Gàidhlig / English
Òrain, Bàrdachd agus Duanagan an A9 ann an Alba (Pàirt 3)

Òrain, Bàrdachd agus Duanagan an A9 ann an Alba (Pàirt 3)

Air a sgrìobhadh le Calum air 7mh An t-Iuchar, 2022
Fàilte air ais! Tha sinn a' leantainn air adhart gu Tuath bho Bhàideanach gu Crìochan Baile Inbhir Nis.

Bàl Ghlinntruim”, le Dòmhnall Caimbeul (Dòmhnall 'ic Dhòmhnaill Phàil (mac Bàrd Ceann a' Ghiuthasaich, Dòmhnall Phàil) – Glentruim
Tha an t-òran “Macaronic” an-seo air leth spòrsail, ag innse mu chèilidh a bh’ ann an taigh mhòr Ghlinntruim –
“Yesterday evening 's feasgar an raoir,
We marched away to Bàl Ghlinntruim
We could not get lasses cha reachadh iad leinn
And going without them bu mhuladach sinn...”
 
Mo Nighean Donn as Bòidhche”, le Dòmhnall Phàil Caimbeul – Nòid
Fhad ’s a bha am bàrd, Dòmhnall Phàil, ag obair air buan an fhoghair ann am Baile a’ Chròdhain, ann am Bàideanach, thog e fonn agus rinn e an duan seo do chaileig à Nòid, faisg air an rathad-mhòr, a bha ag obair ann –
“I ri ì o, raithill o,
Raithill o, raithill o;
I ri ì o, raithill o,
Mo nighean donn as bòidhche.
 
’S i mo chaileag-s’ caileag Noid,
Far am bi i cha bhi sprochd;
’S fheàrr leam i na tè le stoc,
Cha bhi i crosd no beumach...”
 
Guma Slàn do na Fearaibh”, le Dòmhnall Phàil Caimbeul – Cinn a’ Ghiuthasaich
’S e òran eilthireachd a th’ ann, le daoine a’ falbh do dh’Àstrailia, a rinn Dòmhnall Phàil.
“Guma slàn do na fearaibh thèid thairis a' chuan,
Gu talamh a' gheallaidh far nach fairich iad fuachd.
Guma slàn do na fearaibh thèid thairis a' chuan.
 
Sinn a' fàgail an tìr' seo oir cha chinnich dhuinn nì ann
Tha 'm buntàt' air dol dhìth ann 's cha chinn iad le fuachd.
Guma slàn do na fearaibh thèid thairis a' chuan...”
 
Gleann Feishidh nan Siantan” – Gleann Feisidh
Tha an duanag seo a’ sealltainn àilleachd na glinne is a tòrrachas, le a tòrraidhean ri fhaotainn sa ghleann –
“Leam bu mhiann bhi ’n ad fhasgath,
Far am faighinn a’ bhroighleag,
An oighreag, ’s an dearcag.
Cnothan cruinn air a’ challtainn,
’S iasg dearg air na h-easan...”

’S Coimeas Mise do dh’Oisean”, le Calum Mac an t-Saoir (“Calum nam Protaigean”) – Ceann Craige agus Baile na h-Easbaige
'S ann mu Uilleam Mhic an Tòisich a tha an cumha seo, air a sgrìobhadh le Calum Mac an t-Saoir (“Calum nam Protaigean”). B' e duine-uasail a bh' ann agus dhèanadh an cumha seo ma dheidhinn gus ga chomharrachadh -
“'S Coimeas Mise do dh'Oisean,
'Bhiodh ag ìnnse mar 'thachair do 'n Fhéinn;
'Bhiodh a' bruidhinn mu Oscar-
'Bhiodh ag osnaich mu ghnìomh nam fear tréun...”

Fhuair Mi Naidheachd An-Dè”, le Uilleam “Ruidhe an Uidhe” Gobha - Dùn
'S e òran na Seilge a bh' ann ann am Bràigh Mhàrr le daoine-uaisle. Tha iomradh ann gu “Doune”, ann an Srath Spè, far an deach iad airson òla às dèidh toir na fèidh -
“Fhuair mi naidheachd an dé
Bho shealgair an fhéidh,
Chuir clach eadar mi féin ’s mo bhròg.

'S mi bhi 'n garbh-choire Dhé,
Ann an àros an fhéidh,
Far ann cuireamaid féum air lòn.

Troimh sneachda nan spéur
Seal mu 'n éirich a' ghréin,
Air mo bhreacan 'ga fhéileadh orm...”

Gur Trom, Trom a Tha Mi”, le Eòghan Òg Dòmhnallach - Srath-Nin, faisg air Caisteal na Màighe
Leughar an t-òran ann an “Gaelic Bards from 1825 to 1875”, d. 14. Thug e gaol do bhanarach ach cha b' urrainn dha a làmh fhaighinn oir cha b' e sin toil a h-athar. Às dèidh iomadh bhliadhna, a' cur seachad bliadhnachan anns an Airm, thill e agus bhuainnich esan a làmh mu dheireadh thall -
“Gur trom trom a tha mi,
'S gur trom a dh' fhag an t-earrach mi;
Gur truime 'n diugh na 'n de mi
'S mi cumha 'n deidh na banaraich...

Nam bithinn-sa 'n Strath-Eireann
Do speis cha bhiodh an aineol orm;
Ach tillidh mi ma 's beo mi,
'S le m' dheoin cha dean sinn dealachadh.”
 
Gheibhte Siud an Taigh na Màighe” – Màgh
Tha an t-òran seo a’ moladh Chloinn Chluainidh -
“Gheibhte siud an Tigh na Màighe,
Òl is Fìdhlearachd is aighear,
Faram sìoda ris na fraighean,
’Cur bhan-tighearnan a laighe.
 
Gheibhte siud an Tigh Chluainidh,
Cuirm, is copan, is cuachan,
Teine mòr air bheagan luaithre,
’S iad fèin ag òl air fìon uaibhreach...”
 
Là Chùil Lòdair”, le Iain Ruadh Stiùbhart – Cuil Lòdair
Tha Cùil Lodair air falbh bhon rathad-mhòr ach ’s e làrach agus àite a tha cho cudromach ann an eachdraidh agus seanchas an Gàidheil gu bheil e cho cudromach ri cur anns a’ bhrath-bhloga seo. Chaidh an t-òran a dhèanamh le Iain Ruadh Stiùbhart agus bha e an sàs anns a’ chath fhèin, agus rinn e an t-òran seo air mar bu lèir dha na thachair –
“O, gur mòr mo chùis mhulaid,
'S mi ri caoineadh na guin atà 'm thìr;
A Rìgh, bi làidir, 's tu 's urrainn
Ar nàimhdean a chumail fo chìs!
Oirnne 's làidir Diùc Uilleam,
An rag-mhèirleach, tha guin aige dhuinn;
B' e siud salchar nan sgeallag
Tighinn an uachdar air chruithneachd an fhuinn...”

Leanaidh sinn air adhart airson pàirt mu dheireadh an t-sreatha seo, a' leantail oirnn bho Inbhir Nis gu Inbhir Ùige. An aithne dhuibh fear de na h-òrain no duanagan fos cionn? A bheil feadhainn eile agaibhse? Nach leig sibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo