Gàidhlig / English
Seanfhaclan na Fèinne (Pàirt 1)

Seanfhaclan na Fèinne (Pàirt 1)

Air a sgrìobhadh le Calum air 22mh An t-Iuchar, 2021
Tha sinn air mòran bhrath-bhloga a dhèanamh mar-thà air na Fianntaichean, no an Fhinn, ach tha uabhas sheanchas mu na Fèinne againn air Alba, Èirinn agus Manainn. Tha sin soilleir anns an abairt againn “Mun robh Pàp anns an Ròimh, gun robh Fianntaichean làidir an Cinn-tàile nam bò” a’ sealltainn dè cho seann is a tha seanchas na Fèinne dhuinn. Mar sin feumaidh gu bheil mòran sheanchas is sheanfhaclan man deidhinn.
Tha na h-abairtean “Cho fada sa cheann ’s a bha Fionn na chasan,” canar airson fear a tha glic no làdarna, agus “Thuit trì le Bran air a h-aon” airson teòmachd Bhran, cù Fhinn, a mholadh oir b’ e esan an cù as fheàrr a bh’ aig an Fhinn.
Tha na seanfhaclan seo ceangailte leis an Fhinn agus na fineachan Gàidhealach (Clann na Fèinne):
  • “Clanna nan Gàidheal ann guaillinn a chèile.” (“The Gaelic clans at each others shoulders.”)
  • “Cha b’ ionann Ó Briain is na Gàidheil.” (“O’Brian and the Gael were unalike”) – Ged b’ aon aon nì a bh’ annta chan eil an dà chuid coltach ri chèile nas motha: tha na finneachan air atharrachadh bhon fhasan a bu dual a bhith aca.
  • “Cha d’ fhuair Conan riamh dòrn gun dòrn a thoirt gu cheann.” (“Conan never got cuff without giving cuff back.”)
  • “Càirdeas Chonain ris na Deamhanaibh.” (“Conan’s friendship to the demons”) – Tha an seanfhacal seo ceangailte leis an dithis fhear ri leantainn.
  • “Beatha Chonain am measg nan Deamhan, mas olc dha chan fheàirrde dhaibh.” (“Conan’s life amongst the demons. If bad for him no better for them.”) – Canar seo mu àm às dèidh na Fèinne, far an robh an Fhinnn uile air Iutharna, oir nach b’ e Crìostaidhean a bh’ annta, agus bha Conan car tuireabach roimhe. Mar sin chan fheàirrde na Deamhain le Conan air Iutharna leotha!
  • “Is olc do bheatha, Chonain.” (“Bad is thy being, Conan”) – A bhith am measg nan Deamhan!
  • “Ged faisg clach do làr is fhaisge na sin cobhair Choibhidh.” (“Though close to the earth is is stone, closer than that is Coivi’s aid.”)
  • “Cho teòma ri Coibhi Druidh.” (“As clever as Coivi Druid.”)
  • “Deiseil air gach nì.” (“Ready for anything.”)– Nàdar agus giùlain na Fèinne fhèin. Gabhaidh an seanfhacal ris a’ chleachdadh gum bu chòirear a h-uile nì a dhèanamh gu deiseil, seach gu tuathail.
  • “Cha d’ chuir Fionn riamh blàr gun chumhachd/chumha.” (“Fionn never joined a fight withought might/lamenting.”)
  • “Cha do thrèig Fionn riamh caraid a làimh dheis.” (“Fionn never forsook his right hand.”)
  • “Cho comasach làmh ri Conlach.” (“As powerful-handed as Conloch.”)
  • “Cho làidir ri Cù Chulainn.” (“As strong as Cuchulainn.”)
  • “Cothrom na Fèinne.” (“The Fenian’s oppourtunity.”)– ’S e seo an seanfhacal airson a bhith cothromach
  • “Mur e Bran, is e Bhrathair.” (“If not Bran his brother.”) – Aig àm creachadh na Fèinne, nuair a thàinig an Fhinn gu crìoch, bha na Fèinne a’ cur às do chàch a chèile gus nach biodh fear dhiubh air fhàgail, mar sin mur e Bran (Cù Fhinn) a bha air fhàgail, b’ e a bhràthair a bhiodh beò.
  • “Mar bha Oisean an dèidh na Fiannaibh.” (“As Oscar was after the Finns.”) – Bha Oisean gu tùr tùirseach an dèidh na Fèinne. Canar seo airson neach a bhios na aonar, tuirseach, brònach am measg dhaoine an latha an-diugh.
  • “Chan fhiach sgeul gun urrainn.” (“A tale without warrant is worthless.”) – An robh sgeulachd nach robh thu ag iarraidh a chluinntinn math riamh? Cha creid mi gun robh. Tha an seanfhacal seo ceangailte ri “Mas breug uam e is breug thugam e.”
  • “An Lon dubh, an lon dubh spàgach! Thug mise dha 'choille fhasgadh fheurach; ’s thug esan domhsa am monadh dubh fasaich.” (“The black elk, the shambling, black elk, I gave him the sheltered grassy wood, and he gave me the black desert mountain.”) – Tha an seanfhacal seo car fad às ach, a rèir coltais, chanadh an seanfhacal mu na Lochlannaich agus na Ròmanaich ach mu na Gàidheil fhèin san latha an-diugh, air fhuadachadh on “t-seann dhùthaich.”
  • “Is fhad an èigh gu Loch Obha, is cobhair o Chlann Ò Duibhne.” (“It is a far cry to Lochawe, and aid from the clan of O’Duibhne.”) – ’S e sluagh-ghairm no gairm Chlainn Chaimbeil.” – Tha e air a chantainn gun d’ thàinig Chlann Chaimbeil o Dhiarmad Ó Duibhne. Mar sin, anns an latha an-diugh, canar an seanfhacal seo mu chlann na Fèinne agus na Fineachan a tha fada air chall is cèin bhon dualchas, dùthchas is tìr aca fhèin.
Leanaidh sinn oirnn an ath-mhìos le tuilleadh seanfhaclan. An aithne dhuibh fear sam bith de na seanfhaclan fos cionn? Leigibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo