Gàidhlig / English
Òrain Ghàidhlig Ghlaschu: Pàirt 5

Òrain Ghàidhlig Ghlaschu: Pàirt 5

Air a sgrìobhadh le Calum air 9mh Am Màrt, 2023
Tha fàilte agus fuaran oirbh tilleadh dhan bhrath-bhloga mu dheireadh againn airson Òrain Ghàidhlig Ghlaschu! Tha i air a bhith air leth fhada ach tha mi air leth taingeil dhuibh airson tillidh. Anns a’ bhrath-bhloga seo bheir sinn sùil air òrain na Gàidhlig ann an Glaschu, air crìochan a’ bhaile agus taobh a-muigh a’ bhaile mhòr fhèin.
 
Mu Bhàta Arm a chaidh a thogail anns an Acha-Bhàn, ann an Gobhainn – Iain MacAonghais, à Lios Mòr.
Tha “Acha-Bhàn” ann am Baile Ghobhainn, air bruaich a’ Chluaidh, far an togte bàtaichean no luing. Ged nach eil an aon ghnìomhachas againn anns a’ bhaile mhòr sna làithean-sa chì sinn dìleab mhòr a’ ghnìomhachais air aghaidh a’ bhaile. Shaothraich MacAonghais air na bàtaichean-cogaidh air bruach a’ Chluaidh agus, dìreach mar a bha aig bàird o shean a mholadh bìrlinn no luing o chionn, mhol esan na luing a bha ainmeil anns a’ bhaile mhòr a theidheadh a bhith ainmeil air feadh an t-saoghail:
’S ann ort tha sròn na muice-bioraich,
’S toll mar uamh os cionn do shlinnein,
’S bho’n is uabheist thu nach crionaich,
Dh’innis mi mu’n d’fhalbh thu.


Gun deachaidh t-àrach ann an Geibhin
Le ùird stàlinnean a’s geinnean,
Tuaigh a’s tail, a’s lochdair bheaga,
‘S gheir iad thu le farachan...”
 
Ciad Turas MhicDhòmhnaill a Ghlaschu – Uilleam Marshall, Bruach a’ Chluaidh
B’ ann à Bhruach Chluaidh a bha Marshall ach dh’imricheadh clann nam baile mòra aig àm an dàrna chogaidh agus mar sin ghluaiseadh e gu Dùn Bheagan, an t-Eilean Sgitheanach, far an do thog e a’ Ghàidhlig. Bha a bheatha stèidhichte anns an dà àite fad a bheatha, agus mar sin nach eil e freagarrach gun do rinn e òran “macaronic”. Tha an t-òran aige a riochdachadh faireachdainn iomadh Ghàidheal nuair a dh’imrichte gu Deas dha na bailtean mòra, ach tha mi an dòchas nach b’ e an aon suidheachadh a bh’ aca gach turas mar a bha aig fear an òrain fhèin mar seo:
“When I came to Glasgow first, a-mach gu Tìr nan Gall,
I was like a man adrift, air iomrall ’s dol air chall;
The noise it seemed like thunder, chuir e tuainealaich nam cheann,
And often-times I wished I was air ais an tìr nam beann.

A’ fuaim a bh’ aig na tramway cars was rumbling in my ears,
Nuair chaidh mi sìos am Broomielaw, my eyes were full of tears,
Mi guidhe gu robh mi air ais in my dear native home,
Gur truagh an nì gur Gàidheal mi in Glasgow all alone...”
-
Mo Rùn air na Maraichean
Mar a tha sinn air leughadh agus ionnsachadh mar-thà, bha na Gàidheil gu mòr an sàs ann an gnìomhachais luingearachd agus seòlaidh anns na bailtean mòra. Bha mòran Ghàidheal stèidhichte ann an Grianaig mar an ceudna, far an seòladh iad air feadh an t-saoghail, mar a chìthear anns an òran seo:
Hill ù o ro hù o
Mo rùn air na maraichean
’S e maraichean an t-sùgraidh
Bu shunndach a leanainn iad.
Hill ù o ro hù o.


Dimàirt a dh’fhàg sinn Grianaig
’S bu chianail na caileagan
A’ crathadh an cuid bhrèidean
’S sinn fhèin a’s na crannagan.
Hill ù o ro hù o...”
 
Camanachd Ghrianaig – Màiri Mhòr nan Òran
Tha an t-òran seo air leth coltach ris an òran a th’ aig Màiri Mhòr, “Camanachd Ghlaschu”, agus tha ise a’ riochdachadh geama Camanachd a chaidh a chluich ann an Grianaig far an robh iomadh Ghàidheal a’ fuireach agus ri mire is spòrs mar an ceudna:
’S iad gillean mo rùin
A thogadh oirnn sunnd,
’S i ’n t-Seana Bhliadhn’ ùr thug sòlas dhuinn...

Chan fhaca iad riamh,
A leithid a thriall,
Air sràidean Ghrianaig còmhla ribh.
Bha h-uile fear ’riamh,
’S a chaman ri chliabh,
’S gum b’eireachdail fiamh nan òganach...”
 
Tha sinn deiseil! Tapadh leibhse gu mòr airson na brath-bhlogaichean seo a leantainn mu Òrain Ghàidhlig Ghlaschu. Tha dusanan de dh’òrain anns a’ Ghàidhlig a tha stèidhichte no mu Ghlaschu nach eil mi air cur anns a’ bhrath-bhloga seo ach bu mhòr leinn na h-òrain a th’ agaibhse a leughadh agus a chlaistinn. Nach leig sibh fios dhuinn man deidhinn, agus mu na h-òrain a chòrd riubh, air facebooktwitter agus ar làrach-lìn.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo