- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Sgarbhlaich
Air a sgrìobhadh le Tòmas air 10 An Lùnastal 2017
A rèir neach à Gleann Tairbh, faisg air Cille Chuimein, ’s e th’ ann an sgarbhlaich na clachan sgaoilte a lorgar air slios beinne. Bha sgarbhlach aig dithis eile leis an aon chiall ann an Gleann Urchadain agus ann an Ceirseadar, Leòdhas.
Tha deagh eòlas agam fhìn air a bhith a’ sporghail suas clachan tuiteamach. Aon turas agus mi a’ feuchainn ri gualainn Bhuachaille Mòr Èite a thoirt a-mach, b’ ann a thachair losgann rium. An fhìrinn! Bha an losgann sin a rèir coltais a’ còmhnaidh gu h-àrd air sgarbhlach na beinne. B’ urrainnear cuideachd ‘sgàirneach’ no ‘sgrìodan’ a ràdh ri a leithid de dh’àite.
Chan eil ann an sgarbhlaich/sgarbhlach ach cruth eile air an fhachal ‘garbhlach’. Tuigidh grunn daoine gu bheil seo a-mach air tìr gharbh chnocach chreagach.
Mar eisimpleir, bha Dòmhnall Ruadh Phàislig airson ’s gum biodh Clach Sgàin a’ fuireach ann an Alba:
’S gur coma leam i ’n Cearrara
An Calasraid no ’n Calbhaigh
Cho fad ’s a tha i ’n Albainn
Nan garbhlaichean cas
Agus bhruidhinn Uilleam Ros air an dùthaich:
O mhachraichean gu garbhlaichean,
O uisge-Thuaid gu Arcamh chuain,
O Dheas gu Tuath gu leir
Tha ‘garbhlaichean’ gu sònraichte a’ samhlachadh na Gàidhealtachd an seo, car coltach ri mar a dh’fhaodamaid ‘garbh-chrìochan’ a chur air talamh na ceàrnaidh san robh na Gàidheil a’ fuireach. Ach mar as àbhaist ’s e sgìre shònraichte a th’ anns Na Garbh-chrìochan fhèin a’ ruith bho Àird nam Murchan gu Cnòideart.
Ma tha ‘garbhlach’ ann, tha cuideachd ‘cruadhlach’ — talamh chruaidh, chlachach. A’ dol na aghaidh ann am brìgh tha ‘boglach’! Dh’fhaodadh tu slighe de chruadhlach a lorg tron bhoglaich. Ann an Èirinn, gheibhear am facal ‘mínleach’ agus ’s e feurach còmhnard a tha seo — eu-coltach ri ‘garbhlach’.
Am measg fhaclan den aon seòrsa, tha ‘cunglach’ a tha na àite cumhang, teann; ‘broclach’, a tha na shaobhaidh aig broc no sionnach; agus bhruidhinn sinn cheana mu ‘bhreunlach’ air a’ bhlog seo.
’S dòcha gun e ‘sgreablach’ an t-eisimpleir as fheàrr leam a thaobh fuaim agus ìomhaigh. ’S e tha seo talamh de dh’ùir thana chlachach. Tha an talamh mar gum b’ eadh na sgreab, agus feumar sgreabadh ’s sgrìobadh gus coirce fhàs ann!
A bheil beachd agadsa air ‘sgarbhlach’, ‘garbhlach’ no ‘sgreablach’?
Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo