Gàidhlig / English
Òrain Ghàidhlig Ghlaschu: Pàirt 3

Òrain Ghàidhlig Ghlaschu: Pàirt 3

Air a sgrìobhadh le Calum air 9mh An Gearran, 2023
Tha sinn fhathast ann an Glaschu, “Baile Mòr nan Gàidheal” agus “Baile Mòr nan Òran Gàidhealach”, mar a chì sibh anns a’ bhrath-bhloga seo. Bheir sinn sùil air a’ chùis far an do dh’fhàg sinn e, ann an taobh sear a’ bhaile.
 
Mother Glasgow” – [Micheal Marra, à Dhùn Dè.]
Cha robh a’ Ghàidhlig idir aig Micheal Marra, ach bha meas làidir aige air a’ bhaile mar a bha aig iomadh Ghàidheal a’ bhaile. Chaidh an t-òran aige eadar-theangachadh o’n Bheurla dhan Ghàidhlig le Kenna Chaimbeul, às an Eilean Sgitheanach. Taisbeanaidh an t-òran an trì chuid dìleab a’ bhaile air an t-saoghal, agus dìleab Naoimh Mhungo air a’ bhaile, agus a muinntir-sa:
“Dàrna cathair-bhaile mòr na h-Ìmpireachd,
Tha Glaschu ag altrumas a h-àl;
A’ saorachadh a druidean beaga bhiathadh,
Gun fhiosda, gheàrr i ’n sgiathan aig am bàrr.
 
‘S tha Glaschu gun leiteachas na màthair
Do Phròstanaich ’s luchd-leanmhainn a’ Phàp;
Bhruadair mi dhol cuartag le Naomh Mungo
Feuch an glacainn iasg nach b’ urrainn snàmh...”
 
Camanachd Ghlaschu” – [Màiri “Mhòr nan Òran” Nic a’ Phearsain, à Sgeitheabost, an t-Eilean Sgitheanach.]
Dh’fhuirich Màiri ann an Glaschu, far an do chuir i seachad ùine mhòr de a beatha anns a’ bhaile mhòr. Fhad ’s a bha i ann chìtheadh i iomadh thachairt Gàidhealach leis na Gàidheil anns a’ bhaile agus, gun teagamh sam bith, chunnaic i geama mòr iomain na Collainne air Grianan Ghlaschu. Bu dual dha na Gàidheil cruinneachadh air a’ Ghrianan los geama camanachd a chluich. B’ àlainn an sealladh dheth agus chomharrachadh an geama agus an cruinneachadh ann an òran eireachdail:
’S iad gillean mo rùin a thogadh mo shunnd;
’S i seo a' Bhliadhn' Ùr thug sòlas duinn;
’S iad gillean mo rùin a thogadh mo shunnd.


’S iad gillean mo ghràidh
Tha ’n Glaschu nan sràid –
Is fhada bho àit’ an eòlais iad.

’S ann goirid ron Challainn
A chruinnich an comann,
’S a chuireadh an iomain an òrdugh leoth’..”.

Dh’iarr an Sgioba Dhol Dhan Chrann
A’ dol gu siar gu ‘Broomielaw’ b’e siud an t-àite às an seòladh iomadh bhàta agus culaidh a’ bhaile oir b’ e àite làn-ghnìomhachas a bh’ ann. Bha mòran Ghàidheal an sàs ann an gnìomhachas seòlaidh ann am Broomielaw agus seallaidh an t-òran seo na bha an sàs le obair nam bàta:
“Dh’iarr an sgiobair dhol dhan chrann
Thuirt mi ris nach rachainn ann
Thuirt e: “Feumaidh tu dhol ann
’S e nì a gheall thu dhòmhsa...”
 
Latha Dhomh is Mi Gabhail Sràid
Tha an t-òran seo a’ toirt sùil air cionnas a chaidh fear a mhealladh le tè ann am ‘Broomielaw’ agus gun do chaithris iad an oidhche le chèile, às dèidh dhi an deoch a chur air. Nuair a dhùisg e sa mhadainn cha robh bonn-sgillinn aige oir ghoideadh e leis a’ bhoireannach, agus bha aige ri gabhail an sàs leis an airm:
“Latha dhomh ’s mi gabhail sràid,
A-mach 's a-staigh sa Bhroomielaw,
Thachair orm tè chrath mo làmh,
’S chuir fàilt’ orm ri sòlas.
 
Thuirt i rium am Beurla chiùin:
“Is fhad o b’ aithne dhomh thu ,rùin,
Gheibh thu deoch nas fheàrr na leann,
Ma thèid thu leam nam sheòmbar.”...”

Nuair a Sheòl Sinn Mach À Cluaidh
Tha an t-òran seo ag innse mar a bha fear ann a thug gealltanas a dh’obair air na bàtaichean, ged mar a leugh sibh, nach e a thoil sin a dhèanamh idir oir nach e seòladaireachd a bu chaomh leis a dhèanamh idir. ’S e tionndadh eile a tha seo de an dà òran fos cionn leis an sgeulachd air a chùl:
“Nuair a sheòl sinn mach à Cluaidh
Shil i ’s shèid i, dh’fhàs i fuar
’S ann ormsa thàinig a dhol suas
Mo thruaighe ’s gun mi eòlach.
 
Thuirt an sgiobair mi dhol dhan chrann
Thuirt mi ris nach d’rachainn ann
Thuirt e: “Feumaidh tu dhol ann.
’S e nì a gheall thu dhòmhsa.”...”
 
Thèid sinn air adhart gu siar an ath-bhrath-bhloga gu Baile MhicFhèinne (“Finnieston”), Ceann a’ Chnuic (“Hillhead”), agus Pàrtaig. Ma tha òrain na Gàidhlig agaibhse a tha a’ buntainn ri Glaschu leigibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo