Gàidhlig / English
Lusan a' Bhoglaich

Lusan a' Bhoglaich

Air a sgrìobhadh le Kate air Diardaoin 17mh den Lùnastal
Tha mi dìreach air ùr-thilleadh bho chùrsa anabarrach inntinneach anns an Eilean Sgitheanach. B’ e ar n-amas air an t-seachdain sin barrachd fiosrachaidh fhaotainn a-mach mu àrainneachd na Gàidhealtachd, agus dualchas nan Gàidheal cuideachd. Bha sinn ann an iomadach àite, ach ’s e am boglach an t-àite a b’ fheàrr a bha a’ còrdadh riumsa. Mar sin, sgrìobhaidh mi beagan mu lusan a’ bhoglaich tha ri fhaotainn ann, agus ciamar a thathar gan ùisneachadh.
 
Chunnacas an lus trì-bhileach, air neo mart trì foil. Bhathar a’ gabhail mar chungaidh-leighis. Bhathar ag ràdh mu dhroch bhlas sam bith eile: ‘tha e cho searbh ri sùgh trì-bhilich.’ Bha e na leighis airson an teannachadh-cuim. Nach rannsaich sibh ann am Facal bhon t-Sluagh airson cleachdaidhean rusg bhuidhe nan creag, agus cuach Phàraig?
 
Dh’fhaodadh sibh an roid a chur gu feum gus cuidhteas fhaotainn de na meanbh-chuileagan. Bha e cuideachd ga ùisneachadh an àite lus-an-leanna, nuair a bhithte a’ dèanamh leann. Tha rannan gan aithris ann an Aithris is Oideas: Traditional Gaelic Rhymes and Games, aig a bheil ceangal ris an roid:
 
Tha mise ga do bhuain, a roid ruadh rèidh,
An ainm Athair nam buadh, an ainm Mac mo luaidh,
An ainm Spiorad buan Dhè.
 
Air bhuadh deagh fhear, air bhuadh deagh rèis,
Air bhuadh deagh bhean, air bhuadh deagh bheatha,
Air bhuadh deagh cheum.
 
Air bhuadh deagh ghaol, air bhuadh deagh leum,
Air bhuadh deagh adhbhar, air bhuadh deagh shaoghal,
Gun bhaoghal gun bheum.
 
Thathar ag ràdh gu bheil cumhachdan sònraichte aig a’ mhòthan, neo braonan, mar a theirte ris ann am Muile. Spìonaibh le ur làmh chlì e, ann am muilcheann dheis a’ chòta agaibh; snìomhaibh na naoidh freumhaichean ri chèile ann an cumadh chaoich; cuiribh fon teanga e is pògaibh a’ chaileag neo an duine air a bheil spèis agaibh. Bhiodh iad an uair sin dìleas riubh gu bràth! Tha am mòthan math dha chrodh-laoigh cho math ri daoine, agus bha e daonnant’ na shamhla gaoil is maith. Bhon Carmina Gadelica, Vol 2:
 
Buainidh mis’ am mòthan, an luibh a bheannaich an Dòmhnach. Fhad ’s a ghleidheas mi am mòthan, chan eil beò air thalamh gin a bheir bainne mo bhò bhuam.
 
Cumaidh nur cuimhne, nuair a bhios sibh a-mach a’ dèanamh geasan, gu bheil lusan is stuthan eile air an cruinneachadh ann an dòigh sònraichte: naoi is trì. Lorg mi geas air leth a-measg òrain Dhonnchaidh Bhàin:
 
“… Faigh naoi gasan rainich air an gearradh le tuagh, Is trì chnamhan seann duine Air an tarraing a uaigh;”
 
Gheibh sibh an còrr dheth anns a’ Chorpas, a thuilleadh air fiosrachadh mun mhòthan beannaichte. Gur math a thèid leibh leis na geasan agaibh!
 
Èistibh ri Sgioba DASG agus mar a dh’aithris iad na rannan seo.
Brùthaibh air a’ cheangal airson tuilleadh fiosrachaidh mun chùrsa Àrainneachd Cànain is Dualchais ann an Stafainn. Cuimhnichibh fios a chur thugainn air Facebook, Twitter, neo gu h-ìseal, leis an eòlas a th’ agaibhse.
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo