- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Mìosachan nan Gàidheal: An t-Earrach (Pàirt 4)
Air a sgrìobhadh le Calum air 1mh An Giblean, 2021
Fàilte air ais! Leis an uiread de bhrath-bhlogaichean a tha mi air a sgrìobhadh mar-thà mun Earraich bidh sibh a’ dèanamh fiughair ris an ath ràithe gu mòr! Ach na gabhaibh dragh, chan fhada gus am bidh an Samhradh oirnn a dh’aithghearr. Bheir sinn sùil air mìos mu dheireadh an Earraich: An Giblean.An Giblean/Mee s’jerree yn arree/Yn Avril/Cèitein na h-Òinsich.
Canar “Cèitein na h-Òinsich” mun mhìos seo, a’ riochachadh nan greis mar am bi an t-samhradh againn mus till an t-sìde ghrod a-rithist. Leis gu bheil an t-sìde a’ toirt car àsainn san dòigh seo tha e air leth coltach ris a’ chuthaig, an tè “Òinseach.” Tha an gnàth-cainnt seo air an cantainn air Manainn mu na mìosa seo:
- “Tra heidys Avril dy-bing e charnya, ’Sy theihll vees palchey traagh as oarn.” [“When April shall shrilly sound his horn, On Earth there will be plenty of hay and corn.”]
Tòisichear ri “Bàrr dearg” a bhuain mu àm na bliadhna seo.
01/04 – Diardaoin Bangaid (am-bliadhna.) Bidh Diardaoin Bangaid [“Maundy Thursday”/”Holy Thursday”] againn air an là seo am-bliadhna. Air an là seo, ma tha an geamhradh air a bhith car gann de stràilleach agus feamainn, nìthear coire no bobhla mòr làn de bhrochan agus dòirtear e anns a’ mhuir, le dòchas gun toir a’ mhuir stràilleach agus feamainn air ais dhuibh. Tha mòran sheanchas mun là seo agus bidh agam ri brath-bhloga eile a sgrìobhadh ma dheidhinn.
01/04 – Là na Gocaireachd/Gugaireachd/Latha nan Car/Là na Feachaireachd. Bidh Là na Gocaireachd againn air an dearbh là seo ri “Diardaoin Bangaid mar an ceudna.
02/04 – Dihaoine na Ceusda (am-bliadhna) [“Good Friday”]. Tha iomradh ann leis an Easbaig Phillips air Manainn mu “Jy-heny-ghayst,”: “Good Friday... was a day on which several superstitious customs were observed. No iron of any kind was to be put into the fire, and even the tongs were laid aside, lest any person should unfortunately stir the fire with them, a stick of the mountain-ash (cuirn) being used as a substitute. To avoid placing the iron griddle on the fire, a large thick cake, called a soddag, which is triangular in shape, was baked on the hearth. It was also a custom for people to go to the shore on this day to gather shell-fish.” Tha an t-aon cleachdadh againn, nach cuirear iarainn sam bith anns a’ ghrunnd air an là seo.
03/04 – Disathairne na Càisge (am-bliadhna) [“Holy Saturday”].
04-11/04 – Seachdainn na Càisge (am-bliadhna) [“Easter week”].
04/04 – Didòmhnaich na Càisge/A’ Chàisg Mhòr (am-bliadhna) [“Easter Sunday”]. Anns an leabhar “The Folk-lore of the Isle of Man,” le A.W. Moore tha na leanas sgrìobhte mu Dhidòmhnaich na Càisge: It was believed that anyone who went up to the top of a high hill on this morning to watch the sunrise would see the sun bow two or three times, as if in adoration to the risen Saviour. The superstition that the sun bowed or danced on this day was once very prevalent in England...” Tha e air a sgrìobhadh gun robh an aon cleachadh againn cuideachd, a bhith a’ dannsadh às dèidh èirigh. Tha abairtean ann mu na Càisge cuideachd:
- Canar “Gaoth tuath na Càisg’” mu na sìde a bhios againn air an là fhèin.
- “Earrach fada ’n dèidh Càisg.”
- Canar “Gléidhear cuirm an dèidh Càisg” a’ cur cuimhne air càch a bhith dìcheallach a thaobh an obrach agus gum bi tìm gu leòr againn airson spòrs às dèidh làimhe.
05/04 – Shenn Laa’l Moirrey y Sannish (“Mary’s Old Feat Day of the Whisper”/“Lady Day of Old.”) Chaidh an là seo a chomharrachadh air Manainn linntean air ais.
11/04 – Didòmhnaich Mìn-Chàisg/Càisg nam Bodach [“Low Sunday.”]
Mar is còir do na Gàidheil tha iomadh sheanfhacal againn airson atharrachaidhean na h-aimsire, seo fear dhiubh:
- “Chiad Di-Dòmhnaich den dara earra-dhubh san earrach.”
15/04-14/05 – An Cèitein. Canar gun tòisich “An Cèitein” fhèin, a rèir coltais, co-là-deug ro Là Buidhe Bealltainn agus co-là-deug às a dhèidh, leis a’ Bhealltainn anns an teis-mheadhan.
- “Is fheàrr sneachda sa Chèitein na bhith gun uisge.”
17/04 - Bailc na Bealltainn – Thèid an comharra-aimsire seo a chomharrachadh co-là-deug ro Là Bhealltainn fhèin. Comharrachaidh an latha an uair a bhios uisgeachan agus tuinn na mara air at, leis an aimsir air fàs beagan nas blàithe cuideachd. Tha seo air a rìochdachadh anns an abairt seo:
- “Masa Bailc-Bhealltainn bhlàth, Masa turadh an treas là; ’S masa gaoth an-ear a-rithis, Is cinnteach gum bi meas air chrannaibh.”
25/04 – Didòmhnaich Deas-ghabhail (am-bliadhna)/Laa’l Markys-yn-sushtallagh (“Maughold/St. Mark the Evangelist’s Day”). Canar “Oie Noo Markys” (“Oidhche Naoimh Marcais) air Manainn mun latha seo. ’S e là sònraichte a th’ ann agus faodar tuilleadh a leughadh anns a’ bhrath-bhloga “Oidhche Naoimh Marcuis” ma dheidhinn.
Tha sinn deiseil a-nis airson làithean naomha agus fèiltean an Earraich ach leanaidh sinn oirnn le tuilleadh dhuibh airson tòiseach an t-samhraidh an ath-mhìos! Feumaidh gu bheil làithean agus fèiltean nach do dh’ainmich mi, ach a bheil là naomh no fèill agaibhse nach do dh’ainmich mi? Leigibh fios thugainn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo