- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Faclan Coin
Air a sgrìobhadh le Eleanor air 15mh An Gearran 2018
A-màireach (16mh An Gearran) bidh na daoine Sìonach a’ comharrachadh toiseach Bliadhna a’ Choin, agus mar sin ’s ann mu dheidhinn a’ choin dìleas a tha blog na seachdaine seo.B’ e “cho sgìth ri seann chù” cha mhòr a’ chiad gnàthas-cainnt a dh’ionnsaich mi a-riamh anns a’ Ghàidhlig. Nuair a bha mi nam oileanach tha mi cinnteach gun do chleachd mi an abairt seo nas tric na faclan sam bith eile (ach ‘s dòcha “chan eil mi a’ tuigsinn”), agus saoilinn gu bheil seo fhathast fìor airson oileanaich na Gàidhlig ann an àite sam bith, gu h-àraidh airson nan inbheach a tha fhathast ag ionnsachadh.
Bidh na coin a’ nochdadh gu tric anns na Faclan bhon t-Sluagh ann an abairtean agus gnàthasan-cainnt bho air feadh na Gàidhealtachd. Leis an àireamh mhòr de Ghàidheal a tha an-diugh fhathast ag obair le caoraich agus sprèidh, ‘s beag an t-iongnadh gur ann mu dheidhinn coin-chaorach agus coin-obrach eile a tha a’ mhòr-chuid de na h-abairtean seo, mar “Na bidh gun chù, ’s na beathaich cuillain” bho Uibhist a Deas. Agus ma tha thu airson beagan Gàidhlig a theagasg don chù agad, seall air Faclan bhon t-Sluagh airson òrduighean a thathar a’ cleachdadh le coin-caorach.
Tha tòrr seanfhaclan Gàidhlig a’ toirt iomradh air coin, mar na leanas bho Collection of Gaelic Proverbs and Familiar Phrases le Alexander Nicolson: “Tigh gun chù, gun chat, gun leanabh beag, tigh gun ghean, gun ghàire”, abairt bheag, shnog a tha ag innse dhuinn rudeigin air a bheil tòrr dhaoine eòlach mar-thà.
Anns an aon teacsa tha seanfhacal eile: “cha truagh leam cù ‘s marag m’ a amhaich”. Gu litireil, tha an abairt seo mu dheidhinn coin, ach b’ urrainn dhuinn a mìneachadh mar “chan eil co-fhaireachdainn agam ro chuideigin a tha cho fortanach”. Le sin a ràdh, cha chreid mi gum biodh cù aig a bheil isbeanan ma amhaich nach b’ urrainn dha ithe a’ smaoineachadh gu bheil e fortanach idir!
Agus a’ phìos mu dheireadh airson an-diugh, tha “is fhearr an cù a ruitheas na ’n cù a mheathas.” ag innse dhuinn gu bheil e nas fhèarr a bhith a’ feuchainn air rudeigin an àite ga leigeil seachad…fiù ’s ma tha thu cho sgìth ri seann chù.
Airson faclan no abairtean sam bith eile mu dheidhinn coin, nach toir sibh sùil air Faclan bhon t-Sluagh, no ma tha sibh fhèin eòlach air abairt, nach sgrìobh sibh thugainn air Twitter no Facebook.
Tha mi an dòchas gum bi Bliadhna Mhath Ùr Shìonach agaibh uile.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo