- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Mìosachan nan Gàidheal: An Samhradh (Pàirt 1)
Air a sgrìobhadh le Calum air 29mh An Giblean, 2021
Mu dheireadh thall, bidh an samhradh ann, beannachdan an t-samhraidh oirnn! Tha mi an dòchas gu bheil sibh uile cho sona ri smeòrach agus a cheart cho deiseil airson an an t-samhraidh is a tha mi fhìn. Mar a thug sinn sùil air fèilltean, làithean naomha agus còmharraidhean aimsire – no caochlaidhean aimsire – ann an saoghal nan Gàidheal anns na brath-bhlogaichean roimhe seo (“Mìosachan nan Gàidheal: An t-Earrach (Pàirt 4)”) bheir sinn sùil air orra a bhios againn san t-samhradh, a’ tòiseachadh leis a’ chiadamh mhìos den t-samhradh: An Cèitein.An Cèitein/Màigh/Yn Baaltin/Boaldyn/Yn-chied vee jeh’n tourey.
01-07/05 – Seachdain na Feadaireachd. Tha “Seachdain na Feadaireachd” air a chantainn mu na seachdaine seo air sgàth feadan faramach na gaoithe a chluinnear mu àm na bliadhna seo. Molar air daoine gun a bhith a’ tòiseachadh air obair chruaidh cho fhad 's a ruitheas i.
01/05 – Là Bealltainn/Bealltainn/Boayldyn. ’S e là àraidh agus cudromach a tha am Bealltainn ann am Bliadhna nan Gàidheal; tòisichidh an samhradh air an dearbh là seo agus gun comhraichear an là le iomadh chleachdadh agus mòran sheanchais air sgàth gur e “Là Ceann Ràithe” a th’ ann. Lorgar mòran mun là àraidh anns a’ bhrath-bhloga “Là Buidhe Bealltainn” againne aig DASG. Canar gum màir an samhradh “O Bhealtuinn gu Samhuinn.”
Canar ge be là na seachdaine a bhios Là na Bliadhna Ùire fhèin thig Là Bealltainn air là na seachdaine dìreach às a dhèidh: “Nollaig [Mhòr] an-diugh, Bealltainn a-màireach.”
Mu àm na bliadhna seo, air sgàth gum faodadh an t-aimsir a bhith air leth treigsinneach, chan eil e na ioghnadh gum bi “Caisean-cumhach na Bealltainn,” “Balt Bealltainn,” “Garraiseach na Bealltainn” agus “Rotach Bealltainn” againn. Cha bhiodh e na ioghnadh nam biodh “Sneachda mu bhial na Bealltainn” nas motha. Le dòchas agus deagh aimsir chithear “Calman Bealltainn” cuideachd.
Ann an leabhar “The Folk-Lore of the Isle of Man,” le A.W. Moore, tha air air a sgrìobhadh gur ann air an dàrna là deug a nochdas “Laa-Boaldyn” ach tha mi air a chlàradh air a’ chiadamh là anns a’ bhrath-bhloga an seo. Tha mi air “Oie Voaldyn” fhàgail ged-thà. Feumaidh gum b' e cleachdadh a bh' ann leis an dòigh Mhìosachain a bh' againn roimhe?
03/05 – Là seachnach na Bliadhna. Thig an là seo air an treasamh là den t-samhradh. Tha e air a ràdh gum b’ ann air an là seo a thuit na h-aingealan a-mach à Phàras agus mar sin gum bu chòirear an cumail o olc (no uilc airson feadhainn dhuinn...) agus olc a sheachnadh.
10/05 – Laa’l Spitlin Souree. ’S e Là Fèill na h-Eaglaise a th’ ann air Manainn air leth Naoimh gun fhiosda dhuinn an-diugh.
11/05 – Oie Voaldyn. [Chìthibh “Là Bealltainn” fos cionn airson tuilleadh fhiosrachadh.] Tha e air a chantainn gu bheil na sìthichean (no “Na Daoine Beaga” agus “Mooinjer Veggey”) gu math tuaireabach agus sgairteil an oidhche seo, dìreach mar a bhios spioradan agus bana-bhuidsichean air Oidhche Shamhna. A rèir coltais losgar teintean air bàrr nam beann gus na “Daoine Beaga” fhuadachadh. Mar sin, feuchaidh daoine ris an cumail sàbhailte le iomadh ortha agus gisreag. Nìthear “Crosh Curn,” sgeadaichear an taigh le “Sumark” (Seòbhrag) agus tha “Bollan-feaill-Eoin” (Seud Chaluim Chille) air a sgeadaicheadh air crodh airson an dìonaidh. Leughar tuilleadh mu chleachdaidhean a’ Bhealltainn anns a’ bhrath-bhloga “Là Buidhe Bealltainn” againne.
“Perambulation of Parish Boundaries.” Air Manainn, air Diluain, Dimàirt no Diciadain, shiubhladh gach neach a’ choimhearsnachd mu timcheall crìoch an sgìre air fear de na làithean seo ro Dhiardaoin Deasgabhail. Air sgàth gun gluais Diardaoin Deasgabhail gach bliadhna gluaisidh “Perambulation of Parish Boundaries” mar an ceudna.
13/05 – Diardaoin Deasghabhail (am-bliadhna) [Ascension Day].
16/05 – Là Fhéill Brianain. Ann an Latharna agus taobh a Deas Loch Fìn canar “Fèill Breunain” air an là seo. Chun an là an-diugh canar “Sgìre a’ Chuain” ri sgìre “Chille Bhreunain” air sgàth gu bheil sgeulachd ann gun do dh’fhuirich Naomh Breunain ann, a’ feuchainn Pàras a lorg, agus lorg e e ann an “Sgìre a’ Chuain.” Canaidh feadhainn gun tachair an aon là seo air a’ Chaingis fhèin ann an cuid sgìrean ach tha e inntinneach gu bheil na làithean air an cur ri chèile.
23/05 – Didòmhnaich Caingis (am-bliadhna) [Pentacost, Whitsunday]. ’S ann air an là seo agus air Là Màrtainn Builg a bhios daoine ag imrich agus a’ gluasad o thaigh gu taigh a rèir pàidheadh am màil anns na làithean o sheann.
30/05 – Didòmhnaich na Trionaid (am-bliadhna) [Trinity Sunday].
Leanaidh sinn oirnn le pàirt a dhà an ath-mhìos. Feumaidh gu bheil làithean agus fèiltean nach do dh’ainmich mi ach a bheil là naomh no fèill air a bheil sibh eòlach nach do dh’ainmich mi? Leigibh fios thugainn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo