Gàidhlig / English
Èidhearag

Èidhearag

Air a sgrìobhadh le Niall air 31mh Faoilleach 2018

Samhradh an-uiridh bha mi greis ann an Uibhist. Fhad ’s a bha mi ann choinnich mi ri duine a chuir ceist orm mu dheidhinn bhriathrachais Leòdhasach agus, gu mo nàire, cha b’ urrainn dhomh freagairt a thabhann dha. O chionn ùine bha an duine seo air coinneachadh ri fear à Taobh Siar Leòdhais a bha air innse dha mu ’n facal èadharag. Cha robh an duine à Uibhist a-riamh air seo a chluinntinn roimhe agus, leis gu bheil mi fhèin a buntainn ri Brù air Taobh Siar Leòdhais, bha e an dùil gum biodh ’s docha eòlas agamsa air na bha am facal seo a’ ciallachadh. Nuair a dh’aidich mi nach robh dhearbhaich e dhomh gun robh èadharag a’ ciallachadh, a-rèir fianais mo cho-Shiarach neo-ainmichte, gaoth aotrom, car coltach ri oiteag.

’S ann aig meadhan an Ògmhìos a thachair an còmhradh seo – àm den bhliadhna far nach eil an iomadach gnè gaoithe a tha againn anns na h-Eileanan an Iar b’uileach aig beulaibh m’ aire. Ach leth bliadhna air adhart is mi beò fo plaide an teas-meadhan Faoilleach rapach fuar ann an Glaschu tha an cuspair air nochdadh as ùr ri m’ inntinn le cudthrom tiamhaidh.

Tha Corpas DASG a’ toirt dhuinn aon iomradh airson èadharag. Tha seo ri lorg air td.118 de Faclan Ura Gàidhlig le Domhnall Iain MacLeòid. ’S e a’ bhrìgh a tha easan a’ tòirt airson èadharag ‘light air’. Tha sin air a thaisbeanadh comhla ri 18 faclan eile airson a bhith a’ meudachadh gaoth. Aig ceann aotram na sceile tha sinn a’ faicinn na h-oiteagan eadar-dhealaichte: oiteag bheòthail (fresh breeze), oiteag leth-bheòthail (moderate breeze), agus oiteag shocair (gentle breeze). Aig a’ cheann nas troma gheibh sinn cnap-gaoithe (squall), làn-ghèile (whole gale), agus doineann (hurricane). ’S e am fear as fheàrr leamsa ioma-ghaoth: gaoth a tha a’ sèideadh oirbh bhon h-uile ceàrn. Ged nach cuala mi mu dheidhinn èadharag ri linn m’ òigridh ann an Leòdhas, ’s urrainn dhuibh a bhith cinnteach gun robh adhbharan gu leòr agam a bhith eòlach air an ioma-ghaoth!

Bha cudthrom nas fharsaing aig a’ ghaoth agus an aimsir ann an coimhearsnachdan Ghàidhealach. Tha seo ri fhaicinn anns na h-uidhear de dh’abairtean a tha a’ meòrachadh orra agus a’ chiall a bha aig gach seòrsa tìde. Anns The Campbell Collection of Gaelic Proverbs and Proverbial Sayings leis an t-Urr. Donnchadh Caimbeul, tha an t-ùghdar a’ sgrìobhadh mu dheidhinn “Geaslanachd na Callainn”. ’S e seo an creideamh gun robh slìghe na gaoithe air Oidhche na Bliadhn’ Ùr a’ tòmhais ciamar a shèideadh i airson a’ chòrr den bhliadhna. Bha an creideamh seo air a ghlacadh anns an abairt “Gaoth na Callainn, gaoth na bliadhna” (The Campbell Collection of Gaelic Proverbs and Proverbial Sayings, td.95, 97). Gu dearbh bhiodh e mi-fhortanach ioma-ghaoth fhaighinn an uair sin.

Tha seo a’ toirt cuimhne dhuinn cho riatanach ’s a bha e do Ghàidheil a bhith a’ cumail eòlas mìonaideach air an aimsir. Aig àm far an robh a’ chuid as mòtha aca a’ tarraing a’ bheò-shlaint aca bhon talamh b’ urrainn an t-atharrachadh a bu lugha sgrios neo soirbheachas a thoirt thuca. Chì sinn fianais airson sin bhon chleachdadh a bha aig muinntir Loch Abair a bhith ag eughachd “Searbhanta Mhic Dhòmhnaill Dhuibh” (“Lochiel’s Servant”) air gaoth a bha a’ sèideadh bhon ear. Mar a tha an t-Urr. Donnchadh Caimbeul a’ mìneachadh: “the east wind in harvest, welcome in a rainy district like Lochaber” (td. 150).

A bharrachd air an talamh, ’s e an cuan am prìomh roinn eile anns am b’ urrainn droch aimsir milleadh a dheanamh air fortain nan Gàidheal. Tha gu leòr òrain agus abairtean ann mu dheidhinn (mi)shealbh seòladairean agus iasgairean agus iad a’ cosnadh na dreuchdan aca. Ach tha sinn a’ faighinn iomradh air linn nas dorcha nar eachdraidh anns an abairt a bha aig Dòmhnallaich Uibhist: “A’ ghaoth tuath nimheil, thig ás na Hearadh naimhdell” (Caimbeul, td. 3). Buinidh seo ri linn far an robh gaoth bho thuath na rabhadh gun robh Leòdaich na Hearadh gus ionnsaigh a dheanamh orra. Coltach ri seo ach le buntainneas do Ghàidheil air fad tha na leanas bho td.253 de Gaelic Proverbs and Familiar Phrases le Alasdair MacNeacail: “Is fuar gaoth nan coimheach/Cold is the wind that brings strangers”. Seo na thuirt Mgr. MacNeacail mu dheidhinn tùis na h-abairt seo: “Possibly applied first to the wind that brought Norsemen, afterwards to the coming of Southrons.”

A bheil sibh fhèin eòlach air cleachdaidhean neo sean-fhaclan sam bith annasach mun aimsir? Ma tha carson nach cuir sibh fios thugainn.

Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter:  https://twitter.com/DASG_Glaschu 


 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo