- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Òrain, Bàrdachd agus Duanagan an A9 ann an Alba (Pàirt 2)
Air a sgrìobhadh le Calum air 23mh An t-Ògmhios, 2022
Fàilte air ais gu pàirt a dhà de “Òrain, Bàrdachd agus Duanagan an A9”! Tha sinn a’ leantainn oirnn nas fhaide Tuath bho Inbhir-ghruaidh gu Druim-uachdair. Bheir sinn sùil air òrain ann an sgìre Dhruim-uachdair an t-seachdain-sa oir tha mòran òrain agus seanchas anns an sgìre-sa."Mo Nighean Dubh as Bòidheach Dubh" – Blàr Athall
Chlàradh an t-òran seo ann an sgìre Blàir Athaill. Leughar an t-òran seo anns an leabhar ghasta “Tales from Highland Perthshire”, le Ban-Thighearna Evelyn Stiùbhart Mhoireach –
“Mo nighean dubh is bòidheach dubh,
Mo nighean dubh na trèig mi,
Ged theireadh càch gu bheil thu dubh,
Cho geal ’s tha an gruth leam fhèin thu,
Mo nighean dubh is bòidheach dubh.
Moch latha-coinnle dhomh sa mhadainn,
Airtneulach ’s mi ag èirigh,
Gum facas òigh an taice rium,
’S a gnùis mar sneachd air gheugan.”
Òran Breugach Eile - Ruigh-chlachrie
Tha mi air sgrìobhadh mun òrain seo mar-thà anns a’ bhrath-bhloga “Òrain Breugach”, agus ’s e òran èibhiseach a th’ ann. Bidh mi ga sheinn mar òran-luaidh leis an fhonn do “Ghaol Ise, Gaol I” –
“Chunna mi na chunna mi
Nach fhaca duine mo sheòrst,
Chunna mi na feadagan
Len caibeachan uaine mòine.
Bha pìob mhòr air an fhitheach,
Fiodhull air an ròcais,
Targaid air a’ bhutagochd
’S musgaid air an smeòrach,
Claidheamh fiar air an dreathann,
’S e gu leathann còmhnard.”
“Crònan” le Mairearad Ghobha, bean Dhòmhnaill Ruaidh Ghobha, a bha na tuathanach ann an Ach'-an-Ruidhe, faisg air Socach-Sruthain ann an Athall -
“Fà-ill ile na ho rò,
A-ill o na hi ri ù,
Fà-ill ile na ho rù,
'S i mo rùn mo Ieanabhsa.
Baidh, baidh bà, mo ghràdh,
Meigeag bheag a chinnein bhàin,
Meigeag bheag a chiimein bhàin,
gur i annsach mamaidh i.
Chaidh na caoirich oirnn a stath,
Cha-n 'eil bainne ac no àl,
Ciod an comas th' air a ghràidh,
Ged thàinig call an Earraich oirnn.”
“Aoir Rodain” le Lachlann Mac a’ Phearsain, Fear Srath Mhathaisidh – Dail na Ceàrdaich
A rèir na sgeòil thug fear taigh-òsta ann an Dùn Chailleann, no Dail na Ceàrdaich, maoidheadh gu Fear Srath Mhathaisidh, is mar sin dh’iarr am bàrd air na luchan gach mìr is nì san taigh ithe, los nach biodh nithean air fhàgail gu fear an taighe –
“Is iomadh truaigh’ a tha cumail fodha
An tuathanaich is fheàrr air domhan;
Air meud a bhuana ’s a threabhadh,
’S lìonmhor tuarastail ’na dhèigh.
Òl, agus ceòl, agus fèill,
Baisteadh, is pòsadh, is eug,
Rìgh, agus eaglais, is lèigh,
’S mìle rud beag as a dhèigh.”
“Aoireadh, le Alasdair Catanach, an Saor Ruadh, anns a’ Chreagan, ’n uair bha e fuadach nan luch bho sabhal Bhiallaid” – Dail na Spideil
Ged tha an t-òran stèidhichte ann an sabhal Bhiallaid, gu deas air Baile Ùr an t-Sleibhe, tha iomradh ann do Dhail na Spideil, tuathanach ann an Druim-Uachdair far an do rugadh am bàrd ainmeil, Dòmhnall Phàil Caimbeul. Anns an òran tha am bàrd ag iarraidh air na rodain a theich gu taigh-òsta Dhail na Spideil airson dìoghaltais air fear mhòr nach bu chàilear dha, no gu Gleann Truim no Dail Chuinnidh cuideachd –
"Ma ghabhas sibh mo c[h]omhairl' luchan!
Truisidh sibh oirbh 's bidh sinn falbh.
Ma thèid mise 'ga n-ur aoireadh,
Cha bhi aon agaibh gun chearb.
Cha'n 'eil cat eadar Ruathainn,
'S bràigh Chluainidh nach bi sealg.
'S ann an sabhal Sandy Bàn,
Gheàrr sibh an snàth as a' bhalg."
“Monadh Dubha Dhruim-Uachdair” – Druim-Uachdair
Chaidh caoraich a shaoradh gun dùil agus shiùbhail iad fada agus farsaing air na beanntan agus cùiltean Dhrùim-Uachdair. Chaidh fear a-mach los an tionail ach thàinig cuir is cathadh air is mheirich e san fhuachd –
“’S fhir nan sùl donna
Cha bu choma leam beò thu;
-
Tha mo chridhe chò ciùrrta,
’S nach giùlain e ’n còtan.”
Leanaidh sinn oirnn le pàirt a thrì an ath-thuras. An aithne dhuibh na h-òrain fos cionn? A bheil òrain eile agaibhse? Leigibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo