- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Ròcabarraigh
Air a sgrìobhadh le Calum air 23 Am Màrt, 2023
Atlantis; Isle of Demons; Sandy Island: Eisimpleirean àraidh air “Phantom Islands”, eileanan nach eil fìor ri fhaicinn idir sna làithean an-diugh. Chan eil na Gàidheil eadar-dhealaichte le beachdan agus eisimpleirean eile den leithid: Teach Duinn; Emain Ablach; Hy-Brasil, m.s.a.a. Ach tha eilean air leth àraidh air an toir sinn sùil an-diugh a tha dìreach cho falaichte agus dìomhaireach: Rocabarraigh.“Nuair a thig Rocabarra ris, is dual gun tèid an Saoghal a sgrios”: ’S e seo an abairt ghabhaidh mun eilein sìochaire. Canar gun tig crìoch an t-saoghail ma nochdas ise trì turasan, ach tha sinn an dòchas nach nochd i turas eile ma-thà!
Ach a dh’aindeoin am faoin-sgeul air a chùlaibh tha deagh choltas ann gur e “Ròcal” no “An Sgeir Rocail” a th’ ann an Rocabarraigh, ri lorg ann an teis-meadhan a’ Chuain Shiar.
Ach chan eil sinn gu tùr às aonais fiosrachadh air an eilean. Tha feadhainn den bheachd gun d’ thàinig Rocabarraigh, no Ròcal, gu bhith a rèir seanchas na Fèinne: thog Fionn MacCumhail sgròb de dh’Èirinn ri tilg air a nàmhaid, famhair eile à Alba. Ach thuit e ann an Cuan na h-Èireann, a’ dèanamh an t-Eilean Mhanainn, ach thuit balbhag dheth anns a’ Chuan mhòr, a’ dèanamh Ròcail. Chaidh toll na sgròibe a lìonadh le uisge agus rinneadh Loch nNeathach leis.
Ach tha suidheachadh an eilein fhathast air leth cudromach fiù sna làithean an-diugh, canar gu bheil a shuidheachadh air leth cudromach airson cead iasgachd a bhios ri fhaotainn nan robh i a’ buntainn ri dùthaich fa leth. Mar sin tha mòran connspaid ann a thaobh cò an dùthaich ris a bhuineas i. Mar sin, tha iomadh dhùthaich air a bhith ann am farpais airson na sgeire. Tha sgeulachd ann mu fear Caoidheach ann air 07/11/1955 a thog fianais an aghaidh Riaghltas an Rìoghachd Aonaichte, a’ cur an cèill gun deach Ròcal a chur ann sealbh Chloinn MhicAoidh ann an 1846 an àite Cabhlach an Rìoghachd Aonaichte. Mar a tha soilleir dhuibh, cha do thog fhianais buaidh. Faodaidh sibh nas motha mun sgeulachd seo, agus tuilleadh mu Ròcail, a leughadh air Wikipedia. Tha deagh alt ann an Deo-grèine 5, d. 146 a mholainn oirbh a leughadh mu sgeulachdan eile ceangailte ri Ròcabarraigh.
An aithne dhuibh sgeul sam bith fos cionn mu Ròcabarraigh? A bheil sgeulachd no gnàthas-cainnt agaibhse ceangailte ri Ròcabarraigh? Leigibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo