Gàidhlig / English
Duain agus Laoidhean na Fèinne (Pàirt 3)

Duain agus Laoidhean na Fèinne (Pàirt 3)

Air a sgrìobhadh le Calum air 17mh an t-Ògmhios, 2021
Fàilte air ais! Tha sinn a’ leantainn oirnne le duain agus laoidhean na fèinne a bharrachd an t-seachdain-sa. Seo liosta eile dhiubh:
  1. “Bàs Dhiarmaid, “Duan Dhiarmaid,” “Laoidh Dhiarmaid,” no “Èistibh Beag mas Àill Leibh Laoidh.”
  2. Bàs Oscair,” “Cath Gabhra” no “Cumha Oscair.”
  3. Finn as Oshen
 
1. Às dèidh do Dhiarmad bean Fhinn, Gráinne, a thoirt bhuaithe, gun dhùil do Dhiarmad, thàinig an là far an d’ thug an torc nimhe sàr-lotadh do Dhiarmad ach cha bheireadh Fionn leigheas dha, mar sin chaochaileadh Diarmad:
“Éisdibh beag, m’ as àill leibh laoidh,
Air a’ chuideachd chaomh so dh’fhalbh uainn;
Air Grainne ’s air Fionn fial,
’S air mac o Duibhne nan sgeul truagh.
 
An gleann sin sìth, ’s an gleann r’ a thaobh,
Far am bu bhinn guth féidh is loin,
Is far am minic ’n robh an Fhiann,
O ’n ear ’ o ’n iar an déidh an con.”
[Lorg mi na rainn an seo bho leabhar “Bàrdachd na Fèinne,” le “Sìol Cultural Enterprises.”]
Lorgar tuilleadh mun sgeòil seo ann an “Litir do Luchd-Ionnsachaidh” àireamh 413, 414 agus 415. Tha làrach bàs Dhiarmaid fo dheasbad mar an ceudna, leughar na h-àiteachan ann an 574.
 
2. Às dèidh do dh’Fhionn na Fianntaibh fhàgail ghabh Oscar, ogha Fhinn, dleastanas ceann-cinnidh na Fèinne. Bha aige ri cath a thoirt an aghaigh Charibhi far an tugadh bàs do Chairbhi agus Oscair:
“Chan abair mi mo thriath rim cheol
Ge b’ oil le Oisean e nochd
Oscar is an Cairbhi calma
Thuiteam ann an Cath Gabhra...
 
Lìon fuath na laoich làn
Ri èisteachd na h-iomarbhaidh,
Briathran borba, leth mar leth,
Eadar Cairbhi ’s Oscar...”
[Fhuair mi na rainn fos cionn bho Ruairidh MacGill-Eathain air cùrsa a dh’fhritheil mi bliadhnaichean air ais.] Lorgar barrachd air an sgeul seo anns an “litir do luchd-ionnsachaidh,” fear 987.”
 
3.  Tha an t-òran “Fin as Oshen” aca air Manainn a tha gu math inntinneach, a’ toirt sùil air turas a bha Fionn agus a mhac, Oisean, a’ sealg ri chèile:
“Cha Finn as Oshen mach dy helg,
Fal, lal, lo, as fal, lal, la.
Le shesaght trean as moddee elg,
Cha row un dooiney sloo ny keead,
Coshee cha bieau che row ny lheid;
Lesh feedyn Coo eisht hie ad magh,
Trooid Slieau as Coan dy yannoo Cragh.”
[“Fin and Oshin went out to hunt,
Fal, lal, lo, as fal, lal, la.
With a noble train of men and dogs,
Not less in number than one hundred men
So swift of foot and keen, none were their like;
With scores of Bandogs fierce they sallied forth,
O’er Hill and Dale, much Havock for to make...”
[Lorgar an duan seo ann an “Manx Ballads and Music,” le A. W. Moore air duilleig 2 an leabhair fhèin.]
 
Às dèidh dhomh “Leabhar na Fèinne,” agus “West Highland Tales,” le J.F. Caimbeul, a leughadh tha e anabarrach soilleir nach bi an aon tionndadh de laoidh no de duan againn idir, gu bheil iad uile beag air bheag eadar-dhealaichte a thaobh am briathrachais agus am brìgh, mar sin tha mi a’ moladh oirbh sùil a thoirt air na duain agus na laoidhean air sgàth uabhas sgeulaireachd agus seanchas a tha nam broinn. A bharrachd air na leabhraichean fos cionn lorgar na leanas: “Duanaire Finn,” le Eòin MacNèill; “ManxMusic”; “Gaelic Lays” le Simon Chadwick; “Fíanaigecht in Manx Tradition” agus “Manx Traditional Songs, Rhymes and Chants in the Repertoire of the Last Native Manx Speakers” le George Broderick.

Tha fios agam nach eil mi air a h-uile laoidh agus duan a chlàradh an-seo ach nach leig sibh fios thugainn mu sheanchasan agus sgeulaireachd a th’ agaibhse mun Fhinn, ann an Alba, Èirinn no Manainn! A bheil seanchas eile, no a bharrachd, agaibhse mu na duain no na laoidhean fos cionn? Leigibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo