Gàidhlig / English
Mìosachan nan Gàidheal: An Samhradh (Pàirt 3)

Mìosachan nan Gàidheal: An Samhradh (Pàirt 3)

Air a sgrìobhadh le Calum air 1mh an t-Iuchar, 2021
Fàilte air ais (a-rithist)! Mar a thug sinn sùil air fèilltean, làithean naomha agus còmharraidhean aimsire – no caochlaidhean aimsire – ann an saoghal nan Gàidheal, anns na brath-bhlogaichean roimhe seo (“Mìosachan nan Gàidheal: An Samhradh (Pàirt 2)”), bheir sinn sùil orra air na bhios romhainn san t-samhradh, a’ coimhead air treasamh mìos, agus mìos mu dheireadh, an t-samhraidh: An t-Iuchar.
 
An t-Iuchar/Mee s’jerree yn touree/Mee-wuigh
’S e “Mìos Crochadh nan Con” am far-ainm mu àm an Iuchair. Canar seo air sgàth gum faodadh e a bhith air leth duilich dha na bochdainn, le stòir na buana air an claoidheadh agus chan eil a’ bhuain air tòiseachadh fhathast, le teagamh ann gum bi samhradh gortach aca. Mar sin thèid na coin a chrochadh gus an ithe! ’S e sin am beul-aithris dheth ach tha e dàicheil gun d’ thàinig an t-ainm seo bho “Dies Caniculares” far an èirich agus laighidh an cù-rionnaige “Sirius” leis a’ ghrian o 03/07 gu 11/08. Logar tuilleadh ma dheidhinn le “Dog Days.”

Mu tòisich a’ mhìos cha buainear a' mhòine tuilleadh nas motha airson na bliadhna a rèir na chuala mise.

05/07 – “Laa Tinvaal” agus “Shenn Laa’l Ean Bashtey” – Comhraichear an là seo air Manainn a-mhàin, far an sgeadaichear an aodaichean le “Bollan Bane” airson an dìonadh o na “Mooinjer Veggey,” (na “Daoine Beaga” dhuinne). B’ àbhaist do na Manainnich an là seo a chomharrachadh air Grian-Stad an t-Samhraidh, Là Fhèill Naomh Eòin, mus deach dòigh-mìosachain na bliadhna atharrachadh.

13/07 – Saint German’s Day/Laa’l Carmane – Comhraichear an là seo air Manainn ann an Cathair-Eaglais a’ Bhaile German.

15/07 – Laa’l Sushin (St Swithin’s Day) – Canar gur e seo an aon là ri “La Màrtuinn Builg.” Tha iomadh adhbhar ann airson ainm naomh eile air an là seo, leughar ma dheidhinn anns a’ bhrath-bhloga “Là Màrtuinn Builg” againn.

16/07 – Là Màrtuinn Builg. Tha sinn air brath-bhloga a sgrìobhadh air Là Màrtuinn Builg mar-thà. Canar “Ma bheir am fiadh a cheann tioram gus an laigh a’ ghrian air Latha Màrtainn Builg, bidh am foghar tioram,” airson caochladh na h-aimsire a chlàradh. Tha sin fìor oir tha “Mìl an Iuchair” agus an t-abairt “Trì làithean de’n Fhaoileach ’san Iuchair, is trì làithean de’n Iuchair ’san Fhaoileach”againn ann am “Faclan bhon t-Sluagh.”

22/07 – Laa’l Moirrey Malane (St Mary Madgdelene Day’s) – Comhraichear an là seo air Manainn.

25/07 – Laa Noo Yamys (St James the Great’s Day) – Comhraichear an là seo air Manainn.

Tha e air a chantainn gun cumar bainne agus bathar-bainne on a’ Ghiblean airson “Ìm an Iuchair” a dhèanamh.

31/07 – Lùnastal/Laa Maghal Toshee/Feoffi Machold Toshee (Chief/First Feast Day of Maughold) – Comhraichear na Gàidheil Manainnich an là seo. ’S e seo oidhche Lùnastal ach fàgaidh mi còrr seanchais ma dheidhinn airson an ath-thurais.

A-nis, tha sinn air deireadh an t-samhraidh a ruigsinn anns na brath-bhlogaichean seo. Leanaidh sinn oirnn ged-thà an ath-mhìos le tòs an ath ràithe: Am Foghair. Bheir sinn sùil air na laithean naomha agus fèilltean ciadamh mìos an Fhoghair: An Lunastal. Feumaidh gu bheil làithean agus fèiltean nach do dh’ainmich mi ach a bheil là naomh no fèill air a bheil sibh eòlach nach do dh’ainmich mi? Leigibh fios thugainn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo