- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Sporan
Air a sgrìobhadh le Calum air 27mh September, 2019
Tha sinn uile eòlach air gu dè a tha sporan a’ ciallachadh an-diugh, an dà chuid poca-airgid no poca na fèilidh, ach tha iad uile air an cleachdadh ann an mòran dhòigh eile ann saoghal na Gàidheil.’S e “Sporan leathair” an sporan as cumanta againn an-diugh cuide ri “sporan donn” air a dhèanamh le leathar dreiste. Tha “sporan béin” nas cian-thìreach no spaideil, a’ ciallachadh sporan bho bhian agus seiche dobhrain no feòcallan, taghan-tùdaidh, taghan no cat fiadhaich. Tha “Sporan mollach” a’ ciallachadh sporan air a chruthachadh bho sheiche ghobhar.
A thaobh sporanan nàdarra tha grunn dhaibh air a bheil sinn eòlach mar-thà. Ann saoghal na mara tha mòran sporan ri fhaicinn. ’S e “Sporan feannaige” an sporan as cumanta le coltas feannag dhubh, ceàrnagach, gasanach a tha cho beag ri luch, le ceithir “casan” air gach ceàrn dheth, ach chan e fhìor fheannag a th’ ann, ’s e poca-cladhaidh iasg a th’ ann. Tha e aithnichte mar “Memaid’s Purse” no “Devil’s purse”, no “Devil’s pocketbook” anns a’ bheurla. Tha ainmean eile ann airson an aon nì, tha “Sporan-ròin” and “Sporan-stàrraig” airson biorach no mùrlach. Tha “Sporan-na-crùbaig” eadar-dhealaichte anns an dòigh seo agus tha e a’ ciallachadh poca-cladhaidh na Crùbaig fhèin.
A thaobh lusan agus planntas tha “sporan-buachaille” (capsella bursa-pastoris) againn cuideachd, ’s àbhaist dha a’ fàs air na dailthean agus cluaintean far am bi sprèidh air an cumail. Tha e na luibh fìor mhath do dhaoine an-diugh le tòraidhean slàinteas ann agus tha e air a chleachdadh ann an dùthchannan sear mar Coiria, Sìona agus Iopan ann am biadh mar “wantons” no bonnachan-rìs, mar eisimpleir.
Fàgaidh mi dà ghnàth-cainnt leibh a tha gu math fìor an-diugh ’s a bha iad ceud bliadhnaichean air ais. “Am fear nach fosgail a sporan, fosglaidh e a bheul”: Cha dèan bruidhinn saothair math (Talk is cheap), agus “Fhad ’s a tha biadh againn, thugadh an sporan Taigh Iain Ghròt air!” ma tha biadh againn cha bhi feum againn air airgead!
Ma tha naidheachd no fiosrachadh agaibh air faclan ceangailte ris an fhacal, leigibh fios dhuinn air facebook agus twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
DASG: https://dasg.ac.uk/gd
Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo