais.
Anns an aon leabhar tha “Òran Breugach Eile” ann ach chan eil sgeul air a chùl, cho math ’s eòl sinn:
“Chunna mi na chunna mi
Nach fhaca duine mo sheòrst,
Chunna mi na feadagan
Len caibeachan uaine mòine.
Bha pìob mhòr air an fhitheach,
Fiodhull air an ròcais,
Targaid air a’ bhutagochd
’S musgaid air an smeòrach,
Claidheamh fiar air an dreathann,
’S e gu leathann còmhnard.”
Tha “Pàirt de Òran Breugach” ann cuideachd:
“Còta cnàimh agus putan muiceileach,
Brògan dan deas-mhuinsidh
Agus crùidhean mahagany.”
Tha deagh eisimpleir air Tobar an Dualchais don ainm “Peiteags’ liath air Gille-Brìghde” le Ailean MacFhionnain, air a ghabhail le 'ogha, Seònaidh Caimbeul:
"Pheiteag (’s) i liath air Gille-Bhrìdge
’S i gu dàrsa sèimhe
Bha seacaid o'n Mharina air
’S e sìoda bha na lèine.
Cailleach-oidhche is aparan oirre
A’ seatadh ri Caolach Phearsoin
Bha guta-bochd is pìob aige
Cluich ruidhlichean ’s srath spè dhai’.
Gorra-chridhe is pìc aice
A’ mionnach’ anns a’ bheurla
Gun bhuail i bomb air eisirean
Is slige chuaidh gu eight-da.
Bha corran-creitheach-sa cuideachail
Is eòin faram Scotch Gray air
An claidheamh a bh’ aig aig Brus aige
Bu luath a chanadh eite.
Bha cràbag ann agus partan ann
Is iad a’ dannsadh deis is favourite
Bha breac an t-sìl is flag aige
A’ glaodhach suas ri Eubal."
Mus cuir mi crìoch air a’ bhrath-bhloga fàgaidh mi sibh leis an rann seo, “’S breugach, ’s gur breugach thu,” air a ghabhail le Coinneach MacLeòid. Dh’fhaodar an rann a sheinn ma chluinneas sibh fhèin Òran Breugach!
“’S breugach gura ’s breugach thu
’S tu as breugaiche na ’n cù
’S breugach gura ’s breugach thu
Is dhut a bhith càineadh.”
Sin againn e a thaobh òrain bhreugaich an-dràsta, tha mi an dòchas nach creid sibh gu bheil a h-uile nì na bhreug às dèidh seo a leughadh! A bheil sibh eòlach air fear de na h-òrain fos cionn? A bheil sibh eòlach air òran no rann breugach cuideachd? Leigibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo