Gàidhlig / English
Duain agus Laoidhean na Fèinne (Pàirt 1)

Duain agus Laoidhean na Fèinne (Pàirt 1)

Air a sgrìobhadh le Calum air 6mh An Cèitean, 2021
Mar am bi mi a-mach air gach brath-bhloga a nì sinn tha seanchas, beul-aithris agus dualchas air leth cudromach do na Gàidheil ach chan eil seanchas cho cudromach do na Gàidheil na Seanchas na Fèinne.
Tha seanchas na Fèinne cho seann agus aosmhor do na Gàidheil - Gàidheil na h-Alba, Gàidheil na h-Èireann agus Gàidheil Mhanainn – gun canar “Mu’n robh Pàp anns an Ròimh’ gu’n robh na Fiantainnean làidir an Cinn-tàile nam bò,” a’ sealltainn dè cho seann is a tha an t-seanchas, agus creideamh, ann an sgeulachdan na Fèinne.
Tha mi air liosta dhuibh a chruthachadh o na tha againn ann an litreachas agus le clàraidhean-fuaime aig “Tobar an Dualchais” a th’ againn à Alba. Chan eil iad ann an òrdugh nan sgeul ged-thà.
  1. Duan na Muilidheartaich.”
  2. Duan na Ceàrdaich.”
  3. Dàn Dheirg” no “Duan an Deirg.”
  4. Diarmad Fleadha gun d’ rinn Fionn” no “Teanntachd Mhòr na Fèinne.”
  5. Laoidh a’ Choin Duibh.”
  6. Latha dha’n Fhinn am Beinn Ioghnaidh.”
 
1. Ann an “Duan na Muilidheartaich chuireadh biast mhòr le Rìgh Lochlainn gu h-Èirinn gus na Fianna a chomhlachadh. Chuir an Fhinn às dhan Mhuilidheartach às dèidh cath oillteil:
“Là dhan Fhinn air Tulaich Choireall,
A’ coimhead Èirinn for mòr thimcheall,
Chunnacas a’ tighinn air bhàrraibh thonn
an earra chraoille, chraille, chrom...”
Tha feadhainn den bheachd gur e A’ Chailleach Bheithir a bha a’ Mhuilidheartach, mar a tha e sgrìobhte anns a’ chlàr an-seo.
 
2. Canar gun do thàinig tachartasan ann an “Duan na Ceàrdaich” às dèidh tachartasan “Duan na Muildheartaich,” le dùil claidheamh Fhinn, “Mac an Luinn,” a neartachadh le spionnadh a-rithist, a rèir a’ chlàir an-seo. Choinnicheadh an Fhinn le ceàrdach draoidheil aig an robh ceithir ghoibhnean le ceithir làmhan fa leth orra. Dh’fheumte an claidheamh fhaghairt ann am fuil duine ìonraic is beò, agus mar a dh’èirich e dhaibhsan chaochail leis a’ cheàrdach a mhàthair le Mac an Luinn, ga dèanamh cumhachdail agus air fhaghairt a-rithist:
“...Fhuair iad an sin ’nan sìneadh
Na lannan dìreacha daithte,
’S an claidheamh luinneach air a dhianamh
Le Clanna Sìomain na faiche...”
[Lorgar an rann seo ann an “Folksongs and Folklore of South Uist,” le Margaret Fay Shaw.]
 
3.Tha measgachadh iomraidhean ann mun laoidh seo, mar sin, nì mi aithris den dà chuid.
(1) A rèir coltais b’ e “Dearg” ainm eile do Dhiarmad, agus ‘s e Dearg an t-ainm dha anns an laoidh seo. Bheir an laoidh seo sùil air thuras a dh’fheuch an Fhinn dìlseachd bean Dhiarmaid a thomhais, às dèidh iomadh bhreug agus bagairt a bha i air fhaighinn o nàimhdean a’ cantainn nach bu dhìlis a bha i. Thuirt an Fhinn gun do shiubhail “Dearg” às dèidh turas seilge sa bheinn, le “Dearg” a’ leigeil air gun robh e marbh. Bha bean Dheirg cho dìlis a bu shaoilte gum biodh i agus sheall iad dha gum bu bheò e. Sheinneadh an laoidh seo aig a chaithris agus a thìodhlachadh. Tha an t-ainm “Laoidh Dhiarmaid” an-seo le “Popular Tales of the West Highlands,” le J.F.Caimbeul, air a chantainn air a shon mar an ceudna:“Derg mac Derg gur i mi do bhean;
Air an fhear cha deanain lochd.
Cha n’ eil saoi nach d’ fhuair a dheuchain;
S’ truagh tha mise ad dheigh an nochd.
 
Derg mac Olla chridhe ’n iuil,
Leis an seinte gu ciuin cruit;
B’ ionmhuin an Laoch air nach do luidhe fearg;
Ged do thorchadh Dearg le muic...”
[“Derg, son of Derg, I am thy wife,
The husband whom I would not hurt,
There never was a worthy who was not tried;
Wretched am I after thee this night.
 
Derg, son of Olla of the enlightened mind,
By whom so softly the harp was played,
Beloved was the hero who kept no wrath,
Though Derg was laid low by a hog...”]
[Lorgar tionndadh eile den laoidh seo anns a’ chlàr “Chì Mi ’n t-Seabhag ’s Chì Mi ’n Cù” air Tobar an Dualchais.]

(2) Tha Dàn Dheirg a’ comharrachadh bàs Dheirg Mhic Druidhinn. Thug na Fianntaibh bàs do Dhruidhinn, athair Dheirg, agus thug iad àrach dhan ghille òg. Nuair a thàinig am balach gu aois thug e ionnsaidh orra airson dìongaltais ach thugadh bàs dha leis an Fhinn anns an aon dòigh a thugadh bàs dha ’athair:
“Innseam sgeul air caithream an fhir mhòir,
A thàinig o ’n sear le dòchas buaidh;
Treun laoch a bha lànn de fheirg,
’S b’ e ’n Dearg dàna mac Druidhinn.
 
Gu teach nam Fiann bu mhór glòir,
Do ghluais an Dearg mac Druidhinn,
O ’n ear, o thìr nam fear treun
Gu crìoch a chur air Fianntaibh Alba...”
[“Lorg mi na rainn an seo bhon leabhar “Bàrdachd na Fèinne,” le “Sìol Cultural Enterprises.”]
 
4. Comharaichidh an duan “Teanntachd mhòr na Fèinne” an turas a chaidh na Fianntaibh a chòmhraig an aghaidh nan Lochlannach, leis am brataichean agus ged a mharbhadh mòran de na Fianntaibh fhuaireadh leotha buaidh air an àr-fhaich:
“...Ged thug sinn buaidh anns a’ ghreis
Cha d’ rinn sinn an là ud air leas;
Dh’fhàg sinn còrr is leth ar Fiann
Air an traigh ’tha siar fo dheas.
 
’S nan lùghainnse air mo rìgh,
Cha mhò na ar trian thàinig as,
Sin agads’ ’n cath ’s teinne ’n robh an Fhiann,
A Phàdraig nan salm ’s nan clag,
Is nam biodh tusa air an tràigh,
Air Fianntaibh Phàil bu mhór mo mheas.”
[“Lorg mi na rainn an seo bhon leabhar “Bàrdachd na Fèinne,” le “Sìol Cultural Enterprises.”]
 
5. Ann an “Duan a’ Choin Duibhe” thàinig “fear earadh dhearg” a dh’ionnsaidh na Fèinne le dùil a chu dubh a chòmhraig le coin na Fèinne. Mharbhadh le cù Fhinn, Bran, an cù dubh:
“Chaidh Caoillte là dhan a’ bheinn
Shealgaireachd ri Taobh Loch Lear.
Chunnacas a’ teàrnadh le gleann,
Fear earadh dhearg is a chon duibh;
’S e tighinn gu dian ’s gu borb
A dh’iarraidh oirnne còmhraig chon...”
[“Fhuair mi na rainn fos cionn bho Mhaighread Stiùbhart fhèin. Cluinnear clàr eile den dhuan an-seo.] Leughar barrachd mun sgeòil seo ann an “Litir do Luchd-Ionnsachaidh 986.
 
6. Seinnear “Latha dhan Fhinn am Beinn Ioghnaidh” mu ghnìomhan Chaoillte, a bha ainmeil airson “Luaths a chois,” an aghaigh fuamhaire a ghoideadh leis nighean an Rìgh, Aillil:
“Latha dhan Fhinn am Beinn Ioghnaidh
’S an Fhinn uile ’s na fir colgharr’.
 Chuir Caoilte air luas a chas
Romhpa a dhèanamh a’ rothaid...”
[Lorgar na rainn seo an-seo, air an sgrìobhadh le Sabhal Mòr Ostaig.]
 
Leanaidh sinn oirnne turas eile le tuilleadh duain agus laoidhean na Fèinne. Dè ur seanchas mu na Fèinne nach eil mi air a chantainn mar-thà leis na duain agus laoidhean fos cionn? Leigibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo