- Amasan DASG
 - Mu Chorpas na Gàidhlig
 - Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
 - Mar a bheirear iomradh
 - Eachdraidh
 - Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
 - Sgioba DASG
 - Bòrd Comhairleachaidh
 - Foillseachaidhean
 - Taing
 - Dòighean gus cuideachadh
 - Dlighe-sgrìobhaidh
 - Riaghailtean Cleachdaidh
 - Cuir Fios Thugainn
 - Cainnt anns na Ceathramhan
 - Am Briathradan
 - LEACAN
 - DASG Launch
 - Gairm Air-loidhne
 
Mìosachan nan Gàidheal: An Samhradh (Pàirt 2)
					Air a sgrìobhadh le Calum air 3mh an t-Ògmhios, 2021
					
				
				
				Fàilte air ais! Mar a thug sinn sùil air fèilltean, làithean naomha agus còmharraidhean aimsire – no caochlaidhean aimsire – ann an saoghal nan Gàidheal anns na brath-bhlogaichean roimhe seo (“Mìosachan nan Gàidheal: An Samhradh (Pàirt 1)”) bheir sinn sùil orra air na bhios romhainn san t-samhradh, a’ coimhead air dàrna mìos an t-samhraidh: An Cèitein.An t-Ògmhios/ Mee-veanagh yn touree
03/06 - Fèill Corp Chrìosda [Corpus Christi] (am-bliadhna)
08/06 – Oie’l Colum Killey/Oidhche Chaluim Cille
09/06 – Là Fhèill Caluim Chille
11/06 – Laa Noo Barnabas. Tha an là seo air a chòmharrachadh air Manainn.
11/06 – Fèill Cridh’ Uile Naomh Iosa [Feast of the Sacred Heart of Jesus] (am-bliadhna.)
22/06 – Sheann Laa Noo Barnabas. Tha an là seo air a chòmharrachadh air Manainn mus deach dòigh mìosachan na bliadhna atharrachadh.
24/06 – Fèill Sheathain/Feaill Eoin (Midsummer’s Eve). Dh’atharraicheadh an là bho 06/07 às dèidh atharrachadh mìosachan na bliadhna.)
Tha mòran ghnàth-chainnt agus seanfhacal againn air Alba mu àm na bliadhna seo, ann an Leabhar Sheanfhacail MhicNeacail ’s e seo àm na bliadhna far an “tèid a’ chuthag na taigh geamhraidh”: “Latha Fhèill Eòin as t-samhradh, Thèid a’ chuthag gu ’taigh geamhraidh.”
A bharrachd air sin losgar teine-aighir mun àm seo cuideachd. A rèir na leugh mi ann an “The Gaelic Otherworld,” le Iain Caimbeul MacGregor, chaidh “Teine Fhèill Eathain” a labhairt le màthair an Urramaich Uilleim Mhic Mhathain airson tein’-aighir.
Air Manainn canar “Lane croie cabbyl dy ushtey L’aal Eoin feeu mayl Vannin” [“A full horse-shoe of water (on) John’s Feast-day is worth the rent of Man”] mu iarrtas air uisge airson nam bàrr mun àm seo, gu h-àraidh ma tha tartmhorachd air a bhith ann.
Tha e air a chantainn gun lasar “teinntean Fhèill Eathain” faisg air achaidhean eòrna leis a’ ghaoth a’ sèideadh a’ cheò gu àird an eòrna fhèin airson am beannachaidh thar na bliadhna; Canar gu bheil na “Daoine matha,” no na “Mooinjer Veggey,” gu math tuaireabach agus pàilt mu àm na bliadhna seo – mar a bhios iad air "Oidhche Naoimh Marcais,” Oidhche Bhealltainn agus Oidhche Shamhna. Mar a bhios e air Oidhche Naoimh Marcus canar gum faic a h-uile duine far an tèid iad gu bàs air an oidhche seo, leis an anaman a’ fàgail am bodhaigean, agus thèid daoine eile dha na h-eaglaisean gus an anaman fhaicinn agus àite an tàimh a lorg cuideachd. Leughar tuilleadh ma dheidhinn air an duilleig againn mu Oidhche Naoimh Marcais agus na th’ aca le Culture Vannin ma dheidhinn.
25/06 – Midsummer’s Day/Feaill Eoin/GRIAN-STAD AN T-SAMHRAIDH [Summer Solstice] (am-bliadhna.)
’S ann air an là seo a bhios na Manannaich a’ cumail an “Laa Tinvaal” aca aig “Bally Keeil Eoin” (“St John’s”) agus “Trianaig Veg” (Little Trinity) cuideachd. Canar gun tèid an là a chomharrachadh air “Laa’l Ean Bashtey” (“Là Eòin Bàisteach”).
29/06 – Laa’l Pheddyr/Là Fheill Peadair.
Leanaidh sinn oirnn le pàirt a trì an ath-sheachdain, le mìos deireadh an t-samhraidh. Feumaidh gu bheil làithean agus fèiltean nach do dh’ainmich mi ach a bheil là naomh no fèill air a bheil sibh eòlach nach do dh’ainmich mi? Leigibh fios thugainn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
			
			
			
					
			
				
						
						
						
						



Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo