- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Òrain 'Macaronach' na Gàidhlig
Air a sgrìobhadh le Calum air 10mh Am Màirt, 2022
Ciamar a tha youse an-diugh?” “A bheil sibh alright?” Seo dhiubh dà eisimpleir de chainnt “Macaronic” a tha cumanta anns an là an-diugh. Ma tha rann “Macaronic” ann tha sin a’ ciallachadh gu bheil e air a sgrìobhadh le dà chànan no a bharrachd. Bha e gu math cumanta ann an cànain romansach na h-Eòrpa ach tha am fasan agus nòs air a sgaoileadh gu gach ceàrn an t-saoghail. Bheir sinn sùil air feadhainn rainn agus òrain a tha sgrìobhte no air an dèanamh le barrachd na a’ Ghàidhlig a-mhàin.Tha trì eisimpleirean de bhàrdachd no òrain macaronic mar-thà ann an Gàidhlig na h-Alba; “Ciad Turas MhicDhòmhnaill a Ghlaschu”, le Uilleam Marshall, “The Girl from Cromar”, le Murdani “Mast” MacUalraig, “Tha Sgeul Ùr 'san Tìr”, agus "Bàl Ghlinntruim" le Dòmhnall Caimbeul (Dòmhnall 'ic Dhòmhnaill Phàil (mac Bàrd Ceann a' Ghiuthasaich, Dòmhnall Phàil).
Ann an “Ciad Turas MhicDhòmhnaill a Ghlaschu” tha an cothromachadh eadar a’ Ghàidhlig is a’ Bheurla gu math rèidh is “cothromaichte”, is mar sin chanainn gur e sàr eisimpleir de rann macaronach:
“When I came to Glasgow first, a-mach gu Tìr nan Gall,
I was like a man adrift, air iomrall ’s dol air chall;
The noise it seemed like thunder, chuir e tuainealaich nam cheann,
An often-times I wished I was air ais an tìr nam beann.”
Ann an “The Girl from Cromor” tha an cruth gu math coltach, le rosgrannan slàna anns a’ bheurla ach le corra-fhacal anns a’ Ghàidhlig. Tha seo soilleir anns a’ chiadamh rann:
“Once I had a girl that came from Cromor
She was a school-teacher with airgead gu leòr
She was a darling like Marilyn Monroe
But she gave me the bachall to come back no more.”
Tha mòrchuid nam facal anns a' Ghàidhlig anns an òran “Tha Sgeul Ùr 'san Tìr” ann an “Verse, Fragments, Etc., From Various Districts” le Ùisdean Barran:
“Tha Sgeul Ùr 'san Tìr,
Fhuair na sìdhichean bicycles
'S cha ghabh e innse
Cho grinn 's a races iad,
Le sgiort dh' an t-sìod'
Agus blouse a ghrìogagan
'S èididh-cinn ac'
Bho thìr na h-Eadailte.”
Tha an cothromachadh ann am "Bàl Ghlinntruim" (an tionndadh a fhuair mi ann an "Verse, Story and Fragments from Various Districts", le Ùisdean Barran ann an Tàr-Ghnìomhan Comann Gàidhealach Inbhir Nis) air leth rèidh ann an gach loidhne cha mhòr:
Yesterday evening 's feasgar an raoir,
We marched away to Bàl Ghlinntruim
We could not get lasses cha reachadh iad leinn
And going without them bu mhuladach sinn."
Taobh a-muigh na h-Alba tha bàrdachd is òrain macaronach nas cumanta. Ann an Eirinn tha iad fada nas cumanta. Tha deagh chlàr dhiubh air làrach-lìn an t-seinneadair Sheosaimh Ó hEanaí. Bheir sinn sùil air trì eisimpleirean den nòs-òrain seo, a’ toirt sùil air an òrain macaronacha “Siúil, a Rúin”, “One Morning in June” agus “One Day for Recreation”.
Ann an “Siúil, a Rúin” tha an t-òran air a dhèanamh le boireannach a’ caoidh às dèidh a leannan a tha air dol san airm ri sabaid leis na Frangaich. Tha ise ag iarraidh gun till e sàbhailte agus tha esan ag iarraidh oirre teicheadh leis los gum pòsadh iad a chèile. Seo rann air a spìonadh às mar eisimpleir dhuibh:
“Now my love has gone to France
To seek his fortune in advance
If ever he returns, it’s only a chance
Is gu bhfille tú, a mhúirnín bán, slán.”
Ann an “One Morning in June” tha gach rosgrann às dèidh a chèile ag atharrachadh cànan, agus tha seo air leth soilleir anns a’ chiadamh rann:
“One morning in June, agus mé ag dul ag spaisteoireacht
Casadh liom cailín, ba ro-dheas a gnaoi
She was so handsome, gur thir mé in grá léi
Is d’fhága sí arraing i gceartlar mo chroí.
I asked her her name, nó cad é an ruaig bheannaithe
Chas ins an áit thú, a ghrá ghil mo chroi?
My heart it will break if you don’t come along with me
Slán is beannacht le buaireadh an tsaoil.”
Anns an òran “One Day for Recreation” tha an cothromachadh eadar a’ Ghàidhlig agus a’ Bheurla dìreach cho rèidh:
“One day for recreation is gan éinne beo ‘mo chuideachta,
I spied a charming fair maid ina haonar is i siopa istaigh.
She was singing like an angel is mé ag éisteacht lena binne-ghuth;
Anonn is anall, a Mháirin, do mhálaí is do bheilteanna
Sí bean na stocaí bána ba bhreá liom ag iomaidh leat.”
'S e an aon rud le “Bidí Ní Mhaoldúin”, òran à Ard Mhacha:
“I cast my eye on this charming fair maidean,
Is bhi mé dhá teannadh anonn le mo chroí,
Orú éist is a stór if you go wit' anyone,
Leave your mammy and come wit' me.”
Lorg mi an t-òran an-seo, “As I Was Walking” anns an leabhar "Caointe agus Seancheolta eile", le Breandan Ó Madagáin, ach tha e air làrach-lìn “Sean-nós” TG4 mar an ceudna. Anns an òran tha fear Eireannach air dol an sàs leis an airm Shasainneach agus chaidh a chur gu Talamh an Èisg airson a phuist aige. Tha e soilleir gu bheil buaidh na h-obrach, agus a cho-shaighdearan, air buaidh a thoirt air a chuid Ghàidhlig agus tha sin air a thaisbeanadh anns na rannan aige:
“As I was walking one evening fair
Is mé go déanach i mBaile Sheáin
I met a gang of English blades
Is iad á dtraochadh ag a namhaid
I sang and drank so free and airy
With all those courageous men of war
Cé go mb’fearr liom Sasanaigh ag rith le fóreigean
Is gur iad Clanna Gael bocht a bhuaidh an lá.”
Tha mi hopeful gun do chòrd gach chanson, ge be dè cho àlainn no mooi a bha againn ici dhuibh. Ma tha òran macaronach agaibh nach eil sinn air a chur an-seo nach leig sibh information no informazione dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo