- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Guirmean-an-t-Sléibhe
Air a sgrìobhadh le Abi air 3 Lùnastal 2017
Tha na h-Eileanan an Iar ainmeil far ’s farsaing airson iomadh adhbhar, ach tha a h-uile neach-siubhal eòlach air a’ Chlò Mhòr agus dàthan nan Eilean a tha gan rìochdachadh cho math anns a’ chlò. Tha aodaich is a leithid deàne leis a’ Chlò Mhòr anns cha mhòr a h-uile bùth anns na h-eileanan a leigeil fhaicinn dhuinn gu bheil e a’ còrdadh chan ann a-mhàin ris na h-eileanaich fhein ach ris na luchd-turais cuideachd. An dèidh dhomh a bhith a’ fuireach anns na h-eileanan airson mìos, tha mi a’ gabhail cothrom sùil a thoirt air dathan a’ Chlò Mhòir agus ciamar a tha iad gan dèanamh.
Ann an Scalpaigh na Hearadh, bha Guirmean-an-t-Sléibhe aig neach, a’ ciallachadh ‘a plant from which the colour of blue was taken.’ San Fhaclair Dwelly, tha guirmean a’ ciallachadh ‘dyer's woad no isatis tinctoria.’ A rèir an Scalpaich, bha an lùs seo ga chleachdadh airson clòimh a dhathachadh.
Tha iomadh faclan ann am Faclan bhon t-Sluagh aig DASG mu obair an lùib na còimhe no calanas. Chaidh clòmh bàn a chruinneachadh ann an Uibhist a Deas airson ‘undyed wool used to make underwear. Flannel-like substance.’ Cha b’ fiach e oidhirp gus clò a dhathchadh mur an robh duine a’ dol ga fhaicinn! Chaidh coire-dath a chruinneachadh ann an Scalpaigh airson ‘kettle for colouring wool. The wool is boiled in the cauldron… with dye, vegetable dyes added.’
Tha sinn cinnteach gum bi iomadh facal agus abairt agaibh mun chalanas agus bhiodh sinn uamhasach toilichte a chluinntinn bhuaibh. Tha duilleag againn air Facebook agus Twitter no faodaidh sibh ur beachdan fhàgail fo na blògaichean cuideachd.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo