Gàidhlig / English
Faclan Gaoil ’s Mùirne

Faclan Gaoil ’s Mùirne

Air a sgrìobhadh le Eoghann air 07mh dhen Ghearran 2018

A chionn ’s gur e Latha Naomh Bhaileintin, no Latha nam Pòg (Learn Gaelic), an t-seachdain-sa, tha mi den bheachd gu bheil e freagarrach gun sgrìobh mi am brath-bloga air faclan gaoil ’s mùirne. ’S dòcha nach eil 100 facal aig na h-Inuitich airson sneachd mar a thuirteadh, ach a rèir Faclan bhon t-Sluagh, tha faclan ’s gnàthasan-cainnte gaoil ’s mùirne aig na Gàidheil am pailteas.
 
Chuala mi gu cunbhalach iomadh facal mùirn Ghàidhlig mar a ghràidh, a laoigh, agus a stòir, ach bha mi gu math measail air briathrachas mùirne a lorg mi ann am Faclan bhon t-Sluagh. Bha am facal cagar air a chlàradh son fhacal mhùine ann am Breacais san Eilean Sgiathanach agus ann an Cill Fhaolain, anns an Dòrnaidh ann an Siorrachd Rois. Cuideachd, chaidh a thasgaidh a chleachdadh ann an Cill Mhoire. Thuirt neach-fiosraichaidh à Taobh Siar Leòdhais gu bheil creutair air a chleachdadh ann an dòigh mhùirne agus ann an dòigh thàireil. Ach ’s mairg duine sam bith air an do thogadh an abairt leannan-òinsich a tha a’ ciallachadh easily led man. A bharrachd air sin, ged a thuirteadh ann am Beurla gu bheil sinn bàidheil ris a’ chiad leannain, a rèir a’ ghnàthais-chainnte “Fuath a ghiollain a cheud leannan,chan eil sin fìor ann an Gàidhlig agus tha gràin an aghaidh ciad leannain.
 
Thug mi sùil air cuid abairtean mu dheidhinn tuiteim ann an gaol agus miochuis ri daoine. Chleachd bean à Ceann t-Sàile a’ cheist  a’ bheil magaid aige dhith?” son “does he fancy her?” a tha coltach ris a’ cheist “tha sùil agam innte.” Tha “b’ann air gaol a bha i tighinn” air a mhìneachadh gu h-àlainn cuideigin a tha ann an trom-ghaol ach tha ciall deabastach air an fhacal beadrach a tha a’ ciallachadh sùgradh no cniadachd mar a tha sa ghnàthas-chainnt chuireadh sin na bodaich gu beadradh.

Gun teagamh air bith, bidh beartas corpais ann am Faclan bhon t-Sluagh air nach d’ fhuair mi cothrom bruidhinn sa bhrath-bhloga seo. Le sin, chanainn gum bu chòir dhuibh sùil a thoirt air ar tasglann, no ma bhios sibh eòlach air faclan no gnàthasan-cainnt ionadail no inntinneach, nach biodh sibh cho math agus fios a chur thugainn air Twitter no Facebook. Tha mi an dòchas gu bheil feuchdag no fear spòiteas sònraichte agad leis am bi thu a’ cur latha Naoimh Bhaileintin seachad agus cuimhnich an abairt “thig crioch air an t-saoghal ach mairidh gaol is ceol.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo