Gàidhlig / English
Là Fhèill Pàdraig (2)

Là Fhèill Pàdraig (2)

Air a sgrìobhadh le Calum air 27mh am Màirt
Tha sinn a’ leantainn air adhart le fiosrachadh mu Là Fhèill Pàdraig agus Naomh Pàdraig fhèin air sgàth ’s gun robh an t-uabhas de fhiosrachadh agus seanchas ceangailte riutha.

Anns an leabhar “Gaelic Proverbs”, le Alasdair MacNeacail, tha na h-abairtean “Cha pàigheadh a’ chàin a bh’ aig Pàdraig air Èirinn e” agus “Dh’itheadh e ’chàin a bh’ aig Pàdraig air Èirinn” ri fhaighinn, leis an dàrna fhear anns a’ chlàradh “Còig air fhichead seanfhaclan Gàidhlig”, le Nan NicFhionghain, air Tobar an Dualchais.

Tha seanfhacal ann an Gàidhlig Mhanainneach a chaidh a clàradh anns an leabhar “The folk-lore of the Isle of Man: being an account of its myths, legends, superstitions, customs & proverbs, collected from many sources-” le A.W. Moore, a tha a’ toirt iomradh air cudrom obair an Earraich às dèidh Là Fhèill Pàdraig:
“Laa’l Pharick arree, yn dow gys e staik as y dooiney ass e Liabee.” [“Là Fhèill Pàdraig [an]Earraich, an damh dhan stac agus an duine às a leabaidh”].

Tha mòran sheanchas againn ceangailte ri Pàdraig fhèin, gu dearbh le geusagan. Anns an leabhar “Irish Superstitions”, le Dáithi Ó hÓgáin, chaidh a smaoineachadh gum b’ e doras gu Iutharna a bha ann an uamh air eilean ann an Lough Derg. B’ e “St Patrick’s purgatory” an t-ainm a bh’ air. Anns an aon leabhar chaidh e a chreidsinn gun do thog Naomh Pàdraig an cùram air Crom Dubh Mòr dhan chreideamh Chrìosdaidheachd agus gun deach seo a chomharrachadh atharrachadh an tachartais phàganta “An Lughnasa” (“An Lùnastal” ann an Alba) a bhiath na phàirt den chreideamh Chrìosdaidheachd. Chan bhiodh tìm agam an sgeulachachd air fad innse ach ma bhios suim agaibhse nach dèan sibh rannsachadh mu dheidhinn “An Lùnastal” agus a cheangail le Naomh Pàdraig.

Tha Naomh Pàdraig air a mholadh gu mòr ann am Manainn, le mòran sheanchas agus dinnseanchas gu h-airidh aca. Mholainnsa an làrach-lìn agus duilleag ‘Facebook’, “Culture Vannin” gu mòr dhuibh. A rèir seanchais thànaig Naomh Pàdraig dhan eilean mu 440 AD, agus tha teagamh ann far an do chuir e a’ chiadamh cheum air an eilean ach tha amharas aca gum b’ e “St Patrick’s Isle,” ann am Peel, no eilean a chaidh fon mhuir dà mhile bho oirthir Jhurby a bha an t-àite. Tha sgeul eile ann gun do thog an Guilbeanach e chun oirthir a’ chaolais agus bheannaich Pàdraig e gus nach lorgar a nead tuilleadh nas motha agus gum biodh a nead falaichte bho daoine ga shireadh. Chaidh lorg a chiadamh cheum a chomharrachadh agus a chomhdachadh le bocsa lionn-tàthaidh. Chaidh “Cill Pherick” a stèidheachadh cuideachd, a rèir seanchas an eilein, gun deach a thogail le clachan à Èirinn agus gun deach an giùlan leis an diabhal fhèin thar a’ chuain! Tha raon anns an eilean far an do chiùir Naomh Pàdraig a chas fhèin air droigheann agus e fhèin na fhearg mhallaich e an raon. Às dèidh dha a nàire agus aithreachas aithneachadh gheall e ris fhèin gun cadladh e air leac anns an raon agus gun dèanadh e cluasag de ulbhag: ’S e “Liabee Pherick” [Leabaidh Pàdraig] an t-ainm a th’ air an leac ud. Bha cathair aig Naomh Pàdraig mar an ceudna air an eilean, ann an Garth, Marown leis an ainm “St Patrick’s Chair”, no “Chairn-y-Pherick” ann am ‘Magher-yn-Chairn’ [“Field of the Lord”], far a àbhaist dha ri muinntir an eilein a shearmonachadh. Shaodaich e nathraichean, losgaidean, diabhalan agus draoidhean às an eilean. Tha babht ann ma shuidhicheas cuideigin air a’ chathair cha laigh an sgìths orra tuilleadh nas motha. Tha iomadh thiobar air an eilean a tha air an ainmeachadh air leth an naomh fhèin mar an ceudna, le feartan leigheis mar an ceudna.

Air ais ann an Alba bha Naomh Pàdraig air a bheannachadh agus b’ àbhaist dhuinn achanaichean a dhèanamh dha, gu h-airidh le ora “Iomairt Clèibhe”:
“Altraim ort, a ghlac ghìongach,
Mar air thalamh sléibh a-nochd;
Ort fhéin do shaighead, a Ghréigein!
Is déin agus is déistinneach do lot.
 
An eab a chuir Pàdraig féile
Ri màthair rìgh an Ibhir
A mharbhadh nam béistean
Bha ri féithean a cridhe.”
 
Thachair mi ris an sgeul seo anns an leabhar “Historic Kintyre”, le “West Highland Series No. 7”, a bha air leth innteanach ri innse: On linn a thànaig na seann Ghàidheil gu Alba dh’imrich mòran dhiubh gu ceann a deas Chinn-tìre leis a’ chiadamh Rìgh Dhàil Riata, Rìgh Fergus MacErc, agus a luchd-leanntainn. Thog agus dh’aiseag iad ùir às na Gleanntan Aontruime gu Cinn-tìre agus chaidh na gleanntan ann an Ceann-tìre a thuineachadh le ùir à Èirinn. Bha sin na bhuannachd dhaibh air sgàth ’s gun robh an ùir a thog iad leotha fo bhuaidh mìorbhail a rinn Naomh Pàdraig, leis gun do sgaoil is shaodaich e na nathraichean agus creatairean dona eile à Èirinn agus cha deach nathair no creatair eile mar sin a lorg anns na gleanntann anns a chaidh àiteachadh. ’S e “Gleann Tìr Fearghais” an t-ainm air a’ ghleann seo.

A-rithist, chan e seo a h-uile pìos fiosrachaidh a th’ againn anns a’ bhloga seo ach tha mi an dòchas gun do chòrd e riubh.  A bheil sibh eòlach air fear sam bith de na faclan, abairtean, seanfhaclan agus seanchasan os cionn? A bheil fiosrachadh eile agaibh? Nach leig sibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo