Gàidhlig / English
Òrain Ghàidhlig Ghlaschu: Pàirt 4

Òrain Ghàidhlig Ghlaschu: Pàirt 4

Air a sgrìobhadh le Calum air 16mh An Gearran, 2023
“Thug thugainn, thig còmhl’ ruinn gu siar”, an loidhne ainmeil, ach ’s ann air taobh siar Ghlaschu a tha mise a-mach anns a’ bhrath-bhloga seo! Anns a’ bhrath-bhloga mu dheireadh bha sinn a’ siùbhal gu siar o ‘Bhroomielaw’ gu Pàrtaig agus bheir sinn sùil air òrain taobh siar Bhaile Ghlaschu.
 
Òran na Mulchaig – [Iain MacPhàidein, à Bhaile a’ Mhuilinn, Muile.]
Tha seallaidhean nam bùth mòra air leth inntinneach dhuinn fiù ’sna làithean an-diugh, ach dha na Gàidheil o sheann, à bhailtean dhùthchail, airson feadhnach dhiubh, b’ e aodhbhar mòr-ioghnaidh a bh’ annta. Anns an òran seo thugadh na Gàidheil aire mhòr dha na chunnaic iad ann an uinneig air 101 sràid “Stobcross”; mulachag mhòr. Bha na Gàidheil a’ deasbad air cò às a thàinig a’ mhulachag o thùs agus bha mòran àbhachas an lùib an òrain mar sin:
Am faca sibh a’ mhulchag,
Am faca sibh an tualaman,
Am faca sibh a’ mhulachag den chàise?
’S i cho mòr ri cloich-mhuilinn,
Shìos aig Lipton anns an uinneig,
Agus miann gach neach a chunnaic i air pàirt di.
 
’S i siud a’ mhulachag eireachdail
A thàinig à Ameireaga –
Tha leth-tunn’ innte ’s ceathramh, tha ’d ag ràdh rium;
Tha cuid a their gur geir a th’ ann,
’S cuid eile gur e maide th’ ann,
’S tha connsachadh is caganadh gun tàmh uimp’...”
[Leughar ann an “Caran an t-Saoghail”, le Dòmhnall Meek, gur e “Corn Rigs and Barley Rigs” am fonn a chuireadh ris an òran.]
 
Deoch-Slàint’ a’ Chomuinn Oiseanach
’S e “An Comunn Oiseanach” comunn Ghàidhlig nan Oileanach aig Oilthigh Ghlaschu. Air feadh nam bliadhna tha an comunn air ruith, bho eachdraidh thràth mar bhuidheann-deasbaid o sheann ach a tha na bhuidheann airson na Gàidhlig agus nan Gàidheal a-nis aig an oilthigh. Chaidh an an t-òran “Deoch-Slàint’ a’ Chomuinn Oiseanach” a dhèanamh ann an 1833 los comunn glan gun àrdan a chomharrachadh ann an òran:
Deoch-slàinte Chomuinn Oiseanach
'S e sin an Comunn sòlasach
Comann glan nan Oiseannach
A sheasadh còir na Fèinne.


'S e seo an Comann dealasach
Tha smuain a' ghaoil gan teannachadh
Bidh suain aig Goill a' bhaile seo
Mun dealaich iad ri chèile...”
[’S e “Tha Tighinn Fodham Èirigh” am fonn a chuireadh ris].
 
Marbhrann a’ Choin Duinn
Chan e òran “Ghlaschach” a th’ ann gu buileach, oir chan eil an t-òran seo air a stèidheachadh ann an Glaschu, ach a rèir an leabhar “Bho Chluaidh gu Calasraid”, le Mìchael Newton, chaidh a dhèanamh le oileanach a bha ann an Glaschu mu a chù donn a chaidh a bhàsachadh:
“Tha mi ro dhuilich
Is fo mhulad an dràsta;
Chan e gaol rinn mo bhuaireadh,
Chan e gruagach rinn m’ fhàgail,
Ach ’s e naidheachd fhuair mi
As taobh tuath o mo bhràthair
Thug na deòir air mo shùilean
Is chuir air chùlaibh mo ghàire...”
 
Òran na “Corns” – [Iain MacPhàidein].
Bha am bàrd a’ fulachdainn le pian a’ “chorns” mar is soilleir anns an òran. Chaidh an t-òran-sa fhoillseachadh le “Teachdaire nan Gàidheal” anns an Lùnastal, 1925:
Ho gur truagh mi he gur truagh mi
Ho gur truagh mi le na corns.
Tha mo chruadal a bhi gluasad
Aig na fhuair mi le na corns.


Bheir an greasaich earail ùr dhomh
Cur mo lùdagan air doigh
An ceap as motha feumar clud air
A cuir barrachd rùm dhan chorn...”
 
Chan eil sinn deiseil fhathast le òrain na Gàidhlig ann an Glaschu agus mu timcheall oirre: Bidh sinn a’ leantail oirnn gu siar gu Baile Ghobhinn agus air adhart gu Grianaig. Ma tha òrain na Gàidhlig agaibhse a tha a’ buntainn ri Glaschu leigibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo